YouVersion Logo
Search Icon

II. Esdras 15

15
CAIB. XV.
1Feuch, labhair thusa ann an cluasaibh mo shluaigh briathra na fàidheadaireachd, a chuireas mi ʼnadʼ bheul, deir an Tighearna,
2Agus thoir fanear gu ʼn sgrìobhar air pàipeir iad, oir tha iad treibhdhireach agus fìor.
3Na biodh eagal nan smuaintean a ta ʼnadʼ aghaidh ort, na cuireadh am mì‑chreideamh aca‑san trioblaid ort, a labhras ʼnad aghaidh.
4Oir bàsaichidh na neo‑fhìreanna uile nan neo‑fhìreantachd fein.
5Feuch, a deir an Tighearna, bheir mi plàighean air an t‑saoghal; an claidheamh, gorta, bàs, agus sgrios.
6Oir thruaill aingidheachd gu mòr an talamh uile, agus tha ʼn oibre sgriosach air an coimhlionadh.
7Uime sin, a deir an Tighearna,
8Cha ʼn fhan mi a ʼm thosd ni ʼs mò a thaobh na h‑aingidheachd do ʼm bheil iad gu mì‑dhiadhaidh ciontach, ni mò a ghiùlaineas mi leò a thaobh nan nithe sin anns am bheil iad gu h‑aingidh ʼgan cleachdadh fein: feuch, tha ʼn fhuil neo‑chiontach agus ionraic ag éigheach rium, agus tha anama nam fìrean do ghnàth aʼ gearain.
9Agus air an aobhar sin, a deir an Tighearna, nì mi gu cinnteach dìoghaltas air an son, agus gabhaidh mi a ʼm ionnsuidh fein an fhuil neo‑chiontach uile as am measg.
10Feuch, tha mo shluagh‑sa air an treòrachadh mar threud chum aʼ chosgraidh: cha ʼn fhuiling mi dhoibh a nis còmhnuidh a ghabhail an tìr na h‑Eiphit;
11Ach bheir mi a mach iad le làimh chumhachdaich, agus le gàirdean sìnte a mach, agus buailidh mi an Eiphit le plàighibh, mar a rinneadh roimhe, agus sgriosaidh mi am fearann aice gu léir.
12Ni an Eiphit caoidh, agus buailear an stéigh aice leis aʼ phlàigh agus aʼ pheanas a bheir Dia oirre.
13Ni iadsan a ta treabhadh an fhearainn caoidh; oir fàilnichidh na sìoltan aca leis na sìantaibh agus aʼ chloich‑mheallain, agus le reult‑sholus eagallach.
14Is an‑aoibhinn do ʼn t‑saoghal, agus dhoibh‑san a ta chòmhnuidh ann!
15Oir tha ʼn claidheamh agus an sgrios aca aʼ tarruing am fagus, agus seasaidh aon phobull suas gu cogadh an aghaidh pobuill eile, agus claidhean ʼnan làmhaibh.
16Oir bithidh aimhreite am measg dhaoine, agus aʼ toirt ionnsuidh air aon a chéile; cha bhi suim aca dʼ an rìghribh no dʼ am prionnsaibh fein, agus seasaidh cùrsa an gnìomhara ʼnan cumhachd fein.
17Bithidh toil aig duine a dhol do ʼn bhaile, ach cha ʼn urrainn e.
18Oir a thaobh an uaill bithidh na bailte fo thrioblaid, sgriosar na tighean, agus bithidh daoine fo eagal.
19Cha bhi truas aig duine rʼ a choimhearsnach fein, ach sgriosaidh e an tighean leis aʼ chlaidheamh, agus millidh e an cuid, a thaobh gainne an arain, agus chum mòr‑thrioblaid.
20Feuch, deir Dia, gairmidh mi cuideachd uile rìghre na talmhainn chum ùmhlachd a dheanamh dhomh, a ta o éiridh na gréine, o ʼn àird aʼ deas, o ʼn àird an ear, agus á Libanus; chum iad fein a thionndadh an aghaidh a chéile, agus ath‑dhìol a dheanamh air son nan nithe a rinn iad dhoibh.
21Amhuil mar a ta iad fathast aʼ deanamh an diugh do ʼm shluagh taghta‑sa, mar sin nì mise mar an ceudna, agus luach‑saoithreach ʼnan uchd. Mar so a deir an Tighearna Dia,
22Cha chaomhain mo làmh dheas na peacaich, agus cha sguir mo chlaidheamh thairis orra‑san a ta ʼdòrtadh fola neo‑chiontaich air an talamh.
23Tha teine a chorruich‑san air dol a mach, agus loisg e bunaite na talmhainn, agus na peacaich, mar aʼ chonnlach a chaidh fhadadh.
24Is an‑aoibhinn doibh‑san a ta aʼ peacachadh, agus nach gléidh mʼ àitheanta‑sa! deir an Tighearna.
25Cha chaomhain mi iad: gabhaibh romhaibh, sibhse aʼ chlann, o ʼn chumhachd, na truaillibh mʼ ionad‑naomh.
26Oir tha fios aig an Tighearn orrasan uile a ta ʼpeacachadh ʼna aghaidh, agus air an aobhar sin bheir e thairis iad do ʼn bhàs agus sgrios.
27Oir a nis tha na plàighean air teachd air an talamh gu léir, agus fanaidh sibhse annta: oir cha saor an Tighearna sibh, a chionn gun do pheacaich sibh ʼna aghaidh.
28Feuch, sealladh uamhasach, agus a choslas o ʼn àird an ear:
29Far an tig cinnich nan dràgon aig Arabia a mach le mòran charbad, agus giùlainear aʼ mhòr‑chuideachd aca mar aʼ ghaoth air an talamh, chum gu ʼm bi iadsan uile a chluinneas iad fo eagal agus ball‑chrith.
30Agus mar an ceudna théid na Carmanianaich a mach, aʼ lasadh le corruich, mar fhiadh‑thorcan na coille, agus thig iad le mòr‑chumhachd, agus théid iad a ʼm boinn maille riù ʼsa chath, agus fàsaichidh iad earrann do thìr nan Assiriach.
31An sin bithidh an làmh an uachdar aig na dràgonaibh, aʼ cuimhneachadh an nàdair; agus ma thionndaidheas iad iad fein, aʼ co‑rùnachadh rʼ a chéile le mòr‑chumhachd a dheanamh geur‑leanmhuinn orra,
32An sin cuirear trioblaid orra, agus trìd eagail fanaidh iad ʼnan tosd, agus teichidh iad air falbh.
33Agus o thìr nan Assiriach cuairtichidh an nàmhaid iad, agus cuiridh e as do chuid aca, agus ʼnam feachd bithidh eagal agus geilt, agus a ʼm measg an rìghre còmhstrith.
34Faicibh neòil o ʼn àird an ear, agus o ʼn àird aʼ tuath gu ʼn àird aʼ deas, agus tha iad ro uamhasach ri amharc orra, làn corruich agus doininn.
35Buailidh iad gach aon a chéile, agus buailidh iad sìos àireamh mhòir do na reultaibh air an talamh, eadhon an reult aca fein; agus bithidh fuil o ʼn chlaidheamh do ʼn bhroinn,
36Agus aolach dhaoine chum iosgaid#15.36 iosgaid toch ‑ hough nan càmhal.
37Agus bithidh eagal mòr agus ball‑chrith air an talamh; agus bithidh geilt orrasan a chìth aʼ chorruich, agus thig crith orra.
38An sin thig doinionna mòra o ʼn àird aʼ deas, agus o ʼn àird aʼ tuath, agus cuid eile o ʼn àird an iar.
39Agus éiridh gaothanna làidire o ʼn àird an ear, agus fosgailidh iad e; agus an neul a thog e suas ʼna chorruich, agus an reult a ghluaiseadh a thoirt eagail air aʼ ghaoith an ear agus an iar, sgriosar iad.
40Togar suas an neul mòr agus cumhachdach làn corruich, agus an reult, a chum gun cuir iad eagal air an t‑saoghal uile, agus orra‑san a ta chòmnuidh ann; agus taomaidh iad a mach reult uamhasach air gach ionad àrd agus urramach,
41Teine, clach‑mheallain, agus claidhean siùbhlach, agus mòran uisgeachan, a chum gu ʼm bi gach machair làn, agus gach abhainn, le pailteas nan uisgeachan mòra.
42Agus brisidh iad sìos na bailtean agus na ballachan, monaidhean agus beannta, craobhan na coille, agus feur na macharach, agus an t‑arbhar aca.
43Agus théid iad gu seasmhach dhʼ ionnsuidh Bhabiloin, agus cuiridh iad eagal oirre.
44Thig iad dʼ a h‑ionnsuidh, agus cuiridh iad séisd#15.44 séisd teannachadh, cuartachadh ‑ siege rithe, taomaidh iad a mach an reult agus gach uile chorruich oirre: an sin théid an duslach agus an deatach suas gu nèamh, agus nì iadsan uile mu ʼn cuairt di caoidh air a son.
45Agus nì iadsan a dhʼ fhanas fòipe seirbhis dhoibh‑san a chuir fo eagal i.
46Agus thusa, Asia, aig am bheil co‑roinn do dhòchas Bhabiloin, agus a ta ʼnadʼ ghlòir a pearsaidh;
47Is an‑aoibhinn duit, a thruaghain, a chionn gu ʼn dʼ rinn thu thu fein cosmhuil rithe; agus sgeudaich thu do nigheanna ann an strìopachas, chum gun toilicheadh iad agus gun deanadh iad glòir nan leannanaibh, aig an robh miann an còmhnuidh strìopachas a dheanamh maille riut!
48Lean thu ise a ta air a fuathachadh na h‑oibribh agus na h‑innleachdaibh gu léir: uime sin, deir Dia,
49Cuiridh mi plàighean aʼ dʼ ionnsuidh; bantrachas, bochdainn, gainne, claidheamh, galar, chum sgrios a thoirt air do thighibh le milleadh agus bàs.
50Agus bithidh glòir do chumhachd air a tiormachadh suas mar bhlàth, an uair a dhʼ éireas an teas a chuireadh thairis ort.
51Nithear anmhann thu mar bhoirionnach bochd le buillibh, agus mar aon air a smachdachadh le lotaibh, air chor is nach urrainn na cumhachdaich agus na leannain gréim fhaotuinn ort.
52An rachainn air an dòigh so le h‑amharus ʼnadʼ aghaidh, deir an Tighearna,
53Mar biodh tu a riamh aʼ cur mo phobuill thaghta a dhʼ ith, ag àrdachadh buille do làimh, agus ag ràdh os ceann nam marbh aca, air duit a bhi fo mhisg,
54Leig maise do ghnùise a ris?
55Bithidh duais do strìopachais ʼnadʼ uchd fein, uime sin gheibh thu an duais.
56Amhuil mar a rinn thu rimʼ mhuinntir thaghta, deir an Tighearn, mar sin nì Dia ʼnadʼ thaobh‑sa, agus bheir e thairis thu do dhʼ aingidheachd.
57Bàsaichidh do chlann leis an ocras, agus tuitidh tusa leis aʼ chlaidheamh: brisear sìos do bhailte, agus théid as dodʼ chuid gu léir leis aʼ chlaidheamh air an àr‑fhaiche#15.57 àr‑fhaiche raon‑cogaidh, blàr ‑ battlefield.
58Iadsan a bhios anns na beanntaibh théid iad a dhìth leis an ocras, agus ithidh iad am feòil fein, agus òlaidh iad am fuil fein, air son fìor ocrais a thaobh arain, agus tairt a thaobh uisge,
59Thig thusa, mar neach neo‑shona, trìd na mara, agus thig plàighean ort a rìs.
60Agus anns an t‑slighe brùchdaidh iad air aʼ bhaile dhìomhain, agus sgriosaidh iad cuid do ʼn fhearann agad, agus cuiridh iad as do chuid dodʼ ghlòir, agus pillidh iad do Bhabilon a sgriosadh.
61Agus tilgear sìos thu leò‑san mar asbhuan, agus bithidh iad dhuit mar theine;
62Agus loisgidh iad thu fein, agus do bhailte, tʼ fhearann, agus do bheannta; loisgidh iad suas le teine do choillte, agus do chraobhan torail uile.
63Bheir iad do chlann air falbh a ʼm bràighdeanas; agus, feuch, millidh iad an nì sin a ta agad, agus truaillidh iad maise do ghnùis.

Currently Selected:

II. Esdras 15: MacGAP

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in