Eòin 7

7
1 Chronaich Iosa àrd‐inntinn agus dànadas a chàirdean; 10 chaidh e suas o Ghalile gu fèill nam pàillean; 14 agus theagaisg e anns an teampall. 40 Iomadh gnè bharail mu thimcheall Iosa am measg an t‑sluaigh.
1Agus an dèidh nan nithean sin, bha Iosa ag imeachd mun cuairt ann an Galile: oir cha b’àill leis a bhith ag imeachd ann an Iudèa, a chionn gu robh na h‑Iùdhaich ag iarraidh a mharbhadh#Eòin 5:16, 18.
2Agus bha fèill nan Iùdhach, eadhon fèill nam pàillean#Lebh 23:34, am fagas.
3Uime sin thubhairt a bhràithrean ris, Imich as a seo agus rach do Iudèa, a‑chum gum faic do dheisciobail mar an ceudna d’obraichean a tha thu a’ dèanamh.
4Oir cha dèan neach air bith aon nì am falach, a dh’iarras e fhèin a bhith am follais: ma tha thu a’ dèanamh nan nithean seo, nochd thu fhèin don t‑saoghal.
5Oir cha do chreid a bhràithrean fhèin ann#Marc 3:21.
6An sin thubhairt Iosa riu, Cha tàinig m’àm‑sa fhathast#Eòin 2:4; 8:20; ach tha ur n‑àm‑se a‑ghnàth deas.
7Chan eil e an comas don t‑saoghal sibhse fhuathachadh#Eòin 15:19; ach fuathaichidh e mise, do bhrìgh gu bheil mi a’ toirt fianais ma thimcheall, gu bheil a obraichean olc.
8Rachaibh‐se suas a‑chum na fèille seo: cha tèid mise suas fhathast a‑chum na fèille seo, do bhrìgh nach eil m’àm fhathast air a choileanadh.
9Nuair a thubhairt e na nithean seo riu, dh’fhan e ann an Galile.
10Ach nuair a chaidh a bhràithrean suas, an sin chaidh esan suas mar an ceudna a‑chum na fèille, chan ann am follais, ach mar gum b’ann an uaigneas.
11An sin dh’iarr na h‑Iùdhaich e air an fhèill#Eòin 11:56, agus thubhairt iad, Càit a bheil e?
12Agus bha borbhan mòr am measg an t‑sluaigh ma thimcheall#Eòin 9:16: oir thubhairt cuid, Is duine math e: ach thubhairt cuid eile, Chan eadh; ach tha e a’ mealladh an t‑sluaigh.
13Gidheadh cha do labhair neach sam bith gu follaiseach uime, air eagal nan Iùdhach.
14A‑nis mu mheadhon na fèille, chaidh Iosa suas don teampall, agus theagaisg e.
15Agus ghabh na h‑Iùdhaich iongantas#Mat 13:54, ag ràdh, Cionnas as aithne don duine seo litrichean, agus nach d’fhòghlaim e?
16Fhreagair Iosa iad, agus thubhairt e, Cha leam fhèin mo theagasg#Eòin 8:28; 12:49, ach leis‐san a chuir uaithe mi.
17Mas àill le neach sam bith a thoil‐san a dhèanamh#Eòin 8:43; Salm 25:12, bidh fios aige mun teagasg, an ann o Dhia a tha e, no a bheil mise a’ labhairt uam fhèin.
18An tì a labhras uaithe fhèin, tha e ag iarraidh a ghlòire fhèin#Eòin 8:50: ach ge bè a dh’iarras glòir an tì a chuir uaithe e, tha esan fìrinneach, agus chan eil eucoir air bith ann.
19Nach tug Maois an lagh dhuibh#Eòin 1:17; Gal 3:19, agus gidheadh chan eil aon neach agaibh a’ coileanadh an lagha#Ròm 3:10‐19? Carson a tha sibh ag iarraidh mise a mharbhadh#Eòin 5:16, 18; Mat 12:14?
20Fhreagair an sluagh agus thubhairt iad, Tha deamhan agad: cò a tha ag iarraidh do mharbhadh?
21Fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Rinn mise aon obair, agus tha iongantas oirbh uile air an adhbhar sin.
22Thug Maois dhuibh an timcheall‐ghearradh#Lebh 12:3 (chan e gur ann o Mhaois a tha e, ach o na h‑athraichean#Gen 17:10), agus timcheall‐ghearraidh sibhse duine air an t‑sàbaid.
23Ma tha duine air an t‑sàbaid a’ gabhail timcheall‐ghearraidh, a‑chum nach bi lagh Mhaois air a briseadh, a bheil fearg agaibh riumsa, a chionn gun do rinn mi duine gu h‑iomlan slàn air an t‑sàbaid#Eòin 5:8?
24Na tugaibh breith a rèir coslais#Deut 1:16, 17, ach thugaibh breith cheart.
25An sin thubhairt cuid de mhuinntir Ierusaleim, Nach e seo esan a tha iad ag iarraidh a mharbhadh?
26Agus, feuch, tha e a’ labhairt gu follaiseach, agus chan eil iad ag ràdh nì sam bith ris: a bheil dearbh‐fhios aig na h‑uachdarain gur e seo da‑rìribh Crìosd?
27Gidheadh is aithne dhuinn an duine seo, cia as dha: ach nuair a thig Crìosd, chan aithne do neach air bith cia as dha.
28An sin ghlaodh Iosa anns an teampall, agus e a’ teagasg, ag ràdh, Is aithne dhuibh araon mise#Eòin 8:14, agus cia as dhomh: agus cha tàinig mi uam fhèin#Eòin 5:43, ach tha esan fìor a chuir uaithe mi#Ròm 3:4, air nach eil eòlas agaibhse.
29Ach tha eòlas agamsa air#Eòin 10:15; Mat 11:27; oir is ann uaithe a tha mi, agus chuir esan uaithe mi.
30An sin dh’iarr iad a ghlacadh#Marc 11:18; Lùc 20:19: ach cha do chuir neach air bith làmh ann, a chionn nach robh a uair fhathast air teachd.
31Agus chreid mòran den t‑sluagh ann#Eòin 4:39, agus thubhairt iad, Nuair a thig Crìosd, an dèan e nas mò de mhìorbhailean na iad sin a rinn an duine seo?
32Chuala na Pharasaich gu robh an sluagh a’ borbhanaich nan nithean seo ma thimcheall: agus chuir na Pharasaich agus na h‑àrd‐shagartan maoir ga ghlacadh.
33An sin thubhairt Iosa, Fhathast tamall beag tha mise maille ribh#Eòin 13:33; 16:16, agus an sin tha mi a’ dol a‑chum an tì a chuir uaithe mi.
34Iarraidh sibh mi#Eòin 8:21; Hos 5:6, agus chan fhaigh sibh mi: agus don àite anns am bi mi, chan urrainn sibhse teachd.
35An sin thubhairt na h‑Iùdhaich eatorra fhèin, Càit an tèid am fear seo, nach faigh sinn e? An tèid e a‑chum na muinntir a tha air an sgapadh am measg nan Greugach#Isa 11:12; Seum 1:1; 1 Pead 1:1, agus an teagaisg e na Greugaich?
36Ciod i a’ chainnt seo a thubhairt e, Iarraidh sibh mi, agus chan fhaigh sibh mi: agus don àite anns a bheil mise, chan urrainn sibhse teachd?
37Air an là dheireannach#Lebh 23:36, là mòr sin na fèille, sheas Iosa agus ghlaodh e, ag ràdh, Ma tha tart air neach sam bith#Isa 55:1; Tais 22:17, thigeadh e am ionnsaigh‐sa, agus òladh e.
38An tì a chreideas annamsa, mar a tha an sgriobtar ag ràdh, sruthaidh as a bhroinn aibhnichean de uisge beò#Eòin 4:14; Gnà 18:4; Isa 58:11.
39(Ach labhair e seo mun Spiorad#Eòin 16:7; Isa 44:3; Gnìo 2:17, 33, a bha iadsan a chreideadh annsan gu fhaghail: oir cha robh an Spiorad fhathast air a thabhairt, do bhrìgh nach robh Iosa fhathast air a ghlòrachadh.)
40Uime sin, nuair a chuala mòran den t‑sluagh a’ chainnt seo, thubhairt iad, Gu fìrinneach is e seo am Fàidh#Eòin 6:14; Deut 18:15, 18.
41Thubhairt cuid eile, Is e seo Crìosd#Eòin 4:42; 6:69. Ach thubhairt dream eile, An ann o Ghalile a thig Crìosd#Eòin 7:52; Eòin 1:46?
42Nach dubhairt an sgriobtar gun tig Crìosd de shìol Dhaibhidh#Salm 132:11; Isa 11:1; Ier 23:5, agus à Betlehem, am baile anns an robh Daibhidh#1 Sam 16:1, 4; Lùc 2:4?
43Air an adhbhar sin dh’èirich eas‐aonachd am measg an t‑sluaigh air a shon‐san.
44Agus b’àill le cuid dhiubh a ghlacadh; ach cha do chuir duine air bith làmh ann.
45An sin thàinig na maoir a‑chum nan ard‐shagart agus nam Pharasach; agus thubhairt iadsan riu, Carson nach tug sibh leibh e?
46Fhreagair na maoir, Cha do labhair duine riamh mar an duine seo#Lùc 4:22.
47An sin fhreagair na Pharasaich iad, A bheil sibhse mar an ceudna air ur mealladh?
48An do chreid aon air bith de na h‑uachdarain ann#Eòin 12:42; Ier 5:4, 5; 1 Cor 1:26, no de na Pharasaich?
49Ach an sluagh seo aig nach eil eòlas an lagha, tha iad mallaichte.
50Thubhairt Nicodèmus riu (esan a thàinig da ionnsaigh anns an oidhche#Eòin 3:2, air dha a bhith na aon dhiubh),
51A bheil ar lagh‐ne a’ toirt breith air duine sam bith gus an cluinn e uaithe fhèin an toiseach#Deut 17:8; Gnà 18:13, agus gus am bi fhios aige ciod a tha e a’ dèanamh?
52Fhreagair iadsan agus thubhairt iad ris, A bheil thusa mar an ceudna o Ghalile? Rannsaich, agus faic: oir à Galile cha d’èirich fàidh#Isa 9:1, 2.
53Agus dh’imich gach aon da thaigh fhèin.

Zur Zeit ausgewählt:

Eòin 7: ABIG

Markierung

Teilen

Kopieren

None

Möchtest du deine gespeicherten Markierungen auf allen deinen Geräten sehen? Erstelle ein kostenloses Konto oder melde dich an.