1
Eòin 10:10
Am Bìoball Gàidhlig 1992
Cha tig an gadaiche ach a ghoid, agus a mharbhadh, agus a mhilleadh: thàinig mise a‑chum gum biodh beatha aca, agus gum biodh i aca nas pailte.
مقایسه
Eòin 10:10 را جستجو کنید
2
Eòin 10:11
Is mise am buachaille math: leigidh am buachaille math a anam sìos airson nan caorach.
Eòin 10:11 را جستجو کنید
3
Eòin 10:27
Tha mo chaoraich-sa ag èisdeachd rim ghuth, agus is aithne dhomh iad, agus leanaidh iad mi
Eòin 10:27 را جستجو کنید
4
Eòin 10:28
Agus bheir mi a’ bheatha mhaireannach dhaibh; agus cha sgriosar iad am feasd, cha mhò a spìonas neach air bith as mo làimh iad.
Eòin 10:28 را جستجو کنید
5
Eòin 10:9
Is mise an doras: ma thèid neach air bith a‑steach tromhamsa, tèarnar e, agus thèid e a‑steach agus a‑mach, agus gheibh e ionaltradh.
Eòin 10:9 را جستجو کنید
6
Eòin 10:14
Is mise am buachaille math, agus is aithne dhomh mo chaoraich fhèin, agus aithnichear lem chaoraich fhèin mi.
Eòin 10:14 را جستجو کنید
7
Eòin 10:29-30
M’Athair a thug dhòmhsa iad, is mò e na na h‑uile; agus chan urrainn neach air bith an spìonadh à làimh m’Athar. Mise agus an t‑Athair, is aon sinn.
Eòin 10:29-30 را جستجو کنید
8
Eòin 10:15
Mar as aithne don Athair mise, mar sin is aithne dhòmhsa an t‑Athair: agus tha mi leigeadh m’anama sìos airson nan caorach.
Eòin 10:15 را جستجو کنید
9
Eòin 10:18
Chan eil neach air bith ga thoirt uam, ach tha mi ga leigeadh sìos uam fhèin: tha cumhachd agam a leigeadh sìos, agus tha cumhachd agam a ghlacadh a‑rìs. An àithne seo fhuair mi om Athair.
Eòin 10:18 را جستجو کنید
10
Eòin 10:7
An sin thubhairt Iosa riu a‑rìs, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh gur mise doras nan caorach.
Eòin 10:7 را جستجو کنید
11
Eòin 10:12
Ach am fear-tuarasdail, agus an tì nach e am buachaille, agus nach leis fhèin na caoraich, chì e am madadh-allaidh a’ teachd, agus fàgaidh e na caoraich, agus teichidh e: agus glacaidh am madadh-allaidh iad, agus sgapaidh e na caoraich.
Eòin 10:12 را جستجو کنید
12
Eòin 10:1
Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, An tì nach tèid a‑steach tron doras do chrò nan caorach, ach a thèid suas air sheòl eile, is gadaiche agus fear-reubainn e.
Eòin 10:1 را جستجو کنید
خانه
كتاب مقدس
برنامههای مطالعه
ویدیوها