Eòin 1
1
1 Diadhachd, daonnachd, agus dreuchd Iosa Crìosd. 15 Fianais Eòin. 37 Gairm Anndrais, Pheadair, 43 Philip, 45 agus Natànaeil.
1Anns an toiseach bha am Facal#Gnà 8:22‐31; Col 1:16, 17, agus bha am Facal maille ri Dia#Eòin 17:5, agus b’e am Facal Dia#Eòin 10:30.
2Bha e seo air tùs maille ri Dia.
3Rinneadh na h‑uile nithean leis#Eph 3:9; Eabh 1:2; agus as eugmhais cha do rinneadh aon nì a rinneadh.
4Annsan bha beatha#1 Eòin 5:11, agus b’i a’ bheatha solas dhaoine#Eòin 8:12.
5Agus tha an solas a’ soillseachadh anns an dorchadas#Eòin 3:19, agus cha do ghabh an dorchadas e.
6Chuireadh duine o Dhia, dom b’ainm Eòin.
7Thàinig esan mar fhianais, a‑chum fianais a thoirt mun t‑solas, a‑chum gun creideadh na h‑uile trìdsan.
8Cha b’esan an solas sin, ach chuireadh e a‑chum gun tugadh e fianais mun t‑solas.
9B’e seo an solas fìor a tha a’ soillseachadh gach uile dhuine a tha a’ teachd a‑chum an t‑saoghail#Isa 49:6.
10Bha e anns an t‑saoghal, agus rinneadh an saoghal leis, agus cha d’aithnich an saoghal e.
11Thàinig e a dh’ionnsaigh a dhùthcha fhèin#Gnìo 3:26, agus cha do ghabh a mhuinntir fhèin ris.
12Ach a mheud is a ghabh ris#Ròm 8:14, 15; Gal 3:26, thug e dhaibh cumhachd a bhith nan cloinn do Dhia, eadhon dhaibhsan a tha a’ creidsinn na ainm#Gal 3:26:
13A bha air an gineamhain#Seum 1:18, chan ann o fhuil, no o thoil na feòla, no o thoil duine, ach o Dhia.
14Agus rinneadh am Facal na fheòil#Lùc 1:35; 1 Tim 3:16, agus ghabh e còmhnaidh nar measg‐ne (agus chunnaic sinn a ghlòir, mar ghlòir aon‐ghin Mhic an Athar#2 Pead 1:17; 1 Eòin 1:1, 2), làn gràis agus fìrinn#Salm 45:2; Col 2:3, 9.
15(Thug Eòin fianais uime#Mat 3:11, etc., agus ghlaodh e, ag ràdh, Is e seo an tì mun do labhair mi, An tì a tha a’ teachd am dhèidh, tha toiseach aige orm; oir bha e romham.)
16Agus as a lànachd‐san fhuair sinne uile#Eòin 3:24, agus gràs airson#1:16 gràs air ghràs. gràis.
17Oir thugadh an lagh le Maois, ach thàinig an gràs agus an fhìrinn le Iosa Crìosd#Salm 85:10; Ròm 5:21.
18Chan fhaca neach air bith Dia riamh#Ecs 33:20; 1 Tim 6:18; an t‑aon‐ghin Mic, a tha ann an uchd an Athar#1 Eòin 4:9, is esan a dh’fhoillsich e.
19Agus is e seo fianais Eòin nuair a chuir na h‑Iùdhaich sagartan agus Lèbhithich o Ierusalem, a‑chum gum fiosraicheadh iad dheth, Cò thusa?
20Dh’aidich esan#Eòin 3:28, agus cha d’àich e; ach dh’aidich e, Cha mhi Crìosd.
21Agus dh’fheòraich iad dheth, Ciod mas eadh? An tu Elias? Agus thubhairt e, Cha mhi. An tu am fàidh? Agus fhreagair e, Cha mhi.
22An sin thubhairt iad ris, Cò thu? A‑chum gun toir sinn freagradh dhaibhsan a chuir uapa sinn: ciod a tha thu ag ràdh mud thimcheall fhèin?
23Thubhairt e, Is mise guth an tì a ghlaodhas anns an fhàsach#Mat 3:3; Marc 1:3, Dèanaibh dìreach slighe an Tighearna, mar a thubhairt am fàidh Esaias#Isa 40:3.
24Agus an dream a chuireadh leis an teachdaireachd, b’ann de na Pharasaich iad.
25Agus dh’fheòraich iad dheth, agus thubhairt iad ris, Carson mas eadh a tha thu a’ baisteadh, mura tu Crìosd, no Elias, no am fàidh?
26Fhreagair Eòin iad, ag ràdh, Tha mise a’ baisteadh le uisge; ach tha neach na sheasamh nur measg#Mal 3:1, nach aithne dhuibh;
27Is e seo an tì, a tha a’ teachd am dhèidh‐sa, aig a bheil toiseach orm, neach nach airidh mise air barr‐iall a bhròige fhuasgladh.
28Rinneadh na nithean seo ann am Betani#1:28 Betabara. air an taobh thall de Iòrdan#Bri 7:24, far an robh Eòin a’ baisteadh.
29Air an là màireach chunnaic Eòin Iosa a’ teachd da ionnsaigh, agus thubhairt e, Feuch Uan Dhè#Ecs 12:3; Isa 53:7, 11; Tais 5:6, a tha a’ toirt air falbh peacadh an t‑saoghail#Gnìo 13:39; 1 Pead 2:24; Tais 1:5!
30Is e seo an tì mun dubhairt mi, Tha fear a’ teachd am dhèidh aig a bheil barrachd orm; oir bha e romham.
31Agus cha robh aithne agamsa air: ach a‑chum gum biodh e air fhoillseachadh do Israel, uime sin thàinig mi a’ baisteadh le uisge.
32Agus thug Eòin fianais, ag ràdh, Chunnaic mi an Spiorad a’ teachd a‑nuas mar chalaman o nèamh, agus ghabh e còmhnaidh air.
33Agus cha b’aithne dhòmhsa e: ach an tì a chuir mi a bhaisteadh le uisge, thubhairt esan rium, Ge bè air am faic thu an Spiorad a’ teachd a‑nuas agus a’ gabhail còmhnaidh#Eòin 3:34, is e sin an tì a bhaisteas leis an Spiorad Naomh#Gnìo 1:5; 2:4.
34Agus chunnaic mi, agus rinn mi fianais, gur e seo Mac Dhè.
35Air an là màireach a‑rìs sheas Eòin agus dithis de a dheisciobail;
36Agus air dha amharc air Iosa, agus e ag imeachd, thubhairt e, Feuch Uan Dhè!
37Agus chuala an dithis dheisciobal e a’ labhairt, agus lean iad Iosa.
38Agus air tionndadh do Iosa, chunnaic e iad ga leantainn, agus thubhairt e riu, Ciod a tha sibh ag iarraidh? Thubhairt iadsan ris, Rabbi (is e sin ri ràdh, air eadar‐theangachadh, A Mhaighistir), càit a bheil thu a’ gabhail còmhnaidh?
39Thubhairt e riu, Thigibh agus faicibh. Thàinig iad agus chunnaic iad càit an robh e a’ gabhail còmhnaidh, agus dh’fhan iad maille ris air an là sin: oir bha e mu thimcheall na deicheamh uaire.
40B’e Anndras#Mat 4:18, bràthair Shìmoin Pheadair, aon den dithis a chuala Eòin a’ labhairt, agus a lean esan.
41Fhuair esan air tùs a bhràthair fhèin Sìmon, agus thubhairt e ris, Fhuair sinne am Mesias, is e sin, air eadar‐theangachadh, Crìosd#1:41 is e sin, Aon Ungta..
42Agus thug e a‑chum Iosa e; agus nuair a dh’amhairc Iosa air, thubhairt e, Is tusa Sìmon mac Iòna: gairmear Cèphas dhìot#Mat 16:18, is e sin air eadar‐theangachadh, Peadar#1:42 is e sin, carraig..
43Air an là na dhèidh sin, bu toil le Iosa dol a‑mach do Ghalile, agus fhuair e Philip, agus thubhairt e ris, Lean mise.
44A‑nis bha Philip o Bhetsaida, baile Anndrais agus Pheadair.
45Fhuair Philip Natànael, agus thubhairt e ris, Fhuair sinne an tì mun do sgrìobh Maois anns an lagh#Lùc 24:27, 44, agus na fàidhean, Iosa o Nàsaret, mac Iòseiph.
46Agus thubhairt Natànael ris, Am faod nì math air bith teachd à Nàsaret#Eòin 7:41? Thubhairt Philip ris, Thig agus faic.
47Chunnaic Iosa Natànael a’ teachd da ionnsaigh, agus thubhairt e uime, Feuch Israeleach da‑rìribh#Salm 32:2; Ròm 2:28, 29, anns nach eil cealg!
48Thubhairt Natànael ris, Cionnas as aithne dhut mi? Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Mun do ghairm Philip thu, nuair a bha thu fon chrann‐fhìge, chunnaic mise thu.
49Fhreagair Natànael agus thubhairt e ris, Rabbi, is tusa Mac Dhè#Eòin 20:28, 29; Mat 14:33; is tu Rìgh Israeil#Mat 21:5; 27:11.
50Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, A chionn gun dubhairt mi riut, chunnaic mi thu fon chrann‐fhìge, a bheil thu a’ creidsinn? Chì thu nithean as mò na iad seo.
51Agus thubhairt e ris, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, na dhèidh seo chì sibh nèamh fosgailte#Esec 1:1, agus aingil Dhè a’ dol suas agus a’ teachd a‑nuas air Mac an Duine#Gen 28:12; Daniel 7:9, 10; Gnìo 1:10, 11.
Valgt i Øjeblikket:
Eòin 1: ABIG
Markering
Del
Kopiér
Vil du have dine markeringer gemt på tværs af alle dine enheder? Tilmeld dig eller log ind
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017