YouVersion Logo
Search Icon

Salm 141

141
Salm le Daibhidh.
1A Thighearna, tha mi ag èigheachd riut; greas am ionnsaigh; èisd rim ghuth nuair a dh’èigheas mi riut.
2Cuirear m’ùrnaigh ad làthair, mar thùis; togail suas mo làmh, mar an ìobairt fheasgair.
3Cuir, a Thighearna, faire air mo bheul; glèidh doras mo bhilean.
4Na aom mo chridhe gu nì olc air bith, gu beartan aingidh a chur an gnìomh le luchd-dèanamh na h‑euceirt; agus na itheam fhèin den nithean milis.
5Buaileadh am fìrean mi, is coibhneas e; agus cronaicheadh e mi, is ola luachmhor e, nach bris mo cheann; oir fhathast bidh m’ùrnaigh mar an ceudna air an son nan àmhghairean.
6Nuair a thilgear sìos am britheamhan ann an ionadan clachach, èisdidh iad rim bhriathran, oir tha iad milis.
7Mar a ghearras agus a sgoltas neach fiodh air an làr, sgaoileadh ar cnàmhan aig beul na h‑uaighe.
8Ach riutsa, a Iehòbhah, a Thighearna, tha mo shùilean; annadsa chuir mi mo dhòigh; na trèig m’anam.
9Coimhead mi on ribe a leag iad dhomh, agus o cheapan-tuislidh luchd-dèanamh na h‑euceirt.
10Tuiteadh na h‑aingidh nan lìontan fhèin, am feadh a bhios mise a’ gabhail thairis.

Currently Selected:

Salm 141: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in