Sailm 17
17
1Eiſd thus' a Thighearn' ris a chòir,
mo ghlaodh tab hair aire dhò,
Is cluinn a nurnuigh thig amach
om bhèul gun bhrèug, gun ghó,
2Mo bhreith o tfhiaghnais thigeadh ì:
led ſhùilaibh lérſineach,
Fèuch ar na neithaibh ſin a Dhé,
ta ceart is comhthromach.
3Dhearbh tu mo chroidh', is dfioſruighis
ſa noidhche, dfionn gu gèur,
Cho dfuair tu maoin: oir bè mo rùn
nach peacaighainn lem bhèul.
4Fa thiomchioll oibridh dhaoine fos,
ghléidh me me fhein gu beachd,
Le guth do bhèil, O chèmanaibh
luchd braid is ragaireachd.
5Cum m'imtheachd ſuas a Dhia na mfeart
ad ſhliththibh ceart gu trèun,
Ad chaſan díreach cum me ſuas,
nach ſleamhnuigh uam mo chèm.
6Do ghairmas ort, a Dhè, fa chùis
gu neiſdfadh tuſa riom;
Do chluas dom ionnſaidh crom a nuas,
is fos mo ghearan cluinn.
7Taisbein do chaoimhnas iongantach
ta gràdhach lán do chlú,
Do ſhaorus le do dheaſlaimh fein,
an drong dan dóchas thú,
On droing na naghaidh thogas ceann.
8Acht coimhed me gu trèun
Mar chloich do ſhùl: dèan folach orm
fuidh ſgáil do ſgiatha fein.
9On drochdhuin' ta re forneart orm,
O naimhdaibh manma trèun
Ata gam chuartachadh gach taobh,
mo choimhed orra dèan.
10Na nſaill ata ſiad druidte ſuas,
cainnt uaibhreach ta na mbèul.
11Chrom ſiad gu lár is dhearc le nſùil:
is chuartigh ſiad ar gcèm:
12Mar leomhan gionach togarach
chum cobhartigh do ghná,
Mar leomhan òg an dìomhaireachd
ag luigh a mplaid atá.
13Eirigh, a Dhè, is coiſg mo nàmh,
leag ſíos gu talamh è:
On drochdhuin' ta na chloidhamh dhuit,
ſaor manam uaidh a Dhè.
14On dream ta dhuits' a Dhè, mar láimh,
o dhaoinibh ſaoghalt dán,
Ga bhfuil a ngcuibhrionn is a ncuid
ſan bheathaidh ſo amháin.
Da bhfuil tu tabhairt làn a mbronn
as tulidh dhíomhair fòs:
Làn cloinne 'taid, fuìghleach a maoin
fágbhuid dan leanbaibh óg.
15Achd miſe chean', do dhearcam air
do ghnùis a bhfírentachd:
Ar moſgladh dhamh, lán díolfar me,
a Dhè, led choſamhlachd.
Currently Selected:
Sailm 17: SD1694
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
Scots Gaelic Synod of Argyle Metrical Psalms 1694 © Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society), 2018.