YouVersion Logo
Search Icon

Mata 15

15
1 Chronaich Crìosd na sgrìobhaichean agus na Pharasaich airson àitheanta Dhè a bhriseadh len gnàthannan fhèin; 11 tha e a’ teagasg nach e an nì a thèid a‑steach don bheul a thruailleas an duine. 21 Shlànaich e nighean mnatha de mhuinntir Chanàain.
1An sin thàinig sgrìobhaichean agus Pharasaich o Ierusalem gu Iosa#Marc 7:1, etc. ag ràdh,
2Carson a tha do dheisciobail a’ dol an aghaidh gnàth nan sinnsear? Oir chan ionnlaid iad an làmhan nuair a dh’itheas iad aran.
3Ach fhreagair esan agus thubhairt e riu, Carson a tha sibhse a’ briseadh àithne Dhè le ur gnàth fhèin#Col 2:8, 23; Tìt 1:14?
4Oir thug Dia àithne, ag ràdh, Thoir urram dod athair agus dod mhàthair#Ecs 21:17; Lebh 20:9: agus ge bè a mhallaicheas a athair no a mhàthair, cuirear gu bàs e.
5Ach their sibhse, Ge bè neach a their ra athair no ra mhàthair, Biodh e na thìodhlac don teampall gach nì leis am faodadh tu buannachd fhaotainn uamsa.
6Nach feum e urram a thabhairt da athair no da mhàthair? Mar sin chuir sibhse an neo‐bhrìgh àithne Dhè le ur gnàth fhèin.
7A chealgairean, is math a rinn Esaias fàidheadaireachd mur timcheall, ag ràdh,
8Tha an sluagh seo a’ dlùthachadh riumsa lem beul#Isa 29:13, agus a’ toirt urraim dhomh lem bilean: ach tha an cridhe fada uam.
9Ach is ann an dìomhain a tha iad a’ dèanamh adhraidh dhòmhsa, a’ teagasg àitheantan dhaoine mar theagasg#Col 2:22.
10Agus air gairm an t‑sluaigh dha, thubhairt e riu, Eisdibh agus tuigibh:
11Chan e an nì a thèid a‑steach anns a’ bheul a shalaicheas an duine#Gnìo 10:15; Ròm 14:14, 20; 1 Tim 4:4; Tìt 1:15; ach an nì a thig a‑mach as a’ bheul, is e seo a shalaicheas an duine.
12An sin thàinig a dheisciobail, agus thubhairt iad ris, A bheil fhios agad gun do ghabh na Pharasaich oilbheum, an dèidh dhaibh na briathran ud a chluinntinn?
13Ach fhreagair esan agus thubhairt e, Gach uile luibh nach do shuidhich m’Athair nèamhaidh‐sa#Eòin 15:2, 6, spìonar as a bhun e.
14Leigibh leo: is cinn‐iùil dhall nan dall iad#Mat 23:16; Lùc 6:39. Agus ma threòraicheas dall dall eile, tuitidh iad araon anns a’ chlais.
15Agus fhreagair Peadar agus thubhairt e ris, Mìnich dhuinn an cosamhlachd sin.
16Agus thubhairt Iosa, A bheil sibhse fhathast mar an ceudna gun tuigse?
17Nach eil sibh a’ tuigsinn fhathast ge bè nì a thèid a‑steach anns a’ bheul, gun tèid e anns a’ bhroinn, agus gun tilgear a‑mach don t‑sloc‐shalchair e?
18Ach na nithean sin a thig a‑mach as a’ bheul, tha iad a’ teachd on chridhe, agus is iad sin a shalaicheas an duine.
19Oir is ann as a’ chridhe thig droch smuaintean#Gen 6:5; 8:21; Gnà 6:14; 24:9; Ier 17:9; Ròm 3:10‐19; Gal 5:19‐21; Eph 2:3; Tìt 3:3, mortadh, adhaltranas, strìopachas, gadachd, fianais bhrèige, toibheum:
20Is iad seo na nithean a shalaicheas an duine: ach ithe le làmhan gun ionnlad, cha salaich sin an duine.
21Agus air dol do Iosa as a sin, chaidh e gu crìochan Thìruis agus Shìdoin#Marc 7:24.
22Agus, feuch, thàinig bean de mhuinntir Chanàain o na crìochan sin, agus ghlaodh i ris, ag ràdh, Dèan tròcair orm, a Thighearna, a Mhic Dhaibhidh; tha mo nighean air a buaireadh gu truagh le deamhan#Lùc 18:38, 39.
23Ach cha tug esan freagradh sam bith dhi#Salm 28:1; Lùc 3:8. Agus thàinig a dheisciobail da ionnsaigh, agus dh’iarr iad air, ag ràdh, Cuir air falbh i, oir tha i a’ glaodhaich nar dèidh.
24Ach fhreagair esan agus thubhairt e, Cha do chuireadh mise ach a‑chum caoraich chaillte taigh Israeil#Mat 10:5, 6; Gnìo 3:26.
25An sin thàinig ise agus rinn i adhradh dha, ag ràdh, A Thighearna, cuidich leam.
26Ach fhreagair esan agus thubhairt e, Cha chòir aran na cloinne a ghlacadh, agus a thilgeadh a‑chum nan con#Mat 7:6; Tais 22:15.
27Agus thubhairt ise, Is fìor, a Thighearna: ach ithidh na coin den spruilleach a thuiteas o bhòrd am maighistirean.
28An sin fhreagair Iosa agus thubhairt e rithe, O bhean, is mòr do chreideamh: biodh e dhut mar as àill leat#Salm 145:19. Agus rinneadh a nighean slàn on uair sin a‑mach#Eòin 4:50‐53.
29Agus air imeachd do Iosa as a sin thàinig e làimh ri fairge Ghalile#Marc 7:31; agus nuair a chaidh e suas air beinn, shuidh e sìos an sin.
30Agus thàinig mòr‐shluagh da ionnsaigh, agus aca maille riu bacaich, doill, balbhain, daoine ciurramach, agus mòran eile, agus thilg iad sìos aig casan Iosa iad, agus shlànaich e iad#Salm 103:3; Isa 35:5, 6:
31Ionnas gun do ghabh an sluagh iongantas nuair a chunnaic iad na balbhain a’ labhairt, na daoine ciurramach slàn, na bacaich ag imeachd, agus na doill a’ faicinn: agus thug iad glòir do Dhia Israeil.
32An sin ghairm Iosa a dheisciobail da ionnsaigh#Marc 8:1, etc., agus thubhairt e, Tha mi a’ gabhail truais den t‑sluagh, oir dh’fhan iad maille rium a‑nis rè trì làithean, agus chan eil nì air bith aca ra ithe: agus cha chuir mi uam nan trasg iad, air eagal gum fannaich iad air an t‑slighe.
33Agus thubhairt a dheisciobail ris, Cia as a gheibheamaid uiread arain anns an fhàsach is a bu leòr a shàsachadh slòigh cho mòr#2 Rìgh 4:43, 44?
34Agus thubhairt Iosa riu, Cia lìon buileann a tha agaibh? Agus thubhairt iadsan, Seachd, agus beagan a dh’iasgan beaga.
35Agus dh’àithn e don t‑sluagh suidhe sìos air an làr#Mat 14:19, etc..
36Agus air glacadh nan seachd buileann agus nan iasg dha, agus air tabhairt buidheachais#1 Sam 9:13; Lùc 22:19; 24:30, bhris e iad, agus thug e da dheisciobail, agus thug na deisciobail don t‑sluagh iad.
37Agus dh’ith iad uile, agus shàsaicheadh iad: agus thog iad den bhiadh bhriste a dh’fhàgadh làn sheachd basgaid.
38Agus b’iad a’ mhuinntir a dh’ith, ceithir mìle fear, a thuilleadh air mnathan agus air cloinn.
39Agus air dha an sluagh a leigeadh uaithe, chaidh e air luing, agus thàinig e gu crìochan Mhagdala#Marc 8:10.

Currently Selected:

Mata 15: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in