YouVersion Logo
Search Icon

Gniomhan 8

8
VIII. CAIB.
Philip a tionndadh nan Samaritanach, ʼsa baisteadh a chaillteanaich.
1Agus rinneadh anns an àm sin geur-leanmhuinn mhor an aghaidh na h-eaglais a bha ann an Ierusalem, agus sgapadh iad uile, ach na h-ostail, air feadh dhuchannan Iudéa us Shamaria.
2Agus ghabh daoine crabhach curam dhe Stephan thaobh a thiodhlaiceadh, us rinn iad moran caoidh fos a chionn.
3Ach bha Saul a sgriosadh na h-eaglais, a dol bho thigh gu tigh ʼsa slaodadh a mach fhirionnach agus bhoirionnach, ʼs gan sparradh am priosan.
4Chaidh iadsan ma ta, a sgapadh, mun cuairt a searmonachadh facal De.
5Agus Philip a dol sios gu baile Shamaria, theagaisg e Criosta dhaibh.
6Agus leag an sluagh an aire air na nichean bha Philip a labhairt, gan eisdeachd a dhʼ aon aigne, ʼsa faicinn nam miarailtean a rinn e.
7Oir chaidh na spioraid neoghlan a mach á moran anns an robh iad, a glaodhaich le guth ard.
8ʼS chaidh moran air an robh an tinneas-critheach, ʼsa bha bacach, a leigheas.
9Uime sin bha aoibhneas mor anns a bhaile sin. A nis bha duine araid, dha ʼm bʼ ainm Simon, a bha roimh sin ʼna dhraoidh sa bhaile sin, a mealladh muinntir Shamaria, a g-radh gum bu neach-eigin mor e fhein;
10Dha ʼn tug iad uile cluas bho ʼn bheag gus a mhor, a g-radh: Se am fear so cumhachd Dhe, ris an abrar mor.
11Agus thug iad eisdeachd dha, a chionn ʼs gun robh e air am buidseachadh fad moran uine le dhraoidheachd.
12Ach nuair a chreid iad Philip a teagasg mu rioghachd Dhe, bhaisteadh iad eadar dhaoine us mhnathan ann an ainm Iosa Criosta.
13An sin chreid Simon fhein; ʼs an deigh dha bhith air a bhaisteadh, dhluth-lean e ri Philip. ʼS ri faicinn nan comharran ʼs nam miarailtean a rinneadh, ghlac ioghnadh us uamhas e.
14A nis nuair a chuala na h-ostail, a bha ann an Ierusalem, gun do ghlac Samaria facal De, chuir iad Peadar us Eoin gan ionnsuidh.
15ʼS nuair a thainig iad, ghuidh iad air an son gum faigheadh iad an Spiorad Naomh:
16Oir cha tainig e fhathast air a h-aon diu, ach bha iad air am baisteadh a mhain an ainm an Tighearna Iosa.
17An sin leag iad an lamhan orra, us ghlac iad an Spiorad Naomh.#8.17 VIII., 17. An sin leag iad an lamhan orra, &c. Thug na h-ostail seachad, le leagail lamhan ʼs le urnaigh, sacramaid an daighneachaidh: agus mar sin fhuair na creidich an Spiorad Naomh. Cha n-e nach dʼfhuair iad grasan an Spioraid Naoimh aig am baisteadh, ach nach dʼfhuair iad lanachd nan gras, us na tiodhlaicean spioradail sin a ghlac iad an deigh sin bho na h-Easbuigean ann an Sacramaid an daighneachaidh, a neartaich iad gus an creideamh aideachadh gu follaiseach.
18ʼS nuair a chunnaic Simon gun robhas a toirt seachad an Spioraid Naoimh le leagadh lamhan nan ostal, thairg e airgiod dhaibh,
19A g-radh: Thugaibh dhomhsa cuideachd a chumhachd so, gun glac neach air bith air an cuir mi mo lamhan an Spiorad Naomh. Ach thuirt Peadar ris:
20Rachadh tʼ airgiod a dhith maille riut fhein: a chionn gun do shaoil thu gum faoidte gibht Dhe a cheannach le airgiod.
21Cha n-eil cuid no crannchur agad san teagasg so: oir cha n-eil do chridhe treibhdhireach an lathair Dhe.
22Gabh aithreachas ma ta as do dhrochbheart so; agus guidh air Dia, fiach ma dhʼ fhaoidte gum mathar dhut smaoineachadh so do chridhe.
23Oir tha mi faicinn gum beil thu ann an domblas na seirbhe ʼs an cuibhrichean an uilc.
24An sin Simon a freagairt, thuirt e: Guidhibhse an Tighearna as mo leth, gus nach tig ni orm de na nichean sin a thuirt sibh.
25ʼ S gu deimhinn an deigh dhaibh fianuis a thoirt, us facal an Tighearna labhairt, thill iad gu Ierusalem, agus shearmonaich iad an soisgeul ann am moran de dhuchannan nan Samaritanach.
26An sin labhair aingeal an Tighearna ri Philip, a g-radh: Eirich, us theirig gu deas thun an rathaid a tha gabhail sios bho Ierusalem do Ghasa: a tha ʼna fhasach.
27ʼSa g-eirigh, dhʼ fhalbh e. Agus seall, bha fear á Ethiopia, caillteanach ro chumhachdach fo Chandase, banrighn nan Ethiopianach, a bha fos cionn a h-iuntasan uile, air tighinn gu Ierusalem a thoirt aoraidh:
28Agus bha e tilleadh ʼna shuidhe ʼna charbad, ʼsa leughadh an fhaidh Isaias.
29Us thuirt an Spiorad ri Philip: Theirig am faisg, agus dluthaich ris a charbad sin.
30ʼS air do Philip ruith ga ionnsuidh, chual e e leughadh an fhaidh Isaias, us thuirt e: An saoil thu gum beil thu tuigsinn na tha thu leughadh?
31Thuirt esan: Ciamar is urrainn domh, mar seol cuideigin mi? Us dhʼ iarr e air Philip tighinn an aird, agus suidhe comhla ris.
32Agus bʼ e so an t-aite de ʼn sgriobtur a bha e leughadh: Thugadh e mar chaora thun na casgairt; ʼs mar uan gun ghuth romh an rusgadair, mar sin cha dʼfhosgail e bhial.
33 Ann an irioslachd thugadh air falbh a bhreitheanas. Co dhʼ innseas a ghinealach, oir bheirear a bheatha dhe ʼn talamh?
34ʼS thuirt an Caillteanach, ʼs e freagairt Philip: Guidheam ort, co uime a tha ʼm faidh a labhairt so? an ann mu dheidhinn fhein, no mu neach-eigin eile?
35An sin dhʼ fhosgail Philip a bhial, ʼsa toiseachadh aig an sgriobtur so, theagaisg e Iosa dha.
36Agus rainig iad, ʼs iad a gabhail an rathaid, uisge araid; us thuirt an Caillteanach: Seall uisge, ciod tha bacadh mi bhith air mo bhaisteadh?
37Us thuirt Philip: Ma tha thu creidsinn le tʼ uile chridhe, tha e ceadaichte. Us thuirt esan, ʼs e freagairt: Tha mi creidsinn gur e Iosa Criosta Mac De.
38Agus dhʼ orduich e do ʼn charbad stad; us theirinn iad le cheile sios do ʼn uisge, Philip agus an Caillteanach, agus bhaist e e.
39ʼS air dhaibh tighinn a nios as an uisge, thug Spiorad an Tighearna Philip air falbh, ʼs cha n-fhaca an Caillteanach e tuilleadh. Us ghabh e air a shlighe le aoibhneas.
40Agus fhuaras Philip ann an Asotos, ʼsa gabhail air adhart, shearmonaich e an soisgeul do na bailtean uile, gus an dʼ rainig e Cesaréa.

Currently Selected:

Gniomhan 8: MacETN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in