YouVersion Logo
Search Icon

Sailm 34

34
1Jehobha beannuigham gu hárd
gach aimſir is gach trá:
A chlù 'ſa mholadh ann mo bhèul
gu hiomraiteach do ghnà.
2Is ann ſan Tighearna ro thrèun
ni manam uaill a chean';
Tra chluinnid ſud na daoine ſèimh,
biaidh aoíbhnas orr' is gean.
3Mór-mholaibh leamſa Dia na mfeart
ainm árduighmid le cheil'.
4Do iarras Dia, chual è, is bhuin
me as gach gábhadh gèur.
5Damhairc ſiad air, is dhealrigh iad,
is nior ghabh náir' a ngruaidh.
6Do ghlaodh an bochd, is d'èiſt ris Dia,
is dfuaſgail as gach truaidh.
7Ta aingeal Dè ag campughadh
man droing dan eagal è,
Dan bhfuaſgladh is da nteaſairgin
on dtriobloidibh gu lèir.
8O blaiſaibh agus faicaibh ſo,
gur maith 's gur milis Dia:
An fear ſin beannuight è gu beachd
a dhearbas as an triath.
9Fìor-eagal Dé, biodh oirbh a naoimh:
oir uireaſbhuidh no di
Ni bhfuil air a luchd eagailſan,
fíor-chràbhadh dhò do ní.
10Biaidh eaſbhuidh ar na leomhnuibh òg,
is ocras mòr gu ſeth:
Acht ar an droing a dhiarras Dia
ni nceilar éan ni maith.
11Tigaibh a chlann, is éiſtibh riom:
dhuibh muinfam eagal Dè.
12Cia ghrádhuig heas láith, 's ler b'àill bheith beo,
chum maith gu bhfaicadh ſé?
13Coimhed do theanga féin on olc,
's o labhra ceilg' do bhéul.
14Seachain an tolc, is déan an maith:
iarr ſìohchaint, 's lean gu gèur.
15Ta ſúile De ar fíreunaibh,
's a chluas re nglaodh gu fior.
16Ta gnùis Dè 'naghaidh daoi, do chum
a ngcuimhn' a ſgrios a tìr.
17Do ghlaodh na fírenidh re Dia,
is d'èiſt ſe riù gu grad,
Thug furtachd agus fuaſgladh dhoibh
on amhgharaibh ar fad.
18Don druing ſin ga bhfuil croidhe brùit'
is dlù dhoibh Dia gan cheiſt:
Do nì ſe furtachd fòs don dream
ga bhfuil an ſpiorad briſt'.
19Is lìonmhur triobloid agus teinn
thig air an fhíreun chóir:
Acht aſt ar fad ni Dia na ngrás
a theaſairgin fadheoidh.
20A chnàmhan coimhdidh ſè gu lèir:
ni bhfuil a haon dibh briſt'.
21Acht marbhidh olc an duine daoi,
is claoithar è gun cheiſt:
Is luchd an fhormaid, bheiras fuath
do dhaoinibh còir is ceart,
Mòr chiontach fágar iad na nlochd,
dimhilltéar iad gu beachd.
22Anam a ſhearbhantadh gu lèir
ſaor-fhuaſglidh Dia gach am,
Cho mhilltear idir neach dhiobh ſud
chuirfiòs an dòchas ann.

Currently Selected:

Sailm 34: SD1694

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in