Laoidhean 18
18
LAOIDH 18
Isaiah 2.2-6
1Feuch! éiridh san linn dheireannaich
naomh theampull Dhia na glòir',
Os ceann nam beann 's nan sléibhtean àrd';
fàth iongantais ro mhòir!
2D'a ionnsuidh thig na cinnich ait,
gach teangadh 's treubh le chéil':
Ag ràdh, Suas greasamaid gun dàil
gu teampull àluinn Dé.
3An solus thig o Shion àrd
dealraidh feadh dhùthcha céin;
'S do 'n Righ 'na shuidh' air Salem ta
bheirear 's gach àite géill.
4Measg chinneach 's eilean iomallach
àrd‑shuidhidh e gu breth
Is smachduichear 'na cheartas leis
gach uile shluagh fa leth.
5Le connspoid is le h‑an‑iochd borb
cha bhuairear linn nan gràs;
Gu speal is coltar iompaichear
gach claidheamh 's inneal bàis.
6Le nàmh ni 's mò cha chasgrar nàmh
's cha bhi san àraich caoidh:
Cha chruinnich trompaid slòigh r'a chéil',
's cha‑n éighear cath a chaoidh.
7O ghineil Iacoib, uime sin,
thigibh gu teampull Dé;
'S 'na sholus‑san ta dealrach glan,
sìor thriallamaid gu nèamh.
Currently Selected:
Laoidhean 18: LSN1987
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1987, 2017
© Scottish Bible Society 1987, 2017