Salm 139
139
Don àrd-fhear-ciùil. Salm le Daibhidh.
1A Thighearna, rannsaich thu mi, agus is aithne dhut mi.
2Is aithne dhut mo shuidhe agus m’èirigh; tuigidh tu mo smuaintean fad as.
3Chuartaich thu mo cheum agus mo laighe sìos, agus air mo shlighean gu lèir is fiosrach thu.
4Oir feuch, chan eil facal air mo theangaidh, a Thighearna, nach aithne dhut gu lèir.
5Am dhèidh agus romham chuartaich thu mi, agus chuir thu do làmh orm.
6Is ro‑iongantach an t‑eòlas seo air mo shon; tha e àrd; cha ruig mi air.
7Càit an tèid mi od spiorad, agus càit an teich mi od ghnùis?
8Ma thèid mi suas do nèamh, tha thu an sin; ma nì mi mo leabaidh ann an ifrinn, feuch, tha thu an sin.
9Ma ghabhas mi sgiathan na maidne agus gun còmhnaich mi ann an ionadan iomallach na fairge,
10Eadhon an sin stiùraidh do làmh mi, agus cumaidh do dheaslàmh suas mi.
11Ma their mi, Gu deimhinn falaichidh an dorchadas mi, bidh an oidhche fhèin mar sholas mun cuairt orm.
12Chan fhalaich eadhon an dorchadas uatsa, ach dealraichidh an oidhche mar an là; is ionann an dorchadas agus an solas dhutsa.
13Oir ghabh thu sealbh air m’àirnean; dh’fhalaich thu mi ann am broinn mo mhàthar.
14Molaidh mi thu, oir is uamhasach, iongantach a dhealbhadh mi; is iongantach d’obraichean-sa, agus is ro‑fhiosrach m’anam air sin.
15Cha d’fhalaicheadh mo chorp uat nuair a rinneadh mi ann an diamhaireachd, a dhealbhadh mi gu h‑iongantach ann an ionadan ìochdarach na talmhainn.
16Chunnaic do shùilean mo chiad-fhàs anabaich, agus ann ad leabhar sgrìobhadh sìos mo bhuill uile, a dhealbhadh ri ùine, gun aon dhiubh fhathast ann.
17O cia luachmhor leamsa do smuaintean-sa, a Dhè! Cia mòr an àireamh!
18Nan àirmhinn iad, is lìonmhoire iad na a’ ghaineamh; nuair a dhùisgeas mi, tha mi a‑ghnàth maille riutsa.
19Gu cinnteach, a Dhè, marbhaidh tusa an t‑aingidh; uime sin, a dhaoine fuileachdach, imichibh uam.
20Oir labhair iad ad aghaidh gu h‑aingidh; thug do naimhdean d’ainm an dìomhanas.
21Nach eil mi a’ tabhairt fuath, a Thighearna, dhaibhsan a tha a’ tabhairt fuath dhutsa? Agus nach eil mi a’ gabhail gràin dhiubhsan a tha ag èirigh suas ad aghaidh?
22Le fuath iomlan tha mi a’ tabhairt fuath dhaibh; mar naimhdean measam iad.
23Rannsaich mi, a Dhè, agus aithnich mo chridhe; dearbh mi, agus tuig mo smuaintean;
24Agus amhairc a bheil slighe olc air bith annam, agus treòraich mi anns an t‑slighe shìorraidh.
Currently Selected:
Salm 139: ABG1992
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017