YouVersion Logo
Search Icon

N. Eoin 17

17
XVII. CAIB.
Urnaigh Chriosta air son a dheisciopul.
1Labhair Iosa na nichean so: ʼsa togail suas a shuilean gu neamh, thuirt e: Athair, tha an uair air tighinn, gloraich do Mhac, gus gun gloraich do Mhac Thu:
2Mar a thug thu cumhachd dha thairis air a h-uile feoil, gus gun tugadh e a bheatha shiorruidh dhaibhsan uile, a thug thu dha.
3A nis si so a bheatha shiorruidh: Eolas a bhith aca ortsa, an t-aon Dia fior, agus air Iosa Criosta, a chuir thusa.
4Ghloraich mise thu air talamh: chriochnaich mi an obair, a thug thu dhomh ri dianamh:
5ʼSa nis gloraich thusa mise, O Athair, maille riut fhein, leis a ghloir a bhʼ agam maille riut, mun robh an saoghal ann.
6Shoilleirich mi tʼ ainm do na daoine, a thug thu dhomh as an t-saoghal. Bu leatsa iad, us thug thu dhomhsa iad: agus ghleidh iad tʼ fhacal.
7A nis tha fios aca gur h-ann bhuatsa a tha a h-uile ni, a thug thu dhomhsa:
8A chionn gun tug mi dhaibh na facail, a thug thu dhomh; us ghlac iadsan iad, agus thuig iad gu firinneach, gun tainig mi mach bhuat, agus chreid iad gun do chuir thu mi.
9Tha mi guidhe air an sonsa: cha n-eil mi guidhe air son an t-saoghail, ach air an sonsan, a thug thu dhomh: a chionn ʼs gur leatsa iad;
10Agus is leatsa a h-uile ni is leamsa, agus is leamsa a h-uile ni is leatsa; agus tha mi air mo ghlorachadh unnta.
11Agus a nis cha n-eil mi san t-saoghal, ach tha iadsan san t-saoghal, ʼs tha mise tighinn ga tʼ ionnsuidhse. Athair naoimh, gleidh na tʼ ainm iadsan, a thug thu dhomh; gus gum bi iad ʼnan aon, ceart mar tha sinne.
12Fhad sa bha mi comhla riu, ghleidh mi iad na tʼ ainm-se. Ghleidh mi iadsan, a thug thu dhomh; ʼs cha do chailleadh a h-aon diu, ach mac an sgrios, chum gun coimhlionar an sgriobtur.
13ʼSa nis tha mi tighinn ga tʼ ionnsuidh; ʼsna nichean so tha mi labhairt anns an t-saoghal, gus mʼ aoibhneas a bhith aca coimhlionta unnta fhein.
14Thug mi tʼ fhacal dhaibh; us thug an saoghal fuath dhaibh: a chionn ʼs nach ann dhe ʼn t-saoghal iad, mar nach ann dhe ʼn t-saoghal mise fhein.
15Cha n-eil mi guidhe gun toir thu as an t-saoghal iad, ach gun gleidh thu bho olc iad.
16Cha n-eil iad dhe ʼn t-saoghal, mar nach eil mise fhein dhe ʼn t-saoghal.
17Naomhaich iad ann am firinn. Se tʼ fhacalsa an fhirinn.
18Mar a chuir thu mise thun an t-saoghail, is amhuil a chuir mise iadsan thun an t-saoghail.
19Agus air an sonsan tha mise gam naomhachadh fhein; gus iadsan a bhith air an naomhachadh ann am firinn.
20Ach cha n-ann air an sonsan a mhain a tha mi guidhe, ach air an sonsa cuideachd a thig gu creidsinn unnam tromh ʼm facal-san.
21Gus iad a bhith uile ʼnan aon, mar tha thusa, Athair, unnamsa, us mise unnadsa, gus iadsan mar an ciadna a bhith ʼnan aon unnainn; a los gun creid an saoghal gun do chuir thusa mi;
22ʼSa ghloir, a thug thu dhomh, thug mise dhaibhse; gus iad a bhith ʼnan aon, amhuil mar tha sinne ʼnar n-aon.
23Mise unntasan, us thusa unnamsa; gus iad a bhith coimhlion ʼnan aon, ʼs gun aithnich an saoghal, gun do chuir thusa mi, agus gun tug thu gaol dhaibhse, mar a thug thu gaol dhomhsa.
24Athair, si mo thoil, gum bi iadsan, a thug thu dhomh, maille rium, far am beil mise; los gum faic iad mo ghloir, a thug thu dhomh: a chionn thug thu gradh dhomh mun do chruthaicheadh an saoghal.
25Athair cheairt, cha dʼ aithnich an saoghal thu: ach dhʼ aithnich mise thu; agus dhʼ aithnich iad so gun do chuir thusa mi.
26Agus rinn mi tʼ ainm aithnichte dhaibh, ʼs ni mi aithnichte e, gus an gradh, leis na ghradhaich thu mise, a bhith unntasan, agus mise unnta.

Currently Selected:

N. Eoin 17: MacETN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in