YouVersion Logo
Search Icon

Laoidhean 23

23
LAOIDH 23
Isaiah 42.1-13
1Feuch m'òglach! feuch mo sheircinn ghràidh,
's e àrdaicht' ann an neart;
Mo roghainn e do'n t‑sluagh gu léir,
dha thug mi spéis gu beachd.
2Airsan gu saoibhir tuirlingidh
mo Spiorad naomha féin,
Chum anns na dùthchaibh iomallach
mo bhreth gu'n cuir e 'n céill.
3Sèimh agus dùin, gun gheilt no buirb,
bheir esan breth neo‑chlaon;
Cha bhris e 'm feasd a' chuilc tha brùit',
's cha mhùch e 'n lasair chaol.
4Gu lasair séidear leis an t‑srad;
do'n lag bheir e làn‑bhuaidh;
Feadh mhòr‑thìr 's eilean sgaoilidh 'eud,
is géillidh dha gach sluagh.
5So deir an Dia ghairm nèamh gu bith,
's a las na lòchrain iùil,
A thug do'n duine spiorad glic,
's a dhealbh gach uile dhùil:
6'S tu m'Fhàidh, a ghairm 's a thog mi suas!
gach uair is leat mo neart;
O m'uile chumhachd gheibh thu treòir
gu d' chòmhnadh anns gach beairt.
7Annadsa ni mi ris gach tìr
coimhcheangal siorruidh gràidh,
Thoirt saorsa do na braighdibh leòint',
's do chinnich eòlas àigh.
8Na dorsa prais grad‑bhrisidh tu,
's na glasa làidir teann.
Is solus aoibhinn agus saors'
bheir thu do'n daor 's do'n dall.
9'S mise Iehobhah; 's e sin m'ainm
air feadh gach uile ial;
Mo ghlòir cha bhuin do dhealbhaibh faoin',
's mi féin a'm' aonar Dia
10Feuch! choimhlionadh a nis gach ni
gheall mi o shean do'n t‑saogh'l;
'S na nithe gheallar leam an tràs
coimhlionar iad faraon.
11Canaibh do'n Tighearn òran nuadh:
air 'ainm biodh luadh 's gach àit;
Feadh muir, is tìr, is innse cian,
biodh moladh Dhia gu bràth.
12A chaithir mhòr! is fhàsaich fhaoin!
molaibh araon ar Dia;
'Sa mhachair thugaibh moladh dha,
's na bheil 'nur tàmh feadh shliabh.
13Seinnidh gach sluagh, gu h‑aonsgeulach,
glòir ion‑mholt' Dhé bhith‑bhuain;
'S do'n chaithream aoibhinn agus throm
co‑fhreagradh fonn is cuan!

Currently Selected:

Laoidhean 23: LSN1987

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in