II. Esdras 13
13
CAIB. XIII.
1Agus thàinig e gu crìch an déigh sheachd làithean, gu ʼn do bhruadair mi bruadar air an oidhche:
2Agus, feuch, dhʼ éirich gaoth o ʼn chuan, chum gu ʼn do ghluais e a thonnan gu léir.
3Agus dhʼ amhairc mi, agus, feuch, dhʼ fhàs an duine làidir leis na mìltibh o nèamh: agus an uair a thionndaidh e a ghnùis gu amharc, chriothnaich na h‑uile nithe a chunncas fodha.
4Agus ge bʼ e cuin chaidh an guth a mach as a bheul, las iadsan uile a chual a ghuth, amhuil mar a dhʼ fhàilnicheas an talamh an uair a fhairicheas e an teine.
5Agus an déigh so dhʼ amhairc mi, agus, feuch, chruinnicheadh rʼ a chéile cuideachd do‑àireamh dhaoine, o cheithir ghaothaibh nèimhe, a cheannsachadh an duine a thàinig a mach as aʼ chuan.
6Ach dhʼ amhairc mi, agus, feuch, ghèarr e mach dha fein beinn mhòir, agus dhʼ itealaich e suas dʼ a h‑ionnsuidh.
7Ach bu mhiann leam an t‑àit no ʼn t‑ionad as an do ghèarr e aʼ bheinn fhaicinn, agus cha bʼ urrainn mi.
8Agus an déigh so dhʼ amhairc mi, agus feuch, bha iadsan uile gu mòr fo eagal a chruinnich rʼ a chéile chum a cheannsachadh, agus an déigh sin bha aʼ chridhe aca cogadh a dheanamh.
9Agus, feuch an uair a chunnaic e gairge na cuideachd a thàinig, cha do thog e a làmh, ni mò a chùm e claidheamh, no inneal cogaidh sam bith.
10Ach a mhàin chunnaic mi gu ʼn do chuir e a mach as a bheul mar gu ʼm biodh séideadh teine, agus a mach as a bhilibh anail lasarach, agus as a theanga thilg e mach sradan agus doinionna.
11Agus bha iad uile air am masgadh#13.11 masgadh ‑ measgachadh ‑ mixing air feadh a chéile; an séideadh teine, an anail lasarach, agus an doinionn mòr; agus thuit iad le h‑ainneart air aʼ mhòr‑chuideachd a bha uimichte#13.11 uimichte ‑ còmhdaichte ‑ bedecked gu cogadh, agus loisg iad suas gach aon, do bhrìgh air ball nach fhacas aʼ bheag do ʼn chuideachd do‑àireamh sin, ach a mhàin duslach agus fàile na deataich: an uair a chunnaic mi so bhuail eagal mi.
12An déigh sin chunnaic mi an duine ceudna aʼ teachd a nuas o ʼn bheinn, agus aʼ gairmeadh dʼ a ionnsuidh mòr‑chuideachd shìochail eile.
13Agus thàinig sluagh mòr dʼ a ionnsuidh, dhe ʼn robh cuid aoibhneach, cuid brònach, cuid dhiubh ceangailte, agus thug cuid eile leò de na nithibh a thairgeadh suas; an sin bha mi tinn le mòr eagal, agus dhùisg mi, agus thubhairt mi,
14Nochd thu dodʼ sheirbhiseach na mìorbhuilean sin o ʼn toiseach, agus mheas thu airidh mi chum gabhail rimʼ ùrnuigh:
15Nochd dhomh a nis fathast mìneachadh aʼ bhruadair so.
16Oir mar a ta mi ʼbreithneachadh ʼnam thuigse, is an‑aoibhinn dhoibh‑san a dhʼ fhàgar anns na làithibh sin! agus is an‑aoibhinn ni ʼs mò dhoibh‑san nach bi air am fàgail air deireadh!
17Oir bha iadsan nach dʼ fhàgadh ann an truime.
18A nis tha mi ʼtuigsinn nan nithe tha air an tasgaidh suas anns na làithibh deireannach, a thachaireas dhoibh‑san, agus dʼ an taobh‑san a dhʼ fhagar air dheireadh.
19Uime sin tha iad air teachd chum chunnarta mòra, agus iomadh éigin, amhuil mar a chuir na bruadairean sin an céill.
20Gidheadh tha e ni ʼs fhasa dhàsan a ta ann an cunnart teachd chum nan nithe sin, na teicheadh air falbh mar neul a mach as an t‑saoghal, agus gun na nithe sin fhaicinn a thachaireas anns na làithibh deireannach. Agus fhreagair e mi, agus thubhairt e,
21Nochdaidh mi dhuit mìneachadh an t‑seallaidh, agus fosgailidh mi dhuit an nì sin a ta thu ag iarraidh.
22Do bhrìgh gu ʼn do labhair thu umpa‑san a dhʼ fhàgadh air dheireadh, ʼse so am mìneachadh:
23Esan a chuireas suas leis aʼ chunnart ʼsan àm sin, gléidhidh se e fein; agus is iadsan a ta air tuiteam ann an cunnart, iadsan aig am bheil oibre, agus creidimh a thaobh an Uile‑chumhachdaich.
24Biodh fios agad uime sin air so, gu ʼm bheil iadsan a dhʼ fhàgar air dheireadh ni ʼs beannaichte na iadsan a ta marbh.
25ʼSe so a ʼs ciall do ʼn t‑sealladh; Do bhrìgh gu ʼm fac thu duine ʼteachd a nìos o mheadhon aʼ chuain;
26Is esan an tì sin a ghléidh an Dia a ʼs Airde rè ùine fhada, eadhon esan a shaoras le chumhachd fein a chreutair fein; agus bheir e àithne dhoibh‑san a ta air am fàgail air dheireadh.
27Agus do bhrìgh gu ʼm fac thu, gun tainig a mach as a bheul séideadh gaoithe, teine, agus doinionn;
28Agus nach dʼ rinn e gréim aon chuid air claidheamh, no air inneal‑cogaidh sam bith, ach leis an leumadh a stigh aige gu ʼn do mhill e a mhòr‑chuideachd uile a thàinig gu buaidh a thoirt air: is e so am mìneachadh:
29Feuch, thig na làithean, an uair a thòisicheas an Tì a ʼs Airde chum iadsan a shaoradh a ta air an talamh.
30Agus thig e chum iongantais na muinntir a ta chòmhnuidh air an talamh.
31Agus gabhaidh a h‑aon os làimh cogadh an aghaidh an aoin eile, agus aon bhaile an aghaidh baile eile, aon àit an aghaidh àitʼ eile, aon sluagh an aghaidh sluaigh eile, agus aon rìoghachd an aghaidh rìoghachd eile.
32Agus bithidh an t‑àm ann, an uair a thig na nithe sin gu crìch, agus tachraidh na comhara a nochd mi dhuit roimhe, agus an sin nithear mo Mhac‑sa aithnichte, a chunnaic thu aʼ dol suas mar dhuine.
33Agus an uair a chluinneas an sluagh uile a ghuth, sguiridh gach neach na thìr fein o ʼn chòmhstrith a ta ann, an aghaidh aoin a chéile.
34Agus cruinnichear rʼ a chéile mòr‑chuideachd do‑àireamh, mar a chunnaic thu, deònach air tighinn, agus buaidh a thoirt air le cogadh.
35Ach seasaidh e air mullach beinn Shioin.
36Agus thig Sion, agus nochdar i do na h‑uile dhaoinibh, ullaichte agus togta, mar a chunnaic thu aʼ bheinn a ghearradh le làmhaibh.
37Agus bheir mo Mhac so achmhasan do dhʼ innleachdaibh aingidh nan cinneach sin, a ta air tuiteam a thaobh an droch chaithe‑beatha anns an doininn;
38Agus a chuireas an droch smuainte ʼnam fianuis, agus na truaighean leis an toisich iad air a bhi air am buaireadh, a ta cosmhuil ri lasair; agus sgriosaidh se iad gun saothair, leis an lagh a ta cosmhuil ri teine.
39Agus do bhrìgh gu ʼm fac thu, gu ʼn do thionail e mòr‑chuideachd shìochail eile dʼ a ionnsuidh;
40Is iad sin na deich treubhan, a ghiùlaineadh air falbh ʼnan prìosanaich as an tìr fein ri lìnn an rìgh Osea, a thug Salmanasar rìgh Assiria air falbh ʼnam bràighdibh, agus a ghiùlan e thar nan aibhnichean, agus mar so thàinig iad do thìr eile.
41Ach ghabh iad aʼ chomhairle so ʼnam measg fein, gu ʼm fàgadh iad mòr‑chuideachd nan cinneach, agus gu ʼn rachadh iad a mach do dhùthaich ni ʼs faide as, far nach do chòmhnuich mac duine riamh,
42Chum gu ʼn ghléidheadh iad an reachdan fein, nach do ghléidh iad riamh nan tìr fein.
43Agus dhʼ inndrinn iad#13.43 dhʼ inndrinn iad ‑ chaidh iad (a‑steach) ‑ they entered a steach do Euphrates air slighibh aimhleathann na h‑aibhne.
44Oir nochd an Tì a ʼs Airde an sin comhara dhoibh, agus bhac e an dìlinn, gus an deachaidh iad thairis.
45Oir bha slighe fhada rʼ a dhol troimh ʼn dùthaich sin, ʼse sin, rè bhliadhna gu leth; agus goirear Asaret ris aʼ cheàrna cheudna.
46Uime sin dhʼ fhan iad an sin chum an ama dheireannaich, agus a nis, an uair a thòisicheas iad air teachd,
47Cuiridh an Tì a ʼs Airde stad a rìs air tobraichibh an t‑srutha, chum gu ʼn téid iad troimh: uime sin chunnaic thu a chuideachd le sìth.
48Ach is iadsan a ta air am fàgail air deireadh dodʼ shluagh, iadsan a ta air am fàgail a ʼn taobh a stigh dʼ am chrìochaibh fein.
49A nis, an uair a sgriosas e mòr‑àireamh nan cinneach a ta air an cruinneachadh cuideachd, dìonaidh se a shluagh fein a dhʼ fhanas.
50Agus an sin nochdaidh e dhoibh mìorbhuile mòra.
51An sin thubhairt mise, O Tighearna a ta riaghladh, nochd so dhomh: Cʼ arson a chunnaic mi an duine aʼ teachd a nìos á meadhon aʼ chuain?
52Agus thubhairt e rium, Amhuil mar nach urrainn thu na nithe a ta ann an doimhneachd aʼ chuain a rannsachadh a mach no aithneachadh; ceart mar sin cha ʼn urrainn duine air thalamh mo Mhac‑sa fhaicinn, no iadsan a ta maille ris, ach air an latha.
53ʼSe so mìneachadh aʼ bhruadair a chunnaic thu, agus trìd am bheil thusa aʼ dʼ aonar an so air do shoillseachadh.
54Oir thréig thu do shlighe fein, agus ghabh thu cùram domʼ lagh‑sa, agus dhʼ iarr thu e.
55Ann an gliocas dhʼ òrduich thu do bheatha fein, agus thug thu tuigse mar ainm air do mhàthair.
56Agus air an aobhar sin nochd mi dhuit ionmhais an Tì a ʼs Airde; an déigh thrì làithean labhraidh mi nithe eile riut, agus cuiridh mi an céill duit nithe cumhachdach agus mìorbhuileach.
57An sin chaidh mi mach air an raoin, aʼ toirt molaidh agus buidheachais ro mhòr do ʼn Tì a ʼs Airde, air son nam mìorbhuil aige a rinn e ʼnan àm;
58Agus air son gu ʼm bheil e ʼgan riaghladh, agus nithe eile a thachras ʼnan amannaibh fein; agus an sin shuidh mi rè thrì làithean.
Currently Selected:
II. Esdras 13: MacGAP
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017