Genesis 8
8
1Agus chuimhnich Dia air Nòah, agus gach nì beò, agus gach uile sprèidh a bha maille ris anns an àirc: agus thug Dia air gaoith dol thairis air an talamh, agus thraogh na h‑uisgeachan;
2Agus dhruideadh suas tobraichean na doimhne agus tuil-dhorsan nan nèamh, agus chaisgeadh an t‑uisge o na nèamhan;
3Agus thill na h‑uisgeachan a‑ghnàth bhàrr na talmhainn: agus thraogh na h‑uisgeachan an dèidh ceud agus leth-cheud là.
4Agus stad an àirc anns an t‑seachdamh mìos, air an t‑seachdamh-là‑deug den mhìos, air beanntan Ararait.
5Agus thraogh na h‑uisgeachan a‑ghnàth gus an deicheamh mìos: anns an deicheamh mìos, air a’ chiad là den mhìos, chunnacas mullaichean nam beann.
6Agus an ceann dà‑fhichead là, dh’fhosgail Nòah uinneag na h‑àirc a rinn e:
7Agus chuir e a‑mach fitheach, a chaidh a‑mach a’ dol air ais agus air aghaidh, gus an do thiormaicheadh na h‑uisgeachan bhàrr na talmhainn.
8Mar an ceudna chuir e a‑mach calaman uaithe, a dh’fhaicinn an do thraogh na h‑uisgeachan bhàrr aghaidh na talmhainn;
9Ach cha d’fhuair an calaman fois do bhonn a choise, agus thill e da ionnsaigh don àirc, do bhrìgh gu robh na h‑uisgeachan air aghaidh na talmhainn uile: an sin chuir e a‑mach a làmh, agus rug e air, agus thug e a‑steach e da ionnsaigh don àirc.
10Agus dh’fhan e fhathast seachd làithean eile; agus a‑rìs chuir e a‑mach an calaman on àirc;
11Agus thàinig an calaman da ionnsaigh anns an fheasgar, agus, feuch, duilleag craoibh-ola, a spìonadh leis, aige na ghob: agus dh’aithnich Nòah gun do thraogh na h‑uisgeachan bhàrr na talmhainn.
12Agus dh’fhan e fhathast seachd làithean eile; agus chuir e a‑mach an calaman; agus cha do thill e a‑rìs da ionnsaigh nas mò.
13Agus anns an t‑siathamh ceud bliadhna agus a h‑aon, anns a’ chiad mhìos, anns a’ chiad là den mhìos, thiormaicheadh na h‑uisgeachan suas bhàrr na talmhainn: agus bhuin Nòah air falbh còmhdach na h‑àirc, agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha aghaidh na talmhainn tioram.
14Agus anns an dara mìos, anns an t‑seachdamh là ar fhichead den mhìos, bha an talamh air tiormachadh.
15Agus labhair Dia ri Nòah, ag ràdh,
16Rach a‑mach as an àirc, thu fhèin, agus do bhean, agus do mhic, agus mnathan do mhac maille riut.
17Thoir a‑mach leat gach nì beò a tha maille riut, de gach uile fheòil, de eunlaith, agus de sprèidh, agus de gach uile nì a shnàigeas a tha a’ snàigeadh air an talamh; a‑chum is gun sìolaich iad air an talamh, agus gum bi iad torrach, agus gum fàs iad lìonmhor air an talamh.
18Agus chaidh Nòah a‑mach, agus a mhic, agus a bhean, agus mnathan a mhac maille ris:
19Chaidh gach uile bheathach, gach nì a shnàigeas, agus gach eun, gach nì a ghluaiseas air an talamh, a rèir an cineil, a‑mach as an àirc.
20Agus thog Nòah altair don Tighearna, agus ghabh e de gach ainmhidh glan, agus de gach eun glan, agus thug e suas tabhartasan-loisgte air an altair.
21Agus dh’fhairich an Tighearna fàile cùbhraidh, agus thubhairt an Tighearna na chridhe, Cha mhallaich mi a‑rìs an talamh nas mò airson an duine; oir tha smuaintean cridhe an duine olc o a òige; cha mhò a sgriosas mi tuilleadh gach nì beò, mar a rinn mi.
22Am feadh a mhaireas an talamh, cha sguir àm an t‑sìl-chur agus foghar, agus fuachd agus teas, agus samhradh agus geamhradh, agus là agus oidhche.
Právě zvoleno:
Genesis 8: ABG1992
Zvýraznění
Sdílet
Kopírovat
Chceš mít své zvýrazněné verše uložené na všech zařízeních? Zaregistruj se nebo se přihlas
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017