N. Eoin 16
16
XVI. CAIB.
Deireadh comhradh Chriosta ri dheisciopuil.
1Labhair mi na nichean so ribh, gus nach gabh sibh sgainneal.
2Cuiridh iad a mach sibh as na sinagogan: seadh, tha an uair a tighinn, anns an saoil neach air bith a mharbhas sibh, gum beil e dianamh seirbhis do Dhia.
3Agus na nichean so ni iad oirbh: a chionn nach bʼ aithne dhaibh an t-Athair no mise.
4Ach dhʼinnis mi iad so dhuibh, a los, nuair a thig an uair aca, gun cuimhnich sibh gun tuirt mi ribh iad.
5Ach cha dʼinnis mi dhuibh na nichean so bho thoiseach: a chionn gun robh mi cuide ribh: Agus a nis tha mi dol ga ionnsuidhse, a chuir mi; agus cha n-eil a h-aon agaibh a faighneachd dhiom: Cean tha thu dol?
6Ach a chionn gun do labhair mi na nichean so ribh, lionadh ur cridhe le mulad.
7Ach tha mi g-innseadh na firinne dhuibh: tha e iomchuidh dhuibh gum falbhainn: oir mur falbh mi, cha tig an Cofhurtair gu ʼr n-ionnsuidh: ach ma dhʼfhalbhas mi, cuiridh mi h-ugaibh e.
8Agus nuair thig esan, comhdaichidh e an saoghal a thaobh peacaidh, ʼsa thaobh ceartais, ʼsa thaobh breitheanais.
9A thaobh peacaidh: a chionn nach do chreid iad unnamsa;
10A thaobh ceartais: a chionn gum beil mi dol a dhʼ ionnsuidh an Athar, ʼs nach fhaic sibh mi nas fhaide;
11ʼSa thaobh breitheanais: a chionn gum beil prionns an t-saoghail so air a bhreithneachadh cheana.
12Tha ioma ni agam ri radh ribh fhathast: ach cha n-urrainn duibh an giulan an drasda.
13Ach nuair thig esan, Spiorad na firinne, teagaisgidh e h-uile firinn dhuibh: oir cha labhair e bhuaithe fhein: ach labhraidh e ge bʼ iad air bith nichean a chluinneas e, agus fiachaidh e dhuibh na nichean a tha ri tighinn.
14Gloraichidh esan mise: a chionn gum faigh e bhuam, agus fiachaidh e dhuibhse e.
15Gach uile ni, a thʼ aig mʼ Athair, is leamsa. Air an aobhar sin thuirt mi: Gum faigh e bhuam, agus fiachaidh e dhuibhse e.
16Uine bheag, us cha n-fhaic sibh mi; agus rithist uine bheag, us chi sibh mi: a chionn gu bheil mi dol a dhʼ ionnsuidh an Athar.
17An sin thuirt cuid dhe dheisciopuil ri cheile: Ciod e so tha e g-radh ruinn: Uine bheag, ʼs cha n-fhaic sibh mi, agus a rithist uine bheag, us chi sibh mi: agus a chionn gum beil mi dol a dhʼ ionnsuidh an Athar?
18Uime sin thuirt iad: Ciod e so tha e g-radh: Uine bheag? Cha n-aithne dhuinn ciod tha e g-radh.
19A nis dhʼaithnich Iosa gun robh toil aca fharraid dheth, us thuirt e riu: Tha sibh a feorachadh ʼnur measg mu so gun tuirt mi: Uine bheag, ʼs cha n-fhaic sibh mi; a rithist uine bheag, agus chi sibh mi.
20Gu firinneach firinneach tha mi g-radh ribh, gun dian sibhse caoineadh agus gal, ach ni an saoghal subhachas: ach nithear sibhse brònach, ach tionndaidhear ur bròn gu aighear.
21Nuair tha boirionnach ri saothair-chloinne, tha i brònach: a chionn tha h-uair air tighinn: ach nuair a bheireas i an leanabh, cha bhi tuille cuimhne aice air a doruinn, le toileachas gun dʼ rugadh duine thun an t-saoghail.
22Is amhuil tha sibhse nis gu dearbh fo bhròn: ach chi mi sibh a rithist, agus bithidh ur cridhe sòlasach: agus ur sòlas cha toir duine air bith bhuaibh.
23Agus air an latha sin cha n-iarr sibh ni air bith orm. Gu firinneach firinneach tha mi g-radh ribh: ma dhʼiarras sibh ni air bith air an Athair na mʼ ainmse, bheir e dhuibh e.
24Gu so cha dʼ iarr sibh ni air bith na mʼ ainmse: Iarraibh, agus gheobh sibh, gus ur n-aoibhneas a bhith lan.
25Labhair mi na nichean so ribh ann an dubhfhacail. Tha an uair a tighinn anns nach labhair mi ribh tuille ann an dubhfhacail, ach fiachaidh mi dhuibh gu soilleir mu ʼn Athair.
26ʼSan latha sin iarraidh sibh na mʼ ainmse; ʼs cha n-eil mi g-radh ribh gun guidh mi an t-Athair air ur son.
27Oir tha gaol aig an Athair fhein oirbh: a chionn gun tug sibh gaol dhomhsa, ʼs gun do chreid sibh gun tainig mi mach bho Dhia.
28Thainig mi mach bho ʼn Athair, us thainig mi thun an t-saoghail; a rithist tha mi fagail an t-saoghail ʼsa dol a dhʼ ionnsuidh an Athar.
29Thuirt a dheisciopuil ris: Seall, tha thu nis a labhairt gu soilleir, ʼs cha n-eil thu a g-radh dubhfhacail air bith.
30A nis tha fhios againn gur aithne dhut a h-uile ni, ʼs nach ruig thu leas gum farraideadh duine air bith dhiot; le so tha sinn a creidsinn gun tainig thu mach bho Dhia.
31Fhreagair Iosa iad: Am beil sibh a nis a creidsinn?
32Seall, thig an uair, us tha i nis air tighinn, anns am bi sibh air ur sgapadh gach duine a thaobh fhein, agus fagaidh sibh mise leam fhein; ʼs cha n-eil mi leam fhein: a chionn tha an t-Athair maille rium.
33Labhair mi na nichean so ribh, gu sith a bhith agaibh unnamsa. Anns an t-saoghal gheobh sibh trioblaid: ach bitheadh misneach agaibh, thug mise buaidh air an t-saoghal.
Currently Selected:
N. Eoin 16: MacETN
Highlight
Share
Copy
![None](/_next/image?url=https%3A%2F%2Fimageproxy.youversionapi.com%2F58%2Fhttps%3A%2F%2Fweb-assets.youversion.com%2Fapp-icons%2Fen.png&w=128&q=75)
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017