Isaiah 33
33
LAOIDH 21
Isaiah 33.13-18
1Ho! gach aon neach fad às no dlùth
don chùis seo gabhaibh suim;
Bidh àgh#33.1 àgh aoibhneas, sonas is beannachd aig na naoimh,
ach sgriosar daoine daoi.
2An tì bhios ionraic treibhdhireach
fa chomhair Dhè gach uair,
Ri gnìomh gun iochd nach cuir a làmh,
's air brèig gu bràth nach luaidh;
3An tì nach làimhsich duais an uilc,
's gu ceilg nach buair an saogh'l,
Nach seall gun ghràin air lochd air bith,
's nach gluais air slighe chlaoin:
4An tì sin còmhnaidh gheibh gu bràth
an daingneach làidir Dhè;
Gun easbhaidh gheibh e theachd‑an‑tìr,
is caisgear iota 's fheum.
5Fa‑dheòidh bidh Nèamh dha fosgailte,
le dorsan farsainn fial,
'S le Rìgh nan rìghrean bithidh e
gu tèaraint feadh gach ial.
Currently Selected:
Isaiah 33: LSN1987
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1987, 2017
© Scottish Bible Society 1987, 2017