Lùcas 19

19
7 Mu thimcheall Shachèuis a’ chìs‐mhaoir. 11 Na deich puinnd airgid. 28 Mharcaich Crìosd do Ierusalem le greadhnachas; 41 rinn e caoidh air a son; 45 thilg e a‑mach an luchd‐ceannachd agus an luchd‐reic as an teampall.
1Agus air do Iosa dol a‑steach, chaidh e tro Iericho#Ios 6:26; 1 Rìgh 16:34.
2Agus, feuch, bha duine ann dom b’ainm Sachèus, agus b’àrd chìs‐mhaor esan, agus bha e saoibhir:
3Agus bha dèidh aige air Iosa fhaicinn, cò e; agus cha b’urrainn e airson an t‑sluaigh, a chionn gu robh e ìosal na phearsa.
4Agus ruith e roimhe, agus streap e suas ann an craoibh shicamoir, a‑chum gum faiceadh e e; oir bha e gus an t‑slighe sin a ghabhail.
5Agus nuair a thàinig Iosa a‑chum an àite sin, air dha amharc suas, chunnaic e e, agus thubhairt e ris, A Shachèuis, thig a‑nuas gu grad; oir is èiginn dhòmhsa stad an‑diugh aig do thaigh#Eòin 14:23; Tais 3:20.
6Agus thàinig e a‑nuas le cabhaig, agus ghabh e ris gu subhach.
7Agus nuair a chunnaic iad seo, rinn iad uile gearan, ag ràdh gun deachaidh e a‑steach air aoigheachd gu duine a tha na pheacach#Lùc 5:20; Mat 9:11.
8Agus sheas Sachèus agus thubhairt e ris an Tighearna, Feuch, a Thighearna, tha mi a’ toirt leth mo mhaoin do na bochdan#Salm 41:1: agus ma thug mi aon nì o neach air bith le casaid bhrèige#Lùc 3:14; Ecs 20:16, tha mi a’ toirt dha a cheithir uiread#Ecs 22:1; 2 Sam 12:6.
9Agus thubhairt Iosa ris, Thàinig slàinte an‑diugh a dh’ionnsaigh an taighe seo, do bhrìgh gur mac do Abrahàm esan mar an ceudna#Lùc 13:16.
10Oir thàinig Mac an Duine a shireadh agus a thèarnadh an nì sin a bha caillte#Esec 34:16; Mat 18:11; Ròm 5:6.
11Agus a’ cluinntinn nan nithean sin dhaibh, chuir e ris, agus labhair e cosamhlachd, do bhrìgh gu robh e am fagas do Ierusalem, agus gun do shaoil iadsan gum biodh rìoghachd Dhè air a grad‐fhoillseachadh#Gnìo 1:6.
12Air an adhbhar sin thubhairt e#Mat 25:14, etc.; Marc 13:34, Chaidh duine uasal àraidh do dhùthaich fad as a dh’fhaotainn rìoghachd dha fhèin, agus a thilleadh air ais.
13Ach ghairm e a dheich seirbhisich, agus thug e dhaibh deich puinnd, agus thubhairt e riu, Cuiribh gu buil iad, gus an tig mise.
14Agus bha fuath aig muinntir a dhùthcha dha#Eòin 1:11; 15:18, agus chuir iad teachdaireachd na dhèidh, ag ràdh, Chan àill leinn an duine seo a bhith na rìgh oirnn.
15A‑nis nuair a thill e air ais, an dèidh dha an rìoghachd fhaotainn, an sin dh’òrdaich e na seirbhisich ud a bhith air an gairm da ionnsaigh, don tug e an t‑airgead, a‑chum gum biodh fhios aige ciod a bhuannaich gach aon dhiubh leis a’ bhuileachadh.
16An sin thàinig an ciad fhear, ag ràdh, A thighearna, bhuidhinn do phunnd deich puinnd.
17Agus thubhairt e ris, Is math, a dheagh sheirbhisich: do bhrìgh gu robh thusa fìrinneach ann an ro‑bheagan#Lùc 16:10, biodh agadsa uachdaranachd air deich bailtean.
18Agus thàinig an dara fear, ag ràdh, A thighearna, rinn do phunnd còig puinnd.
19Agus thubhairt e ris‐san, Bi‑sa mar an ceudna os cionn còig bailtean.
20Agus thàinig fear eile, ag ràdh, A thighearna, feuch do phunnd, a bha agamsa taisgte ann an nèapaigean:
21Oir bha eagal orm romhad, do bhrìgh gur duine geur‐theann thu: tha thu a’ togail an nì nach do leag thu, agus a’ buain an nì nach do chuir thu.
22Agus thubhairt e ris, As do bheul fhèin bheir mi breith ort#2 Sam 1:16; Iob 15:6; Mat 12:37, a dhroch sheirbhisich. Bha fhios agad gum bu duine geur‐theann mi, a’ togail an nì nach do leag mi, agus a’ buain an nì nach do chuir mi:
23Air an adhbhar sin carson nach tug thu m’airgead don luchd‐malairt#Ròm 2:4, 5, agus air teachd dhòmhsa thogainn e le riadh?
24Agus thubhairt e riùsan a bha nan seasamh an làthair, Thugaibh uaithe am punnd, agus thoiribh dhàsan e aig a bheil na deich puinnd;
25(Agus thubhairt iad ris, A thighearna, tha deich puinnd aige;)
26Oir tha mi ag ràdh ribh gun toirear do gach neach aig a bheil#Lùc 8:18; Mat 13:12; 25:29; Marc 4:25: ach uaithesan aig nach eil, bheirear eadhon an nì sin a tha aige.
27Ach thugaibh an seo na naimhdean ud agamsa#1 Sam 11:12; Salm 2:4, 5, 9; 21:8, 9; Isa 66:6, 14; Eabh 10:13, leis nach b’àill mise a bhith am rìgh os an cionn, agus marbhaibh am fhianais iad.
28Agus air dha seo a ràdh, dh’imich e romhpa, a’ dol suas gu Ierusalem.
29A‑nis nuair a dhruid e ri Betphage agus Betani#Mat 21:1, etc.; Marc 11:1, etc., làimh ris an t‑sliabh ris an abrar Sliabh nan Crann‐ola, chuir e dithis de a dheisciobail uaithe,
30Ag ràdh, Imichibh don bhaile tha fa ur comhair; anns am faigh sibh, air dhuibh dol a‑steach, searrach ceangailte, air nach do shuidh aon duine riamh: fuasglaibh, agus thugaibh an seo e.
31Agus ma dh’fheòraicheas neach air bith dhibh, Carson a tha sibh ga fhuasgladh? mar seo their sibh ris, Tha feum aig an Tighearna air#Salm 50:10.
32Agus air imeachd dhaibhsan a chuireadh air falbh, fhuair iad mar a thubhairt e riu.
33Agus nuair a bha iad a’ fuasgladh an t‑searraich, thubhairt a shealbhadairean riu, Carson a tha sibh a’ fuasgladh an t‑searraich?
34Agus thubhairt iadsan, Tha feum aig an Tighearna air.
35Agus thug iad gu Iosa e: agus thilg iad am fallaingean air an t‑searrach#Eòin 12:14, agus chuir iad Iosa air.
36Agus ag imeachd dhàsan, sgaoil iad am fallaingean fodha air an t‑slighe.
37Agus nuair a thàinig e am fagas, eadhon gu dol sìos Sliabh nan Crann‐ola, thòisich mòr‐chuideachd nan deisciobal uile ri gàirdeachas a dhèanamh, agus moladh a thoirt do Dhia le guth àrd, airson nan uile obraichean cumhachdach a chunnaic iad,
38Ag ràdh, Guma beannaichte an Rìgh a tha a’ teachd ann an ainm an Tighearna#Lùc 13:35; Salm 118:26: sìth air nèamh, agus glòir anns na h‑àrdan#Lùc 2:14; Eph 2:14.
39Agus thubhairt cuid de na Pharasaich o mheasg an t‑sluaigh ris, A Mhaighistir, cronaich do dheisciobail.
40Agus fhreagair esan, agus thubhairt e riu, Tha mi ag ràdh ribh, nam fanadh iad sin nan tosd, gun glaodhadh na clachan fhèin#Hab 2:11; Mat 3:9.
41Agus nuair a thàinig e am fagas, chunnaic e am baile, agus ghuil e air a shon#Salm 119:136; Ier 9:1; 13:17; Hos 11:8,
42Ag ràdh, Nam b’aithne dhut, eadhon dhutsa, air bheag sam bith ann ad là seo fhèin#Deut 5:9; Isa 48:18; Eabh 3:7, 8, na nithean a bhuineas dod shìth: ach a‑nis tha iad falaichte od shùilean.
43Oir thig na làithean ort, anns an tilg do naimhdean dìg mud thimcheall#Isa 29:2, 3; Ier 6:5, 6, agus an iadh iad umad mun cuairt, agus an druid iad a‑steach air gach taobh thu;
44Agus an leag iad cho ìosal ris an làr thu#1 Rìgh 9:7, 8; Mic 3:12; Mat 23:37, 38, agus do chlann annad, agus nach fàg iad annad clach air muin cloiche#Mat 24:2; Marc 13:2; do bhrìgh nach b’aithne dhut aimsir d’fhiosrachaidh#Tuir 1:8; 1 Pead 2:12.
45Agus chaidh e a‑steach don teampall, agus thòisich e air an dream a bha a’ reic agus a’ ceannach ann a thilgeadh a‑mach.
46Ag ràdh riu, Tha e sgrìobhte, Is taigh‐ùrnaigh mo thaigh‐sa#Isa 56:7; ach rinn sibhse na gharaidh luchd‐reubainn e#Ier 7:11.
47Agus bha e gach là a’ teagasg anns an teampall#Eòin 18:20. Ach dh’iarr na h‑àrd‐shagartan, agus na sgrìobhaichean, agus ceannardan a’ phobaill, esan a mhilleadh.
48Gidheadh cha robh fhios aca ciod a dhèanadh iad: oir bha am poball uile ag èisdeachd ris le ro‑aire#19:48 an crochadh air, ag èisteachd..

Zur Zeit ausgewählt:

Lùcas 19: ABIG

Markierung

Teilen

Kopieren

None

Möchtest du deine gespeicherten Markierungen auf allen deinen Geräten sehen? Erstelle ein kostenloses Konto oder melde dich an.