II. Esdras 16
16
CAIB. XVI.
1Is an‑aoibhinn duit, a Bhabiloin agus Asia! is an‑aoibhinn duit, ʼEiphit agus Shiria!
2Crioslaichibh sibh fein le h‑eudach saic agus ròin#16.2 ròin ‑ ròineag, bileag fuilt ‑ hair (usually of one piece of hair, or small quantity); deanaibh caoidh air son bhur cloinne, agus biodh bròn oirbh oir tha bhur sgrios am fagus.
3Tha claidheamh air a chur thairis oirbh, agus cò a ta comusach air a thionndaidh air ais?
4Tha teine air a chur ʼn ʼur measg, agus cò a mhùchas e?
5Tha plàighean air an cur dʼ ur n‑ionnsuidh, agus cò e an tì a ghreasas air falbh iad?
6Am feud duine sam bith leòmhann ocrach anns aʼ choille a ghreasadh air falbh? No am feud duine sam bith teine anns an asbhuan a smàladh as? an uair a thòisicheas e air losgadh.
7Am feud duine sam bith an t‑saighead a thionndadh a rìs a thilgear le fear‑bogha làidir?
8Tha ʼn Tighearna cumhachdach aʼ cur nam plàigh, agus cò e an tì a dhʼ fhògras air falbh iad?
9Théid teine a mach o chorruich‑san, agus cò a dhʼ fheudas a mhùchadh?
10Tilgidh esan dealanaich, agus cò air nach bi eagal? nì e tàirneanach, agus cò nach bi fo gheilt?
11Bagraidh an Tighearna, agus cò nach bi gu tur air am pronadh gu luaithre aig a làthaireachd?
12Criothnaichidh an talamh, agus a bhunaitean; tha ʼn cuan ag éiridh suas le tonnaibh o ʼn doimhne, agus tha a thuinn air am buaireadh, agus mar an ceudna na h‑iasga, an làthair an Tighearna, agus a ʼm fianuis glòire a chumhachd‑san:
13Oir is treun a dheas‑làimh‑san a lùbas am bogha, tha a shaighdean a thilgeas e geur, agus cha ʼn iomarlaich#16.13 iomarlaich ‑ iomrallach ‑ eccentric, off target iad, an uair a thòisichear air an tilgeadh chum crìochan an t‑saoghail.
14Feuch, tha na plàighean air an cur a mach, agus cha phill iad a rìs, gus an tig iad air an talamh.
15Tha ʼn teine airʼ fhadadh, agus cha smàlar as e, gus an cnàmh e bunaite na talmhainn.
16Amhuil mar nach pill air ais an t‑saighead a thilgear le fear‑bogha cumhachdach; eadhon mar so cha phill a rìs na plàighean a chuirear a mach air an talamh.
17Mo thruaigh! mo thruaigh! cò a shaoras mi anns na làithibh ud?
18Toiseach àmhghairean agus caoidh mhòir; toiseach gainne agus bàis mhòir; toiseach choganna, agus seasaidh na cumhachda fo eagal; toiseach thruaighean! ciod a nì mi an uair a thig na truaighean sin?
19Feuch, gort agus plàigh, trioblaid agus àmhghar, air an cur mar sgiùrsaidhean air son ath‑leasachaidh.
20Ach a dhʼ aindeoin nan nithe sin uile cha phill iad on aingidheachd, agus cha bhi cuimhne aca an còmhnuidh air na sgiùrsaidhibh.
21Feuch, bithidh lòn co maith saor air an talamh, ʼs gun smuainich iad iad fein a bhi ann an deagh chor, agus eadhon an sin fàsaidh truaighean air an talamh, claidheamh, gort, agus aimhreite mhòir.
22Oir théid mòran diubh‑san a ta chòmhnuidh air an talamh a dhìth leis aʼ ghort; agus sgriosaidh an claidheamh aʼ chuid a théid as o ʼn ocras.
23Agus tilgear na mairbh a mach mar aolach, agus cha bhi neach ann a thabhairt comhfhurtachd dhoibh: oir bithidh an talamh air a sheargadh, agus na bailtean air an tilgeadh sìos.
24Cha ʼn fhàgar duine a threabhadh na talmhainn, agus ʼga chur.
25Bheir na craobhan meas, ach cò a thionaileas e?
26Abuichidh na fìon‑dhearca, ach cò a shaltaireas orra? oir bithidh na h‑ionada gu léir falamh o dhaoinibh;
27Air chor is gur miann le aon duine duine eile fhaicinn, agus a ghuth a chluinntinn.
28Oir ann am baile fàgar deichnear, agus ʼsa mhachair dithis, a dhʼ fholuicheas iad fein anns na doirichibh tiugha, agus ann an sgoltaibh nan creag.
29Mar ann an lios chrann‑olaidh, tha trì no ceithir dhearcan‑olaidh air am fàgail air gach craoibh;
30No an uair a chruinnichear fìon‑lios, tha beagan bhagaidean air am fàgail leò‑san a ta sireadh gu dìchiollach air feadh an fhìon‑lios;
31Eadhon mar sin anns na làithibh sin fàgar triùir no ceathrar leò‑san a ta rannsachadh nan tighean aca leis aʼ chlaidheamh.
32Agus fàsaichear an talamh, agus fàsaidh a mhachraichean sean, agus bithidh a shligheanna agus a ròidean uile air fàs làn droighnich, do bhrìgh nach siubhal neach sam bith trompa.
33Ni na h‑òighean caoidh, do bhrìgh nach ʼeil fir‑nuadh‑phòsda aca: bithidh na mnaoi fo bhròn, do bhrìgh nach ʼeil companaich aca: nì an nigheana caoidh, air doibh a bhi gun luchd‑cuideachaidh.
34Bithidh na fir nuadh‑phòsda air an sgrios anns na cogannaibh, agus théid na companaich aca a dhìth leis aʼ ghorta.
35Eisdibh ris na nithibh sin, agus tuigibh iad, sibhse a sheirbhisich an Tighearna.
36Faicibh focal an Tighearna, gabhaibh e; na creidibh na diathan mu ʼn do labhair an Tighearna.
37Feuch, tha na plàighean am fagus, agus cha ʼn ʼeil iad faoin.
38Amhuil mar a bheireas boirionnach lethtromach mac anns an naothamh mìosa, tha pìanta mòra aʼ cuairteachadh ʼna corp dà na trì uairean roimh ʼn bhreith, pìanta nach ʼeil air an lasachadh aʼ bheag, an uair a bheirear an leanabh:
39Eadhon mar sin cha tig na plàighean gu mall air an talamh, agus nì an saoghal caoidh, agus thig àmhghairean air o gach taobh.
40O mo shluagh‑sa, éisdibh rimʼ fhocal: deanaibh deas chum aʼ chatha, agus anns na truaighibh sin bithibh eadhon mar luchd‑cuairt air an talamh.
41Biodh esan a reiceas, cosmhuil ris‑san a theicheas air falbh; agus esan a cheannaicheas, mar neach a chailleas:
42Esan aig am bheil ceannachd, mar neach aig nach ʼeil buannachd uaith; agus easan a thogas aitreibh, mar neach nach gabh còmhnuidh ann:
43Esan a shìol‑chuireas, mar nach buaineadh e; mar sin mar an ceudna, esan a shuidhicheas am fìon‑lios, mar an tì nach cruinnich na fìon‑dhearca:
44Iadsan a phòsas, mar iadsan nach gin clann; agus iadsan nach pòs, mar na h‑aonaranaich.
45Agus air an aobhar sin tha iadsan a ta ri saothair, aʼ saothaireachadh gu dìomhain:
46Oir buanaidh coigrich an toradh aca, agus millidh iad an cuid, tilgidh iad sìos an tighean, agus nì iad an clann ʼnam bràighdibh: oir ann am bràighdeanas agus gainne ginidh iad sliochd.
47Agus iadsan a nì gréim air an ceannachd le reubainn, mar is mò a nì iad maiseach am bailtean, an tighean, an cuid, agus am pearsaidh fein,
48Is ann a ʼs mò a bhios do chorruich agam riù air son am peacaidh, a deir an Tighearna.
49Amhuil mar a ta farmad air strìopach ri boirionnach ceart, ionraic, agus subhailceach;
50Mar sin bithidh fuath aig fìreantachd do dhʼ aingidheachd, an uair a dhʼ uidheamaicheas i i fein, agus a chronnichear i a ʼn clàr an eudainn, an uair a thig esan a ghabhas leisgeul an tì a ta gu dìchiollach aʼ rannsachadh a mach gach peacaidh air an talamh.
51Agus uime sin na bithibh cosmhuil ri so, na do na h‑oibribh aige.
52Oir fathast tamull beag, agus bheirear aingidheachd air falbh as an t‑saoghal, agus rìoghaichidh fìreantachd ʼn ʼur measg.
53Na abradh am peacach nach do pheacaich e: oir lasaidh Dià éibhlean teine air aʼ cheann, a deir an làthair an Tighearna agus a ghlòir‑san, Cha do pheacaich mise.
54Feuch, tha fios aig Dia air uile oibribh dhaoine, air an smuaintibh, am breitheanachadh, agus an cridheachaibh;
55A labhair a mhàin am focal, Deanar an talamh, agus rinneadh e; deanar na nèamhan, agus dhealbhadh iad.
56ʼNa fhocal‑san rinneadh na reulta, agus tha fios aig air an àireamh aca.
57Tha e aʼ rannsachadh na doimhne, agus gach ionmhais a ta ann; thomhais e an cuan, agus na nithe a ta ann.
58Dhruid e suas an cuan ann am meadhon nan uisgeachan; agus le fhocal fein chroch e an talamh air na h‑uisgeachaibh.
59Sgaoil e a mach na nèamha mar bhogha; shuidhich e air na h‑uisgeachaibh iad.
60Rinn e sruthanna uisge anns an fhàsach, agus lochanna air mullaichibh ʼnam beann, chum gu ʼn taomadh na tuilte sìos o na creagaibh àrda a dhʼ uisgeachadh na talmhainn.
61Dhealbh e an duine, agus chuir e a chridhe ann am meadhon a chuirp, agus thug e dha anail, beatha, agus tuigse.
62Seadh, agus Spiorad an Dé Uile‑chumhachdaich, a rinn na h‑uile nithe, agus a rannsaicheas a mach gach uile nì folluichte ann an dìomhaireachdaibh na talmhainn,
63Gu cinnteach tha fios aig air bhur n‑innleachdaibh, agus air smuaintibh bhur cridhe, eadhon iadsan a ta peacachadh, agus a dhʼ fholluicheadh am peacadh.
64Air an aobhar sin rannsaich an Tighearna gu cùramach a mach bhur n‑oibre gu léir, agus cuiridh e gu nàire sibh uile.
65Agus an uair a bheirear bhur peacanna a mach, bithidh nàire oirbh am fianuis dhaoine, agus dìtear sibh le ʼr peacanna ʼsan là sin.
66Ciod a nì sibh? no cia mar a dhʼ fholluicheas sibh bhur peacanna an làthair Dhé agus ʼainglean?
67Feuch, is e Dia fein am breitheamh, biodh eagal‑san oirbh: sguiribh do bhur peacannaibh, agus dì‑chuimhichibh bhur n‑aingidheachdan, gu ʼn ghnothuch a bhi agaibh riù ni ʼs mò: mar so treòraichidh Dia a mach sibh, agus saoraidh e sibh o gach trioblaid.
68Oir, feuch, tha corruich loisgeach cuideachd mhòir air a lasadh thairis oirbh, agus bheir iad cuid agaibh air falbh, agus beathaichidh iad sibh, ʼn ʼur tàmh, le nithibh a thairgeadh do dhʼ iodholaibh.
69Agus nithear tàir agus fanoid orra‑san a dhʼ aontaicheas leò, agus saltrar fo chosaibh iad.
70Oir anns gach àit, agus anns na bailtibh a ʼs faigse, nithear ceannairc nan aghaidh‑san air am bheil eagal an Tighearna.
71Bithidh iad mar dhaoine air boile, gun neach idir a chaomhnadh, ach aʼ sìr mhilleadh agus sgrios na muinntir air am bheil eagal an Tighearna.
72Oir caithidh iad agus bheir iad an cuid air falbh, agus tilgidh iad a mach as an tighibh iad.
73An sin aithnichear iadsan a ta na muinntir thaghta dhòmh‑sa; agus dearbhar iad mar òr anns an teine.
74Eisdibh, O sibhse a luchd mo ghràidh, deir an Tighearna; feuch, tha làithean na trioblaid am fagus, ach saoraidh mi sibhse uatha.
75Na biodh eagal oirbh, ni mò na bithibh ann an teagamh; oir is e Dia bhur fear‑stiùiridh,
76Agus fear‑stiùiridh na muinntir a ghléidheas mʼ àitheantan agus mo reachdan, a deir an Tighearna Dia: na leagadh bhur peacanna sìos sibh, agus na togadh bhur n‑euceartan iad fein suas.
77Is an‑aoibhinn doibh‑san a ta air an ceangladh le ʼm peacannaibh fein, agus air an còmhdachadh le ʼn aingidheachdan fein, amhuil mar a ta achadh air a chòmhdachadh le preasaibh, agus a shlighe air a cur thairis le droighinn, chum nach imich neach sam bith troipe!
78Tha e air fhagail gun ghlanadh, agus air a thilgeadh ʼsan teine gu bhi air a losgadh suas leis.
Currently Selected:
II. Esdras 16: MacGAP
Highlight
Share
Copy
![None](/_next/image?url=https%3A%2F%2Fimageproxy.youversionapi.com%2F58%2Fhttps%3A%2F%2Fweb-assets.youversion.com%2Fapp-icons%2Fen.png&w=128&q=75)
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017