II. Esdras 3

3
CAIB. III.
1Anns an deicheamh bliadhna thar an fhichead an déigh sgrios aʼ bhaile, bha mi ann am Babilon, agus amʼ luidh gu trioblaideach air mo leabaidh, agus mo smuaintean ag éiridh suas amʼ chridhe;
2Oir chunnaic mi fàsachadh Shioin, agus saibhreas na muinntir a bha chòmhnuidh ann am Babilon.
3Agus bha mo spiorad gu searbh air a ghluasad, air chor is gun do thòisich mi air briathraibh làn eagail a labhairt ris an Tì a ʼs Airde, ag ràdh,
4O Thighearna a ta ʼriaghladh, labhair thu ʼsan toiseach, an uair a shuidhich thu an talamh, agus sin ʼnadʼ aonar, agus a thug thu aithne do ʼn t‑sluagh,
5Agus bhuilich thu air Adhamh corp a ʼs eugais anama, nì a be obair do làmh, agus shéid thu anail na beatha ann, agus rinneadh beò e aʼ dʼ làthair.
6Agus threòraich thu e do Phàras, a shuidhich do làmh dheas, mu ʼn dʼ thàinig riamh an talamh air aghaidh.
7Agus dhàsan thug thu àithne do shlighe fein a ghràdhachadh, an aghaidh an do chiontaich e, agus air ball shònraich thu dha am bàs, agus dʼ a ghinealaichibh, o ʼn dʼ thàinig ginealacha, treubhan, slòigh, agus fineacha gun àireamh.
8Agus dhʼ imich gach sluagh a réir an toile fein, agus rinn iad nithe mìorbhuileach aʼ dʼ làthair, agus rinn iad dìmeas air tʼ àitheantaibh‑san.
9Agus a rìs, an ceann làithean àraidh, thug thu an dìlinn#3.9 dìlinn dìle ‑ flood orra‑san a bha chòmhnuidh anns an t‑saoghal, agus sgrios thu iad.
10Agus thàinig e gu crìch anns gach aon aca, mar a bha am bàs do dhʼ Adhamh, mar sin bhaʼ n dìlinn doibh‑san.
11Gidheadh, bha a h‑aon diubh air fhàgail leat‑sa, eadhon Noah maille rʼ a theaghlaich, o ʼn dʼ thàinig na fìreana gu léir.
12Agus thàinig e gu crìch, an uair a thòisich iadsan a bha chòmhnuidh air an talamh air fàs lìonmhor, agus a ghin iad mòran cloinne, agus a bha iad ʼnan sluagh mòr, thòisich iad a rìs air a bhi ni ʼs an‑diadhaidh na iadsan ʼsan toiseach.
13A nis, an uair a bha iad aʼ teachd beò co h‑aingidh aʼ dʼ làthair‑sa, roghnaich thu asda duine dhuit fein, dʼ am bʼ ainm Abraham.
14Esan a ghràdhaich thu, agus dhàsan ʼna aonar dhʼ fhoillsich thu do thoil fein;
15Agus rinn thu coimhcheangal sìorruidh maille ris, aʼ gealltuinn dha nach tréigeadh tu gu bràth a shìol.
16Agus dhàsan thug thu Isaac, agus do Isaac thug thu mar an ceudna Iacob agus Esau. A thaobh Iacoib, roghnaich thu dhuit fein e, agus chuir thu Esau a thaobh, agus mar so dhʼ fhàs Iacob ʼna shluagh mòr.
17Agus thàinig e gu crìch, an uair a threòraich thu a shìol a mach as an Eiphit, thug thu suas iad gu beinn Shinai.
18Agus, aʼ lùbadh nam flaitheas, dhaingnich thu an talamh, ghluais thu an saoghal uile, agus chuir thu na doimhneachdan air chrith, agus chuir thu trioblaid air daoinibh na lìnne sin.
19Agus chaidh do ghlòir a mach troimh cheithir gheatan, do theine, agus do ʼn chrith‑thalmhainn, agus do ʼn ghaoith, agus do ʼn fhuachd; chum gu ʼn tugadh tu an lagh do shìol Iacoib, agus gu ʼn gabhadh tu cùram do ghinealach Israeil.
20Agus, an déigh sin cha tug thu uatha an cridhe aingidh, chum gun tugadh do lagh a mach toradh annta.
21Oir chiontaich aʼ cheud Adhamh, aig an robh cridhe aingidh, agus thugadh buaidh air; agus mar sin tha iadsan uile a ghineadh uaith.
22Rinneadh an anmhuinneachd so seasmhach: agus an lagh (mar an ceudna) ann an cridhe an t‑sluaigh le mì‑rùn ʼna fréimh; air chor is gu ʼn do theich am maith air falbh, agus dhʼ fhan an t‑olc fathast.
23Mar so chaidh na h‑amanna seachad, agus thugadh na bliadhnaichean gu crìch: an sin thog thu suas seirbhiseach dhuit fein, do ʼm bʼ ainm Daibhidh:
24Dʼ an tug thu àithne baile a thogail dodʼ ainm fein, agus tùis a losgadh, agus tabhartais a thoirt suas dhuit fein ann.
25An uair a rinneadh so rè iomadh bliadhna, an sin thréig iadsan thu, a bha chòmhnuidh anns aʼ bhaile,
26Agus anns na h‑uile nithibh rinn iad eadhon mar a rinn Adhamh, agus a ghinealacha gu léir; oir bha cridhe aingidh aca‑san mar an ceudna.
27Agus mar so thug thu thairis am baile agad do làmhaibh do nàimhdean fein.
28Am bheil uime sin an gnìomhara‑san aʼ bheag ni ʼs fearr a tha chòmhnuidh ann am Babilon, chum mar an ceudna gu ʼm biodh uachdaranachd aca thairis air Sion?
29Oir an uair a thàinig mi an sin, agus a chunnaic mi aingidheachdan gun àireamh, an sin chunnaic mʼ anam iomadh fear droch‑bheirt, anns an deicheamh bliadhna so thar an fhichead, air chor is gun do thréig mo chridhe mi;
30Oir chunnaic mi mar a cheadaich thu dhoibh peacachadh, agus mar a chaomhain thu luchd‑deanamh na h‑aingidheachd; agus a sgrios thu do phobull fein, agus a ghléidh thu do nàimhdean, agus nach do chuir thu an céill e.
31Cha ʼn ʼeil cuimhnʼ agam ciamar a dhʼ fhàgar an t‑slighe so. Am bheil iadsan uime sin a bhuineas do Bhabilon ni ʼs fearr na iadsan a bhuineas do Shion?
32No am bheil sluagh sam bith eile aig am bheil eòlas ortsa, a thuilleadh air Israel? Oir ciod an ginealach a chreid do chùmhnanta mar a rinn Iacob?
33Agus cha ʼn fhacas gidheadh an duais aca, agus cha ʼn ʼeil toradh aig an saothair; oir chaidh mi an sud agus an so air feadh nan cinneach, agus chunnaic mi gu ʼm bheil iad aʼ snàmh ann an saibhreas, agus nach ʼeil iad aʼ smuaineachadh air do reachdaibh.
34Cothromaich thusa uime sin ar n‑aingidheachd a nis air aʼ mheigh, agus an aingidheachd‑san mar an ceudna a tha chòmhnuidh anns an t‑saoghal; agus mar so cha ʼn fhaighear tʼ ainm ann an àite sam bith ach ann an Israel.
35Agus cʼ uin a bha e, an uair nach do chiontaich iadsan a ta chòmhnuidh air an talamh ʼnadʼ aghaidh? no cò iad an sluagh a ghléidh mar so tʼ àitheanta?
36Gheibh thu a mach gu ʼn do ghléidh Israel ann an ainm tʼ àitheanta, ach cha do ghléidh na cinnich.

اکنون انتخاب شده:

II. Esdras 3: MacGAP

های‌لایت

به اشتراک گذاشتن

کپی

None

می خواهید نکات برجسته خود را در همه دستگاه های خود ذخیره کنید؟ برای ورودثبت نام کنید یا اگر ثبت نام کرده اید وارد شوید