Sailm 36
36
1Deir easaontas an droch dhuin’ seo
na chridhe staigh ’s na chliabh;
Fìor-eagal Dhè am beachd a shùl
chan eil, is cha robh riamh.
2Oir nì e brionnal baoth ris fhèin
a rèir mar thaitneas ris;
A chionta gus am foillsichear
mar adhbhar fuath da sgrios.
3Fìor-chluaintearachd is eucoir mhòr,
siud cainnt a bheòil gu tric:
Is sguir e fòs o dhèanamh maith,
is leig e dheth bhith glic.
4Aimhleas na leabaidh tha e dealbh;
san t-slighe nach eil ceart
Shuidhich is shocraich e e fhèin;
chan oillteil leis droch bheairt.
5Do thròcair tha sna nèamhaibh shuas,
a Thighearn is a Dhè:
Gu ruig na neòil, is àird nan speur,
làn-ruigidh d’fhìrinn rèidh.
6Do cheartas mar na slèibhtibh àrd’,
do bhreith mar dhoimhneachd mhòir;
Air duine ’s ainmhidh nì thu, Dhè,
deagh choimhead agus fòir.
7O Dhia! is prìseil urramach
do choibhneas gràdhach caoin;
Fo sgàil do sgèith nì uime sin,
làn dòchas clann nan daoin’.
8Le saill do theach is d’àrois phailt
sàsaichear iad gu mòr;
A d’abhainn làn de shòlasaibh
deoch bheir thu dhaibh ra h-òl.
9Tobar na beatha tha gu dearbh
agadsa, Dhia nan dùl;
Is ann ad sholas dealrach glan,
chì sinne solas iùil.
10Maireadh do choibhneas gràidh, a Dhè,
don dream chuir eòlas ort:
Is buanaich d’fhìreantachd faraon
do luchd a’ chridhe cheirt.
11Na leig do chois an àrdain bhuirb
am aghaidh teachd, a Dhè:
Is làmh an droch dhuin’ aingidh fòs
gu bràth na gluaiseadh mi.
12An sin do thuit luchd-dèanamh uilc,
is leagadh iad a sìos;
Aig dìobhail lùith chan fhaodar leo,
gun èirich iad a-nìos.
Currently Selected:
Sailm 36: SD1826
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
Sailm Dhaibhidh 1826 (le litreachadh ùr 2000)
© Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society) 2000