YouVersion Logo
Search Icon

II. Esdras 8

8
CAIB. VIII.
1Agus fhreagair e mi, ag ràdh, Rinn an Tì a ʼs Airde an saoghal so air son mhòran, ach an saoghal ri teachd air son bheagan.
2Innsidh mi cosamhlachd dhuit, Esdrais; Ceart mar a chuireas tu ceist air an talamh, their e riut, gu ʼm bheil e ʼtoirt seachad mòran ùire dhe ʼn bheil soithichean crèadha air an deanamh, ach beagan duslaich as am bheil an t‑òr aʼ teachd: ceart mar sin tha dol a mach an t‑saoghail so a ta làthair.
3Tha mòran air an cruthachadh, ach beagan air an teàrnadh.
4Mar so fhreagair mise, agus thubhairt mi, Sluig sìos ma ta, O mʼ anam, tuigse, agus ith suas gliocas.
5Oir dheònaich thu cluas a thoirt, agus tha thu toileach air fàisneachd a dheanamh: oir cha ʼn ʼeil ùine ni ʼs faide agad na a mhàin a bhi beò.
6O Thighearna, mar ceaduich thu dodʼ sheirbhiseach, gu ʼn dean sinn ùrnuigh aʼ dʼ làthair, agus gu ʼn toir thu sìol dʼ ar cridhe, agus leasachadh dʼ ar tuigse, chum gu ʼn tig toradh uaith; ciamar a thig gach duine a ta truaillidh beò, a ta ʼseasamh ann an àite duine?
7Oir tha thusa aʼ dʼ aonar, agus is sinne uile aon obair do làmh, ceart mar a thubhairt thu.
8Oir an uair a dhealbhar an corp a nis ann am broinn na màthar, agus a bheir thu dha buill, tha do chreutair air a ghléidheadh ann an teine agus uisge, agus rè naoi mhìosan tha tʼ obair‑sa aʼ giùlan ledʼ chreutair fein a dhealbhadh innte.
9Ach an nì sin a ghléidheas, agus a ghléidhear, bithidh iad maraon air an teàrnadh: agus an uair a thig an t‑àm, bheir aʼ bhrù sin a dhìonadh suas na nithe a chinn#8.9 a chinn a dhʼfhàs ‑ which grew innte fein.
10Oir dhʼ àithn thu bainne a bhi air a thoirt a mach á buill aʼ chuirp, ʼse sin rʼ a ràdh, as na cìochaibh, an nì a ʼs e toradh nan cìoch,
11Chum gu ʼn àraichear an nì sin a dhealbhadh car ùine, gus an dean thu freagarrach e air son do thròcaire.
12Thog thu suas e ledʼ fhìreantachd, dhʼ àraich thu e ʼnadʼ lagh, agus dhʼ ath‑leasaich thu e ledʼ bhreitheanas.
13Agus cuiridh tu as da mar do chreutair fein, agus beòthaichidh tu e mar tʼ obair fein.
14Uime sin ma sgriosas tu esan a dhealbhadh le saothair co mòr, is furasd an nì, a bhi air a shònrachadh ledʼ àithne fein, gu ʼm biodh an nì sin a rinneadh air a ghléidheadh tèaruinte.
15A nis, uime sin, a Thighearna, labhraidh mi; a thaobh an duine gu coitchionn, is tu fein a ʼs fearr fios: ach a thaobh do shluaigh fein, air sgàth am bheil bròn orm;
16Agus a thaobh tʼ oighreachd fein, air son am bheil mi aʼ caoidh; agus a thaobh Israeil, air son am bheil mi tùiriseach; agus a thaobh Iacoib, air son am bheil trioblaid orm;
17Tòisichidh mi uime sin air ùrnuigh a dheanamh aʼ dʼ fhianuis fein, air mo shon fein agus air an sonsan: oir tha mi ʼfaicinn nan tuisle againn fein a ta chòmhnuidh ʼsan tìr.
18Ach chual mi luathas a bhreitheimh a ta gu teachd.
19Uime sin éisd rimʼ ghuth, agus tuig mo bhriathran, agus labhraidh mi ʼnadʼ làthair. Is e so toiseach nam briathar aig Esdras, mʼ an tugadh suas e: agus thubhairt mi,
20O Thighearna, thusa a ta ʼgabhail còmhnuidh ann an sìorruidheachd, a ta ʼfaicinn o ʼn àird nan nithe a ta air nèamh, agus anns na speuraibh;
21Aig am bheil rìgh‑chaithear uile luachmhor; aig am bheil glòir do‑thuigsinn; am fianuis am bheil feachd nan aingeal ʼnan seasamh le crith;
22Aig am bheil seirbhis a ta fiosrach ann an gaoith agus teine; aig am bheil tʼ fhocal fìor, agus do bhriathra seasmhach; aig am bheil tʼ àithne làidir, agus tʼ òrdugh eagallach;
23Aig am bheil sealladh a thiormaicheas suas na doimhneachda, agus corruich a bheir air na beanntaibh leaghadh air falbh; nithe air am bheil an fhìrinn aʼ toirt fianuis:
24O éisd ri ùrnuigh do sheirbhisich, agus thoir cluas do iarrtas do chreutair fein:
25Oir an cian is beò mi labhraidh mi; agus am feadh ʼsa bhios tuigse agam freagraidh mi.
26O na seall air peacannaibh do shluaigh fein, ach orra‑san a nì seirbhis dhuit ann am fìrinn.
27Na gabh suim do dhʼ innleachdaibh aingidh nan cinneach, ach an deagh‑rùn aca‑san a ghléidheas do theisteis ann an àmhghairibh.
28Na seall orrasan a ghluais gu fealltach aʼ dʼ làthair; ach cuimhnich orra‑san a ghabh eòlas air tʼ eagal, a réir do thoile fein.
29Na biodh e a réir do thoil‑sa iadsan a sgrios a bha teachd beò mar ainmhidhean; ach seall orra‑san a theagaisg gu soilleir do lagh fein.
30Na gabh corruich riù‑san a ta air am meas ni ʼs miosa no na h‑ainmhidhean; ach gràdhaich iadsan a ta ʼcur an dòchais do ghnàth ʼnadʼ fhìreantachd agus ʼnadʼ ghlòir fein.
31Oir tha sinne agus ar n‑aithriche aʼ fannachadh le h‑euslaintibh mar sin; ach dʼ ar taobh‑ne a ta ʼnar peacaich theirear gu ʼm bheil thu tròcaireach.
32Oir ma tha toil agad tròcair a dheanamh oirnn, theirear gu ʼm bheil thu tròcaireach, eadhon dhuinne aig nach ʼeil oibre sam bith fìreantachd.
33Oir na fìreana, aig am bheil mòran dheagh oibre air an tasgadh suas maille riut, gheibh iad duais o ʼn gnìomharaibh fein.
34Oir ciod e an duine, gu ʼn gabhadh tusa mì‑thlachd dheth? no ciod e ginealach truaillidh, gu ʼm biodh tusa co searbh ʼna aghaidh?
35Oir le fìrinn cha ʼn ʼeil aon duine ʼnam measg a rugadh, nach dʼ rinn gu h‑aingidh; agus am measg nan treibhdhireach fein, cha ʼn ʼeil a h‑aon nach deachaidh a ʼm mearachd.
36Oir ʼsan nì so, O Thighearna, tha tʼ fhìreanteachd agus do mhaitheas air am foillseachadh, ma bhios tu tròcaireach dhoibh‑san aig nach ʼeil dòchas dheagh oibre.
37An sin fhreagair e mi, agus thubhairt e, Beagan nithe labhair thu gu ceart, agus bithidh e a réir tʼ fhochla.
38Oir gu cinnteach cha smuainich mi air an inntinn aca‑san a pheacaich roimh ʼn bhàs, roimh ʼn bhreitheanas, roimh sgrios;
39Ach nì mi gàirdeachas thar nàdar nam fìrean, agus cuimhnichidh mi mar an ceudna an cuairt agus an slàinte, agus an duais a gheibh iad.
40Ceart mar a labhair mi a nis, thig e gu crìch.
41Oir ceart mar a chuireas an tuathanach mòran sìl air an talamh, agus a shuidhicheas e mòran chraobh, agus gidheadh cha dʼ fhàs an nì sin a chuireadh gu maith ʼna àm fein, ni mò a ghabh gach nì a shuidhicheadh freumh; ceart mar sin a ta e dʼ an taobh‑san a ta air an cur anns an t‑saoghal: cha bhi iad uile air an teàrnadh.
42Agus fhreagair mi an sin, agus thubhairt mi, Ma fhuair mi deagh‑ghean, leig leam labhairt.
43Ceart mar a théid sìol an tuathanaich a ʼm mùgh#8.43 a ʼm mùgh a dhìth ‑ to perish, mar tig e nìos, agus mar faigh e tʼ uisge‑sa ʼsan àm iomchuidh, no mar thig barrachd ʼsa chòir uisge, agus gu ʼm mill se e;
44Ceart mar sin théid an duine a ʼm mùgh mar an ceudna, a dhealbhadh ledʼ làmhaibh‑sa, agus a dhʼ ainmicheadh tʼ ìomhaigh fein, do bhrìgh gu ʼm bheil thu cosmhuil ris, air son an dʼ rinn thu na h‑uile nithe; agus shamhlaich thu e ri sìl tuathanaich.
45Na bi ann an corruich ruinn, ach caomhain do shluagh fein, agus nochd tròcair dodʼ oighreachd fein: oir tha thu tròcaireach dodʼ chreutair fein.
46An sin fhreagair e mi, agus thubhairt e, Tha na nithe a ta làthair air son an ama a ta làthair, agus nithe ri teachd, air son an ama ri teachd.
47Oir thàinig thu tuilleadh ʼs geàrr, do bhrìgh gu ʼm bheil cumhachd agad an creutair a ghràdhachadh ni ʼs mò na mise: ach tharruing mi gu minic am fagus duit‑sa, agus dàsan, ach ni h‑eadh riamh am fagus do ʼn neo‑fhìrean.
48An so mar an ceudna tha thu mìorbhuileach an làthair an Tì a ʼs Airde;
49Do bhrìgh gu ʼn dʼ ùmhlaich thu thu fein, mar bu chòir duit, agus nach do mheas thu thu fein àiridh a bhi gu mòr air do ghlòrachadh am measg nam fìrean;
50Oir nithear lìonmhorachd do thruaighibh orra‑san a chòmhnuicheas aig an àm dheireannach anns an t‑saoghal, aʼ chionn gu ʼn dʼ imich iad ann am mòr uaill.
51Ach tuig thusa air do shon fein, agus iarr aʼ ghlòir air an son‑san a bhios cosmhuil riut.
52Oir dhuit‑sa tha Pàras air fhosgladh, craobh na beatha air a suidheachadh, an t‑àm ri teachd air ullachadh, pailteas air a dheasachadh, baile air a thogail, agus fois air a ceadachadh, seadh maitheas agus gliocas iomlan.
53Tha freumh an uilc air a sheuladh suas uait‑sa, tha anmhuinneachd agus an leòmann air am foluchadh uait, agus tha truaillidheachd air teicheadh chum ifrinn gu bhi air a dì‑chuimhneachadh;
54Tha àmhghairean seachad, agus aig aʼ chrìch tha ionmhas na neo‑bhàsmhorachd air a nochdadh.
55Agus air an aobhar sin na cuir an tuilleadh cheistean a thaobh an lìonmhorachd sluaigh a théid a dhìth.
56Agus an uair a ghabh iad aʼ chead, thréig iad an Tì a ʼs Airde, smuainich iad gu tàireil air a lagh, agus thréig iad a shligheanna.
57Os bàrr shaltair iad air na fìreanaibh aige,
58Agus thubhairt iad ʼnan cridhe, nach ʼeil Dia ann; seadh, agus sin le fios aca gur éigin doibh am bàs fhaotuinn.
59Oir mar gheibh na nithe sin, air an tugadh iomradh, sibhse; mar sin tha tart agus cràdh air an ullachadh air an son‑san: oir cha bi a thoil‑san gu ʼn tigeadh daoine gu neoni:
60Ach thruaill iadsan a chruthaicheadh an t‑ainm aige‑san a dhealbh iad, agus bha iad mì‑thàingeil dhàsan a dhʼ ullaich beatha air an son:
61Agus air an aobhar sin tha mo bhreitheanas a nis am fagus.
62Cha do nochd mi na nithe sin do na h‑uile dhaoinibh, ach dhuit‑sa, agus do bheagan cosmhuil riut. An sin fhreagair mi, agus thubhairt mi,
63Feuch, O Thighearna, a nis nochd thu dhomh an lìonmhorachd mhìorbhuil a thòisicheas tu air a dheanamh anns na h‑amannaibh deireannach: ach cuin, cha do nochd thu dhomh.

Currently Selected:

II. Esdras 8: MacGAP

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in