Genesis 11

11
1 Aon chainnt air an talamh. 3 Tùr Bhàbeil. 10 Ginealaich Sheim. 27 Ginealaich Therah, athar Abraim. 31 Turas Thèrah o Ur gu Hàran, agus a bhàs.
1Agus bha an talamh uile de aon teanga#11:1 bhile., agus na h‑aon fhacail#11:1 dh’aon fhacail. aig gach neach.
2Agus nuair a bha iad air an turas on àird an ear#11:2 don aird an ear., fhuair iad còmhnard ann an talamh Shinair; agus ghabh iad còmhnaidh an sin.
3Agus thubhairt iad gach aon ri chèile, Thigibh, dèanamaid clachan‐creadha, agus làn‐loisgeamaid iad. Agus bha a’ chlach‐chreadha aca airson cloiche, agus bha làthach aca airson aoil.
4Agus thubhairt iad, Thigibh, togamaid dhuinn fhèin baile, agus tùr#Deut 1:28, aig am bi a mhullach a’ ruigheachd gu nèamh; agus dèanamaid dhuinn fhèin ainm#Salm 49:11‐13; Gnà 10:7; Daniel 4:30, air eagal gun sgaoilear o chèile sinn#Gen 11:8, 9; Salm 92:9; Lùc 1:51 air aghaidh na talmhainn uile.
5Agus thàinig an Tighearna a‑nuas#Gen 18:21 a dh’fhaicinn a’ bhaile agus an tùir, a thog clann nan daoine.
6Agus thubhairt an Tighearna, Feuch, is aon sluagh a tha ann, agus aon teanga aca uile; agus thòisich iad air seo a dhèanamh: agus a‑nis cha bhacar dhiubh nì air bith a smaoinich#Salm 2:1 iad a dhèanamh.
7Thigibh, rachamaid sìos, agus cuireamaid an cainnt an sin thar a chèile#Salm 55:9; Gnìo 2:6; 1 Cor 14:23, a‑chum is nach tuig iad cainnt a chèile.
8Mar sin sgaoil an Tighearna iad uaithe sin air aghaidh na talmhainn uile: agus sguir iad de thogail a’ bhaile.
9Uime sin thugadh Bàbel#11:9 troimhe‐chèile. mar ainm air; do bhrìgh ann an sin gun do chuir an Tighearna thar a chèile cainnt na talmhainn uile: agus uaithe sin sgaoil an Tighearna iad air aghaidh na talmhainn uile#Gnìo 17:26.
10Is iad seo ginealaichean Sheim: Bha Sem ceud bliadhna a dh’aois, agus ghin e Arphacsad dà bhliadhna an dèidh na dìle:
11Agus bha Sem beò, an dèidh dha Arphacsad a ghintinn, còig ceud bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan.
12Agus bha Arphacsad beò còig‐bliadhna‑deug ar fhichead, agus ghin e Salah:
13Agus bha Arphacsad beò, an dèidh dha Salah a ghintinn, ceithir cheud agus trì bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan.
14Agus bha Salah beò deich‐bliadhna‑fichead, agus ghin e Eber.
15Agus bha Salah beò, an dèidh dha Eber a ghintinn, ceithir cheud agus trì bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan.
16Agus bha Eber beò ceithir‐bliadhna‑deug ar fhichead, agus ghin e Peleg#11:16 Lùc 3:35, Phalec.:
17Agus bha Eber beò, an dèidh dha Peleg a ghintinn, ceithir cheud agus deich‐bliadhna‑fichead, agus ghin e mic agus nigheanan.
18Agus bha Peleg beò deich‐bliadhna‑fichead, agus ghin e Reu:
19Agus bha Peleg beò, an dèidh dha Reu a ghintinn, dà cheud agus naoi bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan.
20Agus bha Reu beò dà‑bhliadhna‑dheug ar fhichead, agus ghin e Serug#11:20 Lùc 3:35, Saruch.:
21Agus bha Reu beò, an dèidh dha Serug a ghintinn, dà cheud agus seachd bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan.
22Agus bha Serug beò deich‐bliadhna‑fichead, agus ghin e Nàhor:
23Agus bha Serug beò, an dèidh dha Nàhor a ghintinn, dà cheud bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan.
24Agus bha Nàhor beò naoi‐bliadhna‑fichead, agus ghin e Tèrah:
25Agus bha Nàhor beò an dèidh dha Tèrah a ghintinn, ceud agus naoi‐bliadhna‑deug, agus ghin e mic agus nigheanan.
26Agus bha Tèrah beò deich agus trì‐fichead bliadhna, agus ghin e Abram#Ios 24:2; 1 Each 1:26, Nàhor, agus Hàran.
27A‑nis is iad seo ginealaichean Thèrah: ghin Tèrah Abram, Nàhor, agus Hàran; agus ghin Hàran Lot.
28Agus fhuair Hàran bàs ro Thèrah a athair, anns an tìr anns an do rugadh e, ann an Ur nan Caldèach#Gen 12:1.
29Agus ghabh Abram agus Nàhor mnathan dhaibh fhèin: b’e ainm bean Abraim Sàrai#Gen 17:15; agus ainm bean Nahoir Milcah#Gen 22:20; 24:15, nighean Hàrain, athair Mhilcah, agus athair Iscah.
30Ach bha Sàrai neo‐thorrach#Gen 16:1; 18:11; 21:1, 2; cha robh duine cloinne aice.
31Agus ghabh Tèrah Abram a mhac, agus Lot mac Hàrain, mac a mhic, agus Sàrai a bhan‐chliamhainn, bean Abraim a mhac; agus chaidh iad a‑mach maille riu à Ur#Gen 12:1 nan Caldèach, gu dol do thìr Chanàain; agus thàinig iad gu Hàran, agus ghabh iad còmhnaidh an sin.
32Agus b’iad làithean Thèrah dà cheud agus còig bliadhna: agus fhuair Tèrah bàs ann an Hàran.

Valgt i Øjeblikket:

Genesis 11: ABIG

Markering

Del

Kopiér

None

Vil du have dine markeringer gemt på tværs af alle dine enheder? Tilmeld dig eller log ind