Lùcas 8
8
1 Fhritheil mnathan do Chrìosd le am maoin. 4 An dèidh do Chrìosd searmoin a dhèanamh o àite gu àite, agus e air a leantainn le abstolan, labhair e cosamhlachd fir‐cuir an t‑sìl, 16 agus na coinnle; 21 chuir e an cèill cò iad a mhàthair, agus a bhràithrean.
1Agus thàrladh an dèidh sin, gun d’imich esan tro gach cathair agus baile, a’ searmonachadh agus a’ cur an cèill soisgeul rìoghachd Dhè, agus an dà‑fhear‐dheug maille ris;
2Agus mnathan àraidh#Mat 27:55 a lèighseadh o dhroch spioradan agus o easlaintean, Muire den gairmear Magdalen, as an deachaidh seachd deamhain#Marc 16:9,
3Agus Ioanna bean Chusa, stiùbhard Heroid, agus Susanna, agus mòran eile, a bha a’ frithealadh dha lem maoin#2 Cor 8:9.
4Agus nuair a chruinnich sluagh mòr, agus a thàinig iad as gach baile da ionnsaigh, labhair e ann an cosamhlachd:
5Chaidh fear‐cuir a‑mach a chur a shìl#Mat 13:3, etc.; Marc 4:3, etc.: agus a’ cur dha, thuit cuid ri taobh an rathaid; agus shaltradh sìos e, agus dh’ith eunlaith an adhair suas e.
6Agus thuit cuid eile air carraig, agus air fàs dha, shearg e, do bhrìgh nach robh sùgh aige.
7Agus thuit cuid eile am measg droighinn, agus dh’fhàs an droigheann maille ris, agus thachd e e.
8Agus thuit cuid eile air talamh math, agus dh’fhàs e suas, agus thug e toradh uaithe, a cheud uiread is a chuireadh. Agus air dha na nithean sin a ràdh, ghlaodh e, Ge bè aig a bheil cluasan a‑chum èisdeachd, èisdeadh e.
9Agus dh’fheòraich a dheisciobail dheth, ag ràdh, Ciod e an cosamhlachd seo?
10Agus thubhairt esan, Thugadh dhuibhse eòlas fhaotainn air rùn‐diamhair rìoghachd Dhè; ach do chàch ann an cosamhlachdan, ionnas a’ faicinn dhaibh nach faiceadh iad, agus a’ cluinntinn dhaibh nach tuigeadh iad#Isa 6:9.
11Ach is e seo an cosamhlachd: Is e an sìol facal Dhè.
12Iadsan ri taobh an rathaid, is iad sin a dh’èisdeas: na dhèidh sin tha an diabhal a’ teachd, agus a’ togail air falbh an fhacail as an cridheachan#Gnà 4:5; Isa 65:11; Seum 1:23, 24, air eagal gun creideadh iad agus gum biodh iad air an saoradh.
13An dream air a’ charraig, is iad sin iadsan, nuair a dh’èisdeas iad, a ghabhas am facal dan ionnsaigh le gàirdeachas#Salm 106:12, 13; Isa 58:2; Gal 3:1, 4; 4:15, ach chan eil aca seo freumh#Gnà 12:3; Hos 6:4, muinntir a chreideas rè tamaill, agus an àm buairidh a tha a’ tuiteam air falbh.
14Agus an nì a thuit am measg droighinn, is iad sin an dream a dh’èisdeas, agus air dhaibh dol a‑mach, tha iad air an tachdadh le cùram#1 Tim 6:9, 10; 2 Tim 4:10; Eòin 2:15‐17, agus le saoibhreas, agus le sàimh na beatha seo, agus chan eil iad a’ toirt toraidh uapa a‑chum foirfeachd.
15Ach an nì a thuit anns an talamh mhath, is iad sin iadsan, air dhaibh am facal èisdeachd, a tha ga choimhead ann an cridhe treibhdhireach agus math#Ier 32:39, agus a’ toirt toraidh uapa le foighidinn.
16Chan eil neach air bith, air dha coinneal a lasadh, a dh’fhalaicheas fo shoitheach i#Mat 5:15; Marc 4:21, no a chuireas fo leabaidh i: ach cuiridh e ann an coinnleir i, a‑chum gum faic iadsan a thig a‑steach an solas.
17Oir chan eil nì sam bith falaichte nach dèanar follaiseach#Ecl 12:14; Mat 10:26; 1 Cor 4:5; no uaigneach nach aithnichear, agus nach tig am follais.
18Air an adhbhar sin thugaibh fa‑near cionnas a dh’èisdeas sibh#Seum 1:21‐25: oir ge bè neach aig a bheil, bheirear dha#Mat 13:12; 25:29; agus ge bè neach aig nach eil, bheirear uaithe eadhon an nì sin a shaoilear a bhith aige.
19An sin thàinig da ionnsaigh a mhàthair agus a bhràithrean#Mat 12:46, etc.; Marc 3:32, etc., agus cha b’urrainn iad teachd am fagas dha leis an dùmhlas.
20Agus dh’innseadh dha le dream àraidh, a thubhairt, Tha do mhàthair agus do bhràithrean nan seasamh a‑muigh, ag iarraidh d’fhaicinn.
21Agus fhreagair esan agus thubhairt e riu, Is iad mo mhàthair agus mo bhràithrean iadsan a dh’èisdeas ri facal Dhè, agus a nì e.
22Agus thàrladh air là àraidh#Mat 8:23, etc.; Marc 4:35, etc. gun deachaidh e fhèin agus a dheisciobail a‑steach do luing: agus thubhairt e riu, Rachamaid thairis gu taobh thall an loch. Agus chuir iad a‑mach o thìr.
23Ach a’ seòladh dhaibh, thuit cadal airsan: agus thàinig ànradh gaoithe a‑nuas air an loch, agus lìonadh iad le uisge, agus bha iad ann an gàbhadh.
24Agus thàinig iad da ionnsaigh, agus dhùisg iad e#Salm 44:23; Isa 51:9, 10, ag ràdh, A Mhaighistir, a Mhaighistir, tha sinn caillte! An sin dh’èirich esan, agus chronaich e a’ ghaoth, agus onfhadh an uisge: agus sguir iad, agus thàinig fiath ann.
25Agus thubhairt e riu, Càit a bheil ur creideamh? Agus air dhaibh a bhith fo eagal, ghabh iad iongantas, ag ràdh ri chèile, Ciod a’ ghnè dhuine seo? Oir tha e a’ toirt àithne do na gaothan, agus don uisge fhèin, agus tha iad umhail dha.
26Agus thàinig iad air tìr aig dùthaich nan Gadarèneach#Mat 8:28, etc.; Marc 5:1, a tha thall fa chomhair Ghalile.
27Agus nuair a chaidh e a‑mach air tìr, choinnich duine àraidh as a’ bhaile e, anns an robh deamhain rè aimsir fhada, agus aig nach biodh aodach uime, agus nach fanadh ann an taigh, ach anns na h‑àitean‐adhlaic.
28Nuair a chunnaic e Iosa, ghlaodh e a‑mach, agus thuit e sìos na làthair, agus thubhairt e le guth àrd, Ciod e mo ghnothach‐sa riut, Iosa, a Mhic an Dè as ro‑àirde? Guidheam ort, na pian mi#Seum 2:19; Tais 20:10.
29(Oir bha e air toirt àithne don spiorad neòghlan dol a‑mach as an duine. Oir bu tric a rug e gu naimhdeil air: agus cheangladh e le slabhraidhean, agus choimheadadh an gèimhlean e; agus air briseadh a chuibhreach dha, dh’iomaineadh e leis an deamhan don fhàsach.)
30Agus dh’fheòraich Iosa dheth, ag ràdh, Ciod as ainm dhut? Agus thubhairt esan, Lègion: do bhrìgh gun deachaidh mòran dheamhan a‑steach ann.
31Agus ghuidh iad air gun àithne a thoirt dhaibh dol sìos don doimhneachd#Tais 20:3.
32Agus bha treud lìonmhor mhuc an sin, ag ionaltradh air an t‑sliabh: agus ghuidh iad air cead a thoirt dhaibh dol a‑steach annta. Agus thug e cead dhaibh.
33An sin air dol do na deamhain a‑mach as an duine, chaidh iad anns na mucan: agus ruith an treud mhuc gu dian sìos le bruthach don loch, agus thachdadh iad.
34Agus nuair a chunnaic an dream a bha gam biadhadh an nì a rinneadh, theich iad, agus dh’innis iad e anns a’ bhaile, agus anns an dùthaich.
35Agus chaidh iadsan a‑mach a dh’fhaicinn an nì a rinneadh; agus thàinig iad gu Iosa, agus fhuair iad an duine as an deachaidh na deamhain na shuidhe aig casan Iosa, air èideadh, agus e na chèill: agus ghabh iad eagal.
36Agus dh’innis an dream a chunnaic e dhaibh, cionnas a shlànaicheadh an duine anns an robh na deamhain.
37An sin dh’iarr muinntir dùthaich nan Gadarèneach uile airsan imeachd uapa#Gnìo 16:39; oir ghlacadh le eagal mòr iad: agus chaidh e anns an luing, agus thill e air ais a‑rìs.
38A‑nis ghuidh an duine as an deachaidh na deamhain air e fhèin a bhith maille ris#Deut 10:20, 21; Salm 116:12, 16: ach chuir Iosa uaithe e, ag ràdh,
39Till dod thaigh fhèin, agus cuir an cèill meud nan nithean a rinn Dia dhut. Agus dh’imich e roimhe, ag innse gu follaiseach, air feadh a’ bhaile uile, meud nan nithean a rinn Iosa dha.
40Agus thàrladh, nuair a thill Iosa air ais, gun do ghabh an sluagh gu toileach ris: oir bha iad uile ga fheitheamh.
41Agus, feuch, thàinig duine dom b’ainm Iàirus#Mat 9:18, etc.; Marc 5:22, etc., a bha na uachdaran air an t‑sionagog; agus thuit e aig casan Iosa, agus ghuidh e air gun tigeadh e da thaigh:
42Do bhrìgh gu robh aon‐ghin nighinn aige, mu thimcheall dà‑bhliadhna‐dheug, agus i a’ faotainn a’ bhàis. (Ach air dha a bhith ag imeachd, bha an sluagh ga theannadh.
43Agus thàinig bean air an robh dòrtadh fala dà‑bhliadhna‐dheug, agus a chaith a beathachadh uile ri lèighean, agus nach b’urrainn a bhith air a leigheas le neach air bith.
44Thàinig ise air a chùlaibh, agus bhean i ri iomall a aodaich: agus sguir a dòrtadh fala air ball.
45Agus thubhairt Iosa, Cò a bhean rium? Air àicheadh do na h‑uile, thubhairt Peadar ris, agus iadsan a bha maille ris, A Mhaighistir, tha an sluagh gad dhùmhlachadh agus gad theannadh, agus an abair thu, Cò a bhean rium?
46Agus thubhairt Iosa, Bhean neach‐eigin rium: oir mhothaich mi cumhachd#Lùc 6:19; 1 Pead 2:9 a’ dol asam.
47Agus nuair a chunnaic a’ bhean nach robh i an an‑fhios, thàinig i air chrith, agus a’ sleuchdadh dha, chuir i an cèill dha, an làthair an t‑sluaigh uile, carson a bhean i ris, agus mar a shlànaicheadh i gu grad.
48Agus thubhairt esan rithe, A nighean, biodh misneach agad: shlànaich do chreideamh thu; imich ann an sìth.)
49Am feadh a bha e fhathast a’ labhairt, thàinig neach o thaigh uachdaran an t‑sionagoig, ag ràdh ris, Tha do nighean marbh; na cuir dragh air a’ Mhaighistir.
50Ach nuair a chuala Iosa seo, fhreagair e e, ag ràdh, Na biodh eagal ort: a‑mhàin creid, agus bidh i air a slànachadh.
51Agus nuair a chaidh e don taigh, cha do leig e le neach air bith dol a‑steach, ach Peadar, agus Eòin, agus Seumas, agus athair agus màthair na nighinn.
52Agus bha iad uile a’ gul, agus a’ dèanamh caoidh air a son: ach thubhairt esan, Na guilibh; chan eil i marbh, ach na cadal#Eòin 11:11, 13.
53Agus rinn iad gàire fanaid ris, do bhrìgh gu robh fhios aca gu robh i marbh.
54Agus air dha an cur a‑mach uile, ghlac e air làimh i, agus ghlaodh e, ag ràdh, A nighean, èirich#Lùc 7:14; Eòin 11:43.
55Agus thàinig a spiorad air ais, agus dh’èirich i air ball; agus dh’àithn e biadh a thoirt dhi.
56Agus ghlac uamhas mòr a pàrantan: ach thug esan àithne dhaibh gun an nì a rinneadh innse do neach air bith#Mat 8:4; 9:30; Marc 5:43.
Currently Selected:
Lùcas 8: ABIG
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017