YouVersion Logo
Search Icon

N. Marc 4

4
IV. CAIB.
Dubhfhocal an fhir-chuir; Criosta ciuineachadh stoirm na mara.
1Agus thòisich e rithist ri teagasg aig taobh na mara; us thionail moran sluaigh ga ionnsuidh, air chor ʼsa dol air bord saghaich air a mhuir, gun do shuidh e, agus bha an sluagh uile ri taobh na mara air tir;
2Agus theagasg e moran nichean dhaibh an dubhfhacail, us thuirt e riu ʼna theagasg:
3Eisdibh: Seall, chaidh fear-cuir a mach a chur.
4ʼS nuair a bha e cur, thuit cuid ri taobh an rathaid; agus thainig eoin an athair, agus dhʼich iad e.
5Agus thuit cuid eile air talamh creagach, far nach robh moran ùire aige: ʼs ghrad-dhʼfhas e, chionn nach robh doimhneachd fuinn aige:
6ʼS nuair a dhʼeirich a ghrian, shearg e; ʼs bho nach robh friamh aige, shearg e as.
7Agus thuit cuid eile dheth feadh dhreaghan; agus dhʼ fhàs an dreaghan suas, us thachd e e, agus cha tug e mach toradh.
8Agus thuit cuid eile air talamh math; agus dhʼfhas e suas, us chinnich e, agus thug e bhuaithe toradh, cuid deich thar fhichead, cuid tri fichead, agus cuid ciad fillte.
9Us thuirt e: Esan aig a bheil cluasan gu cluinntinn, cluinneadh e.
10Agus nuair a bha e leis fhein, dhʼfhaighnich na dhà-dhiag, a bha comhla ris, an dubhfhacal dheth.
11Us thuirt e riu: Thugadh dhuibhse eolas air run-diomhair rioghachd Dhe: ach dhaibhse, a tha muigh, nithear a h-uile ni ann an dubhfhacail,
12Air chor ʼsa faicinn gum faiceadh iad, ʼs nach bu leir dhaibh; ʼsa cluinntinn gun cluinneadh iad, ʼs nach tuigeadh iad: eagal gun tionndadh iad uair air bith, ʼs gum mathte dhaibh am peacannan.
13Us thuirt e riu: Nach aithne dhuibh an dubhfhacal so? agus ciamar a dhʼaithneas sibh a h-uile dubhfhacal?
14Esan a tha cur, tha e cur an fhacail.
15Agus is iadsan ri taobh an rathaid, far na chuireadh am facal, an fheadhainn nach luaithe chluinneas iad e, na thig Satan, us sgobaidh e air falbh am facal a chuireadh ʼnan cridheachan.
16Agus is iadsan mar an ciadna, a chuireadh anns an talamh chreagach, an fheadhainn, an deigh dhaibh eisdeachd ris an fhacal, a ghrad-ghlac e le aoibhneas:
17ʼS cha n-eil friamh aca; unnta fhein, ach mairidh iad car tamuill; agus an deigh sin nuair a dhʼeirgheas trioblaid agus geur leanmhuinn air son an fhacail, tha iad a gabhail sgainneil san uair.
18Agus tha feadhainn eile ann, a tha air an cur am measg dhreaghan; ʼsiad sin iadsan a dhʼeisdeas ris an fhacal,
19Ach tha iomaguin an t-saoghail, agus mealltaireachd beartais, agus sannt air nichean eile dol a stigh ʼsa tachdadh an fhacail, agus ga fhagail gun toradh.
20Agus an fheadhainn a chuireadh air talamh math, ʼsiad sin iadsan a dhʼeisdeas ris an fhacal, ʼsa ghlacas e, sa bheir a mach toradh, cuid deich thar fhichead, cuid tri fichead, cuid ciad fillte.
21Us thuirt e riu: An toirear coinneal, gus a cur fo shaghach, no fo leabaidh? nach ann gus a cur an coinnleir?
22Oir cha n-eil ni am falach, nach toirear am follais; ʼs cha dʼrinneadh ni an uaigneas, ach los gun tig e fos naird.
23Ma tha cluasan aig duine air bith gu cluinntinn, cluinneadh e.
24Us thuirt e riu: Thugaibh an aire do ʼn rud a chluinneas sibh. Leis an tomhas leis na thomhais sibh, toimhsear dhuibh air ais, agus cuirear tuille ris dhuibh.
25Oir doʼn neach aig a bheil, bheirear: agus bho an neach aig nach eil bheirear an ni sin fhein a thʼaige.
26Us thuirt e: Mar so tha rioghachd Dhe mar gun tilgeadh duine siol anns an talamh,
27ʼS gun caidleadh e, ʼs gun eirgheadh e a dhʼoidhche ʼsa latha, ʼs gum fàsadh an siol, ʼs gun cinneadh e gun fhios da.
28Oir bheir an talamh a mach toradh leis fhein, an toiseach an duilleag, an sin an dias, a rithist an grainnean lan anns an déis.
29ʼS nuair a tha ʼn toradh abaich, cuiridh e an corran ris gun dàil, bho na tha am faghar air tighinn.
30Us thuirt e: Co ris a shamhlaicheas sinn rioghachd Dhe? no ciod an dubhfhacal ris an cuir sinn an coimeas i?
31Tha i coltach ri grainne de shiol mustaird, fras, nuair a chuirear san talamh i, is lugha deʼn h-uile siol a tha air thalamh:
32ʼS an deigh a cur, fàsaidh i suas, us cinnidh i nas mua na h-uile luibh, us cuiridh i mach giagan mora, ionnus ʼs gum faod eoin an athair tamh fo ʼsgàile.
33Agus le ioma dubhfhacal deʼn leithidean so, labhair e riu am facal, air reir ʼs mar bʼurrainn daibh eisdeachd:
34Agus gun dubhfhacal cha do labhair e riu: ach a lethtaobh mhinich e a h-uile ni dha dheisciopuil.
35Us thuirt e riu an latha sin fhein, nuair thainig am feasgar: Rachamaid null thun an taoibh eile.
36ʼSa cur air falbh an t-sluaigh, ghabh iad e stigh doʼn eathar mar a bha e; us bha eathraichean eile comhla ris.
37Agus dhʼeirich stoirm mhor ghaoithe, agus thaom i na tuinn a stigh doʼn eathar, air chor ʼs gun robh an t-eathar lionadh.
38Agus bha esan an deireadh an eathair ʼna chadal air cluasaig; agus dhuisg iad e, us thuirt iad ris: A Mhaighistir, nach eil omhail agad gu bheil sinn a dol a dhith?
39ʼSa g-eirigh bhagair e air a ghaoith, ʼs thuirt e ris a mhuir: Gabh fois, bi samhach. Us laidh a ghaoth; agus thainig fiath mor.
40Us thuirt e riu: Car-son a tha eagal oirbh? nach eil creideamh agaibh fhathast? Agus ghabh iad eagal mor; us thuirt iad ri cheile: Co, a shaoileas tu, is e so, chionn tha ghaoth araon agus a mhuir umhailt dha?

Currently Selected:

N. Marc 4: MacETN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in