Logo YouVersion
Ikona vyhledávání

Sailm 18

18
1Mo chion ort fein, a Dhia, mo threis,
2mo charraig Dia gu ceart,
Mo dhaingneach, is mo ſhlánuighoir:
mo Thighearn', is mo neart,
An tì an cuiram dòchas fòs,
mo thargaid is mo ſgia,
Adharc mo ſhlanuigh è gu beachd,
mo bhaidal àrd ſe Dia.
3'Nois gairam ar an Tighearna,
da ndlighar moladh ſíor;
Mar ſin o meaſcairdaibh gu lèir
coimhedar me gu fíor.
4Chuir tuilteach drochdhaoin' eagal orm,
chuaidh umam guin an éug.
5Pian ifrionn agus eangach báis,
romham gach áit' do bhìd.
6Am ègin ghoir me ar mo thriath,
d'èigh le mo ghlaodh gu hárd:
Is as a theampul naomtha fein
d'eiſt ſe mo ghuth gun ci áird:
Na fhiaghnais is na èiſtachd fein
mo ghlaodh do ránig ſuas.
7An talamh ar gach cém an fin
do chriothnuigh, chrathadh, ghluais:
Iochdar na ngcnoc agus na mbeann,
do ghluaiſadh ſin gu garg,
Do chriothnaigh is do chrathadh iad,
do bhrígh gu raibh air fearg.
8Chuaidh deatach as a ſhròin amach:
is teine loiſgeach mór
Chuaidh as a bhèul, is laſadh leis
do dheibhlaibh ni bu leór.
9Du lùb ſe ſó; na neamha fuidh,
's anuas do thurling ſé:
Fior dhorchadas is duibhaigean
do bhi fuidh choſaibh Dè.
10Ar chèrub mharcuígh ſé gu hárd,
ar itaig fos do chuaidh:
Do bhi ſè luath ag italigh,
ar barraibh ſgia na gaoith.
11Dubhdhorchadas mar dhíomhaireachd
do chuir ſè uime fein:
Bu phubul dó na huiſgigh dorch',
is nèulti tiugh' na nſpéur.
12Do chuaidh a néulti tiugh' le chéil,
is clocha meallain fos,
Is èibhla teineadh roimh' do chuaidh
O ndealradh bhí na ghnùis.
13Rinn Dia ſna ſpéuraibh tairneanath,
do leig an ti is àird
A ghuth amach, le cloichſhneachd chruaidh
is èibhlaibh teth gun cháird.
14A ſhoighde leig ſe chuc' amach,
do ſgaoil ſe iad ar fad,
Tein'-aidheir orra theilg gu mór,
ler chlaoidhadh iad gu grad.
15Aigèan na nuiſgeadh chonncas ris,
bhi grunnd an domhain nocht:
Le tanail as do ſhróin, a Dhè,
led achmhaſan is ſmacht.
16As ionad árd do chuir ſe nuas,
is bhuin ſe mis amach,
Is rinn mo tharruing mar an gcéudn'
a huiſgaibh iomarcach.
17O meaſcar tulchuiſach is trèun
do anacail ſe mi,
'So luchd mo mhìruin agus mfuadh:
oir láidir orm do bhi.
18An lá mo thriobloid is mo theinn'
thug ionnſaidh orm gan fhios:
Ach do bhi Dia na throſtan damh,
cho ſleamhnuigh uam mo chos.
19Gu hionad farſing agus rè
amach do thug ſe mí:
Mo theaſairgin do rinneadh leis,
oir ciàtfach dhíom do bhi.
20Reir m'ionracais, is gloine lámh,
do chúitigh Dia maith riom.
21Om Dhia nior chuaidhm gu haingidh olc,
ſligh' Dhia do choimhdeadh liom.
22Oir uile bhreith do bhi am lathair:
a ſtatuin uam nior chuit.
23Bu trebhdhireach na fhiaghnais me:
om aingid hachd fein do ſguir.
24Reir mionracais is gloine lámh,
an ſealladh beachd a ſhúl,
Do rinneadh mis' a chúiteachadh
gu caomh le Dia na ndúl.
25Don duine ghraſoil, gráſmhur thu,
díreach don trèbhdhireach.
26Glan tu don duine ghlan, is fiat'
don duine fhiat' ma ſeach.
27Na daoine ta fuidh thriobloid mhoir
lán ſhaorann tu gach áit:
Acht bheir tu 'nuas an mhuintir ſin
ga bhfuil an ſealladh árd.
28Oir lasfaidh tu mo choinneal damh,
do ni mo Dhia ſmo Ri
Mo dhorchadas a ſhoillſeachadh
chum ſoiller glan go mbi.
29Mór-mhalſhluadh, le do threis a Dhè,
do bhriſeadh leam ar fad:
Le neart mo Dhia thar ball' a lèm,
do chuaidh me fhèin gan ſtad.
30Acht Dia chean', ta a ſhlighe ceart,
do dhearbhadh focal Dè:
Don dream gu huile earbas as,
da ndìon is targaid è.
31Oir cia 's Dia, ach Jehobha ann?
cia 's carruig acht ar triath?
32An neach do ni mo ſhlighe ceart,
'ſa bheir dhamh neart, ſe Dia.
33Mar choſaibh fèigh ta luath chum rith
mo choſa do rinn ſe,
Ar m'aitaibh àrd gam ſhocrachadh,
gcoinne nach gluaiſte me.
34Gu comhrag theaguiſg ſe mo lámh:
ionnas gur leam do chuaidh,
Gur bhriſeadh le mo ghairdenaibh,
ſár bhogh' don ſtálinn chruaidh.
35Do thug tu ſgia do ſhláinte dhamh,
do dheas lamh chum me ſuas,
Thug orm do chaoimhnas is do ghrádh
gu hinmhe mhòir gu dfás.
36Mo chémna rinn tu farſing fúm,
ſin damh mar fuaradh thus,
Ionnas gur ſocrach ſheaſmhas me,
cho ſleamhnuigh uam mo chos.
37Lean me mo naimhd' is ann ſan ruaig
orra do rug gu cas:
Is achd gur chlaoidhadh iad gu léir
nior thillios fein ar m'ais.
38Gun chomas éirigh lot me iad,
do thuit ſiad fuidh mo chois.
39Le neart chum cath do chrios tu me:
na dhéirigh riom leag thus'.
40Ar muineal thug tu dhamh mo námh:
luchd mfhuadh gu claoidheadh me.
41Ghlaodh ſiad, ſda mfurtachd ni raibh neach:
re Dia, 'ſnior fhreagair ſé.
42Amhluidh mar dhus ag dol le gaoith,
gu mion do phronn me iad:
Do thilg me iad amach aris
mar chlábar ar an tſráid.
43O ſtríbh na ndaoine ſhaor tu me,
rinn ceann na mfineach dhíom:
Na daoine riamh nach bàithnidh dhamh
re ſeirbhis damh do chìom.
44Ar cluinntin doibhſan iomradh orm,
gèìlfidh ſiad dhamh gan ſtad:
Do ni dhamh coigrigh mar an gcèudn'
a níſliug hadh fein ar fad.
45Lán-ſearguidh is dubh-chríonaidh as,
iarmad na nallmharach;
Ag teachd le heagal 'ſuamhunn mór
O ngaradh fein amach.
46Dia beo ata, beannuight gu raibh
mo charruig fein gu brath:
Is Dia mo ſhlàinte bithadh ſè
ar árdughadh do ghna.
47Mo dhioghaltas, ſmo leaſachadh
ſe Dia do bheir amach:
Sè fos a chuiras fuídh mo ſmachd
na ſlóigh gu hiomadach.
48Sé fhuaſglas o mo naimhdaibh me,
'ſtu thog me thar gach neach
A dèirigh riom; is rug me ſaor
O fhear na hègcorach.
49A meaſg na ngeintlach uime ſin
do bheiram dhuitſ', á Dhé,
Mor-bhuidheachas, do tainmſe fos
ard-mholadh ſinnidh me.
50Do bheir ſe fuaſgladh mòr da rígh:
le pailteas ni ſe gràs,
Ar Dáibhi, neach do ungadh leis,
is ar a ſhliochd gu brath.

Právě zvoleno:

Sailm 18: SD1694

Zvýraznění

Sdílet

Kopírovat

None

Chceš mít své zvýrazněné verše uložené na všech zařízeních? Zaregistruj se nebo se přihlas