YouVersion Logo
Search Icon

Gniomhan 7

7
VII. CAIB.
Labhairt Stephain an lathair na comhairle: a mhartaireachd.
1An sin thuirt an t-ard-shagart: An ann mar so tha chuis?
2Fhreagair esan: A dhaoine a bhraithre, agus aithrichean, eisdibh: Thaisbean Dia na glorach e fhein dha ʼr n-athair Abraham, nuair bha e ann am Mesopotamia, mun do thuinich e ann an Caran,
3Agus thuirt e ris: Falbh a mach á do dhuthaich fhein us á do chinneadh, agus thig gus an talamh a dhʼ fhiachas mi dhut.
4An sin chaidh e mach á talamh nan Caldéanach, us thamh e ann an Caran. ʼS an deigh bàs athar, chuir e air imrich á sin e gus an talamh sam beil sibhse a nis a tamh.
5ʼS cha tug e oighreachd dha ann, cha tug uibhir ʼs ceum coise: ach gheall e a thoirt ʼna sheilbh dha, agus dha shliochd ʼna dheigh, ʼs e fhathast gun mhac.
6Us thuirt Dia ris: Gun tuinicheadh a shliochd ann an duthaich choigrich; ʼs gun dianadh iad traillean dhiu, ʼs gun dianadh iad droch càradh orra fad cheithir chiad bliadhna:
7 ʼS air a chinneadh, dha ʼn dian iad seirbhis, bheir mise binn, os an Tighearna; agus ʼnan deigh so theid iad a mach, us ni iad seirbhis dhomhsa san aite so.
8Us thug e dhaibh cumhnant an timchioll-ghearraidh; ʼs mar sin ghineadh Isaac dha, us thimchioll-ghearr e e air an ochdamh latha, agus do Isaac ghineadh Iacob; agus do Iacob an dà phriomh-athair dhiag.
9Agus le brosnachadh an fharmaid reic na priomh-aithrichean Ioseph do ʼn Eiphit; us bha Dia maille ris-san.
10Agus liubhair e e bho chruaidh chàsan uile; ʼs thug e meas us gliocas dha an lathair Pharao righ na h-Eiphit, us dhʼorduich esan e ʼna uachdran air an Eiphit, agus air a thigh uile.
11A nis thainig gorta air an Eiphit uile, ʼs air Canaan, agus amhghar mor, ʼs cha robh biadh ri fhaighinn le ʼr n-aithrichean.
12Ach nuair chuala Iacob gun robh arbhar san Eiphit, chuir e air falbh ar n-aithrichean an toiseach;
13ʼS an ath thurus rinneadh Ioseph aithnichte dha bhraithrean, agus rinneadh a chinneadh aithnichte do Pharao.
14ʼSa cur fios bhuaithe, ghairm Ioseph ʼathair, Iacob, ʼsa chinneadh uile, tri fichead anam ʼsa coig diag.
15Mar sin chaidh Iacob sios do ʼn Eiphit, us fhuair e fhein agus ar n-aithrichean bàs.
16Agus dhʼatharraicheadh iad gu Sichem, us chuireadh iad anns an uaigh, a cheannaich Abraham air suim airgid bho mhic Hemoir ʼic Shichem.
17ʼS nuair a tharruinn àm a ghealltanais faisg, a gheall Dia do Abraham, chinn an sluagh us dhʼ fhas iad lionor san Eiphit,
18Gus an dʼ eirich righ eile anns an Eiphit, dha nach bʼ aithne Ioseph.
19Chaith e so foill air a chinneadh againne, agus shàraich e ar n-aithrichean, a toirt orra an naoidheana chur a mach gus nach biodh iad air an cumail beo.
20ʼS an àm chiadna rugadh Maois, us thaitinn e ri Dia, agus chaidh altrum tri miosan an tigh ʼathar.
21Agus nuair a chuireadh a mach e, thog nighean Pharao e, us bheathaich i e mar a mac fhein.
22ʼS bha Maois air ionnsachadh ann an uile ghliocas nan Eiphiteach; ʼs bha e cumhachdach ʼna bhriathran ʼs ʼna ghniomhran.
23ʼS nuair a lan-choimhlion e dàfhichead bliadhna dhʼ aois, thainig e ʼna chridhe dhol a shealltuinn air a bhraithrean, clann Israil.
24ʼS nuair chunnaic e fear àraidh a fulang eucoire, dhion e e, ʼsa bualadh an Eiphitich, rinn e diughaltas dhasan, a dhʼ fhuilig an eucoir.
25Us bha e am beachd gun robh a bhraithrean a tuigsinn gur h-ann le laimhse a shaoradh Dia iad: ach cha do thuig iadsan.
26ʼS an ath latha dhʼ fhiach e e fhein dhaibh, ʼs iad a consachadh; agus bha e gan reiteachadh gu sith, a g-radh: A dhaoine, is braithrean sibh, car-son tha sibh a dochnadh a cheile?
27Ach dhʼ ùp am fear, a rinn an eucoir air a choimhearsnach, air falbh e, a g-radh: Co dhʼ orduich thusa na tʼ uachdran ʼs na dʼ bhritheamh fos ar cionn?
28An e gur aill leat mise mharbhadh, mar a mharbh thu an t-Eiphiteach an dé?
29Theich Maois as leth an fhacail so; us bha e ʼna choigreach ann an tir Mhadiain, far na ghineadh dithis mhac dha.
30ʼS air do dhàfhichead bliadhna ruith, chunnacas leis ann am fasach beinn Shina aingeal ann an lasair theine ann am preas.
31Us ghabh Maois, ri faicinn so, ioghnadh as an t-sealladh; ʼs air da tarruinn dluth gu beachd a ghabhail air, thainig guth an Tighearna ga ionnsuidh, a g-radh:
32 Is mise Dia tʼ aithrichean, Dia Abrahaim, Dia Isaic, agus Dia Iacoib. Agus bu dàna le Maois, ʼs e fo bhall-chrith, amharc.
33Us thuirt an Tighearna ris: Fuasgail do bhrogan dhe dʼ chasan: oir is talamh naomh an t-aite sam beil thu na dʼ sheasamh.
34 A faicinn chunnaic mi amhghar mo phobuill a tha san Eiphit, us chuala mi an osnaich, agus thainig mi nuas gus an saoradh. Agus a nis thig, us cuiridh mi do ʼn Eiphit thu.
35ʼSa cheart Mhaois so, a dhiult iad, a g-radh: Co dhʼ orduich thusa gu bhith na dʼ phrionns ʼs na dʼ bhritheamh? Esan chuir Dia, le laimh an aingil, a chunnacas leis sa phreas, gu bhith ʼna phrionns ʼs ʼna fhear-saoraidh.
36Thug esan a mach iad, a dianamh mhiarailtean us chomharran an talamh na h-Eiphit, agus anns a Mhuir ruaidh, agus anns an fhasach fad dàfhichead bliadhna.
37Se so cheart Mhaois, a thuirt ri clann Israil: Togaidh Dia suas dhuibh faidh dhe ʼr braithrean fhein coltach riumsa, eisdidh sibh ris-san.
38Se so esan a bha san eaglais anns an fhasach maille ris an aingeal, a labhair ris air sliabh Shina, us ri ʼr n-aithrichean, a fhuair facail na beatha gus an toirt dhuinne.
39Dha nach bʼ aill le ʼr n-aithrichean a bhith umhailt; ach dhʼ ùp iad bhuapa e, agus ʼnan cridheachan thill iad do ʼn Eiphit,
40A g-radh ri Aaron: Dian diathan dhuinn a theid romhainn: oir a thaobh a Mhaois so, a thug a mach sinn á talamh na h-Eiphit, cha n-eil fhios againn ciod a dhʼ eirich dha.
41Us rinn iad laogh sna laithean sin, agus thairg iad suas iobairt do ʼn iodhol, ʼs ghabh iad toileachadh á gniomhran an lamhan fhein.
42Agus thionndaidh Dia, us thug e thairis iad gu aoradh a dhianamh do dhʼ armailt neamh, mar tha sgriobhte an leabhar nam faidh: Na thairg sibh tobhartasan agus iobairtean dhomhsa ré dhàfhichead bliadhna san fhasach, O thigh Israil?
43 ʼS ghabh sibh h-ugaibh paillion Mholoich, agus neul ur dè Rempham, iomhaighean a rinn sibh gu aoradh a thoirt daibh. Us cuiridh mi air fogradh sibh gu taobh thall Bhabiloin.
44Bha paillion an teisteanais maille ri ʼr n-aithrichean anns an fhasach, mar a dhʼ òrduich Dia dhaibh, ʼs e labhairt ri Maois, gun dianadh e e a reir an t-samplair a bha e air fhaicinn.
45ʼS ar n-aithrichean ga ghabhail, thug iad stigh e maille ri Iosa gu sealbh nan cinneach, a thilg Dia mach romh ghnuis ar n-aithrichean, gu laithean Dhài,
46A fhuair meas an lathair Dhe, ʼsa bha an geall air paillion fhaighinn do Dhia Iacoib.
47Ach thog Solomon tigh dha.
48Ach cha n-eil an Tì is airde a tamh ann an tighean a thogar le lamhan, mar a tha am faidh a g-radh:#7.48 VII., 48. Ach cha n-eil an Tì is airde a tamh &c. Se sin mar gum biodh feum aig air tighean talmhaidh, no bhith air a chumail, no air a chuairteachadh leo. Ged tha e, an seòl eile, thaobh a dhiadhachd neo-chriochnaichte ʼnar tighean agus anns a h-uile aite, us mar dhuine thuinich e ann an tighean, us tha e a nis a tamh air ar n-altraichean.
49 Se neamh mo chathair, agua an talamh stol mo chas. Ciod an tigh a thogas tu dhomhsa, os an Tighearna? no ciod e aite mʼ fhoise?
50 Nach i mo lamh a rinn na nichean so uile?
51Tha sibhse, a dhaoine rag-mhuinealach, neo-thimchioll-ghearrte an cridhe ʼs an cluasan, daonnan a cur an aghaidh an Spioraid Naoimh; mar a rinn ur n-aithrichean, is amhuil sin sibhse cuideachd.
52Co de na faidhean air nach dʼ rinn ur n-aithrichean geur-leanmhuinn? Agus mharbh iad an fheadhainn a dhʼ innis roimh laimh mu thighinn an Aon Naoimh, air a bheil sibhse a nis ʼnur brathadairean ʼs ʼnur murtairean;
53A fhuair an lagh le frithealadh ainglean, ʼs nach do chuin e.
54A nis a cluinntinn nan nichean so, bha iad air an gonadh ʼnan cridhe, us chas iad am fiaclan ris.
55Ach air dhasan, ʼs e lan de ʼn Spiorad Naomh, amharc gu durachdach suas gu neamh, chunnaic e gloir Dhe, Iosa ʼna sheasamh air deas laimh Dhe. Us thuirt e: Seall, tha mi faicinn neamh fosgailte, agus Mac an duine ʼna sheasamh air deas laimh Dhe.
56Agus iadsan, a g-eigheach le guth ard, dhuin iad an cluasan, ʼsa dhʼ aon run leum iad air ʼnan deann.
57ʼS ga thilgeadh a mach as a bhaile, chlach iad e, agus leag na fianuisean sios an aodach aig casan oganaich, dha ʼm bʼ ainm Saul.
58Agus chlach iad Stephan, us esan a guidhe ʼsa g-radh: A Thighearna Iosa, glac mo spiorad.
59ʼSa tuiteam air a ghluinean, dhʼ eigh e le guth ard, a g-radh: A Thighearna, na cuir am peacadh so as an leth. Agus nuair thuirt e so, chaidil e san Tighearna. Us bha Saul a g-aontachadh ri bhàs.

Currently Selected:

Gniomhan 7: MacETN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in