YouVersion Logo
Search Icon

N. Marc 6

6
VI. CAIB.
Criosta teagasg ann an Nasareth; a cur a mach a dhà ostal diag a theagasg; a riarachadh choig mile le coig builionnan: ʼsa coiseachd air a mhuir.
1Us dhʼfhalbh e as a sin, agus chaidh e gu dhuthaich fhein; us lean a dheisciopuil e;
2Agus nuair thainig an t-sàbaid, thòisich e ri teagasg san t-sinagog; us ghabh moran a bha ga eisdeachd ioghnadh ri theagasg, a g-radh: Co as tha na nichean so uile aig an duine so? agus ciod e an gliocas a tha air a thoirt dha: ʼs na gniomhan cho euchdail, a thʼair an dianamh le lamhan?
3Nach e so an saor, mac Moire, brathair Sheumais, us Ioseiph, us Iuda, us Shimoin? nach eil a pheathraichean an so maille ruinn? Agus ghabh iad sgainneal as.
4Us thuirt Iosa riu: Cha n-eil faidh gun onair ach ʼna dhuthaich fhein, agus ʼna thigh fhein, ʼs am measg a chairdean fhein.
5Agus cha bʼurrainn da miarailt air bith a dhianamh an sin, ach a mhain gun do leighis e beagan de dhaoine tinne le a lamhan a leagail orra;
6Us ghabh e iongantas ri ʼn cion creidimh, agus dhʼ imich e feadh nam bailtean mun cuairt a teagasg.
7Agus ghairm e na dhà-dhiag: us thòisich e air an cur air falbh lion dithis us dithis, agus thug e cumhachd dhaibh thairis air spioradan neoghlan.
8Us dhʼàithn e orra gun dad a thoirt leo air an rathad, ach bata a mhain: gun mhàla gun aran, gun airgiod ʼnan sporan,
9Ach cuarain air son caiseirt, ʼs gun dà chota a chur orra.
10Us thuirt e riu: Ge bʼe aite san teid sibh a stigh do thigh, fanaibh ann, gus am falbh sibh as a sin.
11Agus co air bith nach dian ur beatha, ʼs nach eisd ribh, a falbh á sin, crathaibh an duslach dhe ʼr casan mar theisteanas ʼnan aghaidh.
12ʼSa gabhail a mach, shearmonaich iad gun diante peanas:
13Agus thilg iad a mach moran dheomhan, us dhʼung iad le ola moran dhaoine tinne, agus leighis iad iad.
14Agus chual righ Herod (oir rinneadh ʼainm follaiseach), us thuirt e: Dhʼ eirich Eoin Baiste bho na mairbh: ʼs air an aobhar sin tha feartan gan oibreachadh leis.
15Ach thuirt feadhainn eile: Se Elias a thʼann. Us thuirt cuid eile: Se faidh thʼ ann, mar a h-aon de na faidhean.
16Air do Herod so chluinntinn, thuirt e: Se Eoin, dheʼn tug mise an ceann, a thʼ ann, dhʼeirich e bho na mairbh.
17Oir bha Herod fhein air cur mach, ʼs air glacadh Eoin, ʼs air a cheangal am priosan as leth Herodiais, bean a bhrathar Philip, chionn gun do phos e i.
18Oir thuirt Eoin ri Herod: Cha n-eil e laghail dhut bean do bhrathar a bhith agad.
19Agus bha Herodias a caitheamh foille air; agus bha toil aice a mharbhadh, ach cha bʼurrainn di.
20Oir bha eagal aig Herod roimh Eoin, a tuigsinn gun robh e ʼna dhuine ceart agus naomh: agus ghleidh e e, agus air dha eisdeachd ris, rinn e ioma ni, agus dhʼ eisd e ris gu toileach.
21Agus nuair thainig latha freagrach, rinn Herod suipeir, air son latha bhreith, do dhʼuaislean, ʼs do cheannardan, ʼs do mhaithean Ghalile.
22ʼS nuair a thainig nighean Herodiais so stigh, ʼsa dhanns i, ʼsa thaitinn i ri Herod, agus riusan a bha aig bord cuide ris, thuirt an righ ris a chailin: Iarr orm na ʼs aill leat, us bheir mi dhut e:
23Agus mhionnaich e dhi: Ge bʼe ni a dhʼiarras tu bheir mi dhut, ged a bʼe leth mo rioghachd.
24Nuair chaidh i mach, thuirt i ri mathair: Ciod a dhʼiarras mi? ach thuirt ise: Ceann Eoin Baiste.
25ʼS air dhi tighinn stigh le cabhaig san uair thun an righ, dhʼiarr i, a g-radh: Is aill leam gun toir thu dhomh san uair ceann Eoin Baiste air meis.
26Agus bhaʼn righ ro-dhuilich: ach as leth a mhionnan, ʼs air son na feadhnach a bhʼaig bord maille ris, cha bʼaill leis miothlachd a chur oirre:
27ʼSa cur sleagh-fhear bhuaithe, dhʼorduich e a cheann a thoirt a stigh air meis. Us thug e an ceann dheth sa phriosan,
28Agus thug e leis a cheann air meis, ʼs thug e do ʼn chailin e; agus thug a chailin dha mathair e.
29Nuair chual a dheisciopuil so, thainig iad, ʼs thug iad leo a chorp, agus chuir iad ann an uaigh e.
30Us chruinnich na h-ostail gu Iosa, agus dhʼ innis iad dha h-uile ni, a bha iad air dianamh, ʼs air teagasg.
31Us thuirt e riu: Thigibh a lethtaobh gu aite fàs, agus leigibh ur n-anail car tamuill. Oir bha iad lionor an fheadhainn a bha tighinn ʼsa dol; agus cha robh urad us tim aca air biadh a ghabhail.
32ʼSa gabhail a stigh do bhàta, chaidh iad a lethtaobh gu aite fàs.
33Agus chunnacas iad a falbh, ʼs bha fios aig moran air; ʼsa falbh air an cois as na bailtean uile, ruith iad an sin, agus bha iad rompa.
34ʼSa dol a mach, chunnaic Iosa moran sluaigh: agus ghabh e truas riu, a chionn gun robh iad mar chaoraich gun bhuachaill, agus thòisich e ri moran a theagasg dhaibh.
35Agus nuair a bha nis a mhor chuid de ʼn latha seachad, thainig a dheisciopuil ga ionnsuidh, a g-radh: Is fasach an t-aite so, ʼs thaʼn uair nis air ruith:
36Leig air falbh iad, los a dol do na tighean duthcha ʼs do na bailtean is teinne orra gun ceannaich iad biadh dhaibh fhein a dhʼicheas iad.
37Agus fhreagair e iad, a g-radh: Thugaibh fhein dhaibh ri iche. Us thuirt iad ris: Rachamaid a cheannach luach dà chiad sgilinn de dhʼ aran; agus bheir sinn dhaibh ri iche.
38Us thuirt e riu: Co miad builionn a thʼagaibh? siubhlaibh a dhʼfhaicinn. Agus nuair fhuair iad mach, thuirt iad: Coig, ʼs dà iasg.
39Agus dhʼorduich e dhaibh a thoirt orra suidhe uile ʼnam buidhnean air an fhiar ghorm.
40Us shuidh iad sios ʼnan cuideachdan chiadan agus leth-chiadan.
41ʼSa glacail nan coig builionnan, ʼs an dà éisg, ʼsa g-amharc suas gu neamh, bheannaich e, us bhrist e na builionnan, agus thug e iad dha dheisciopuil, gus an cur air am bialaobh; agus roinn e an dà iasg orra uile.
42Us dhʼich iad uile, agus riaraicheadh iad.
43Us thog iad na fuighlichean, lan dà chliabh dhiag de spruileach, ʼs de dhʼiasg.
44Agus bʼe aireamh na feadhnach, a dhʼich, coig mile fear.
45ʼS air ball thug e air a dheisciopuil a dhol a stigh do bhàta, gus iad a dhol roimhe thar a chaol gu Bethsaida, fhad ʼsa bhiodh e fhein a sgaoileadh an t-sluaigh.
46Agus nuair a sgaoil e iad, chaidh e suas do bheinn a ghabhail urnaigh.
47ʼS nuair a bha an t-anamuch ann, bha am bàta am miadhon na fairge, agus esan leis fhein air tir.
48ʼSa faicinn gun robh iad air an sarachadh a g-iomradh (oir bha ghaoth ʼnan aghaidh), thainig e muʼn cheathramh faire deʼn oidhche gan ionnsuidh, a coiseachd air a mhuir; agus bha toil aige dhol seachad orra.
49Ach iadsan ga fhaicinn a coiseachd air a mhuir, shaoil iad gur samhladh a bhʼann, ʼs thug iad glaodh.
50Oir chunnaic iad uile e, agus dhʼoiltich iad. Agus ghrad-labhair e riu, us thuirt e riu: Biodh misneach agaibh: Is mise thʼann, na biodh eagal oirbh.
51Agus dhirich e suas doʼn bhàta gan ionnsuidh, agus laidh a ghaoth. Agus ʼsann is mua a bha dhʼiongantas orra annta fhein.
52Oir cha do thuig iad mu na builionnan: oir bha an cridhe air a dhalladh.
53Agus nuair dhʼaisig iad thairis, thainig iad gu talamh Ghenesareth, us tharruinn iad gu tir.
54ʼS nuair thainig iad as a bhàta, dhʼaithnich iad e san uair:
55ʼSa ruith feadh na duthcha sin uile, thoisich iad air an fheadhainn a bha tinn a ghiulan mun cuairt air leabaichean far an cual iad esan a bhith.
56Agus co sa bith aite san robh e dol a stigh do bhailtean, no chathraichean, no do dhuthchannan, bha iad a cur nan daoine tinn air na straidean, ʼsa guidhe air gum faodadh iad a mhain beantuinn do dhʼfhaitheam eididh; ʼsa mhiad ʼsa bhean da, rinneadh slan iad.

Currently Selected:

N. Marc 6: MacETN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in