YouVersion Logo
Search Icon

Eòin 3

3
1 Theagaisg Crìosd do Nicodèmus feum na h‑ath‐ghineamhainn. 11 Mu chreidimh na bhàs. 16 Mòr‐ghràdh Dhè don chinne‐daoine. 23 Baisteadh, fianais, agus teagasg Eòin.
1Agus bha duine de na Pharasaich, dom b’ainm Nicodèmus, a bha na uachdaran#Eòin 7:50, 51; 19:39 air na h‑Iùdhaich:
2Thàinig esan a‑chum Iosa anns an oidhche, agus thubhairt e ris, A Mhaighistir, tha fhios againn gur fear‐teagaisg thu a thàinig o Dhia: oir chan urrainn duine air bith na mìorbhailean seo a dhèanamh a tha thusa a’ dèanamh#Gnìo 10:38, mura bi Dia maille ris.
3Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh riut#Gal 6:15; Eph 2:1; Tìt 3:5; Seum 1:18; 1 Pead 1:23; 1 Eòin 2:29; 3:9, mura beirear duine a‑rìs#3:3 o shuas., nach urrainn e rìoghachd Dhè fhaicinn.
4Thubhairt Nicodèmus ris, Cionnas a dh’fhaodas duine a bhith air a bhreith nuair tha e aosda? A bheil e comasach air dol a‑steach an dara uair do bhroinn a mhàthar, agus a bhith air a bhreith?
5Fhreagair Iosa, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh riut, mura bi duine air a bhreith o uisge#Marc 16:16; Gnìo 2:38, agus on Spiorad#Ròm 8:2; 1 Cor 2:12, chan urrainn e dol a‑steach do rìoghachd Dhè.
6An nì sin a tha air a bhreith on fheòil, is feòil e#Ròm 8:5‐8; 1 Cor 15:47‐50; 2 Cor 5:17; agus an nì sin a tha air a bhreith on Spiorad, is spiorad e.
7Na gabh iongantas gun dubhairt mi riut, Is èiginn dhuibh a bhith air ur breith a‑rìs.
8Tha a’ ghaoth a’ sèideadh far an àill leatha, agus tha thu a’ cluinntinn a fuaim, ach chan eil fhios agad cia as a tha i a’ teachd, no càit a bheil i a’ dol: is ann mar sin a tha gach neach a tha air a bhreith on Spiorad#1 Cor 2:11.
9Fhreagair Nicodèmus agus thubhairt e ris, Cionnas a dh’fhaodas na nithean seo a bhith?
10Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, A bheil thusa ad fhear‐teagaisg Israeil, agus nach aithne dhut na nithean seo?
11Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh riut gu bheil sinne a’ labhairt an nì as fios dhuinn, agus a’ toirt fianais air an nì sin a chunnaic sinn; agus cha ghabh sibhse ar fianais.
12Ma dh’innis mi dhuibh nithean talmhaidh, agus nach creid sibh, cionnas a chreideas sibh ma dh’innseas mi dhuibh nithean nèamhaidh?
13Agus cha deachaidh aon neach suas do nèamh#Eòin 1:18; Gnà 30:4, ach an tì a thàinig a‑nuas o nèamh#Eòin 6:38; Eph 4:9, 10, Mac an Duine a tha air nèamh.
14Agus mar a thog Maois suas an nathair anns an fhàsach#Àir 21:9, is ann mar sin as èiginn do Mhac an Duine a bhith air a thogail suas:
15A‑chum is ge bè neach a chreideas ann#Eòin 3:36; Eabh 7:25, nach sgriosar e, ach gum bi a’ bheatha mhaireannach aige.
16Oir is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal#1 Eòin 4:9‐11, 19, gun tug e a aon‐ghin Mhic fhèin, a‑chum is ge bè neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gum bi a’ bheatha shìorraidh aige.
17Oir cha do chuir Dia a Mhac don t‑saoghal a‑chum gun dìteadh e an saoghal#Lùc 9:56; 1 Eòin 2:2, ach a‑chum gum biodh an saoghal air a shaoradh trìdsan.
18An tì a chreideas ann, cha dìtear e#Eòin 6:40, 47; Ròm 8:1, 34‐39: ach an tì nach creid, tha e air a dhìteadh cheana, a chionn nach do chreid e ann an ainm aon‐ghin Mhic Dhè.
19Agus is e seo an dìteadh, gun tàinig an solas don t‑saoghal#Eòin 1:4, 9‐11, agus gun do ghràdhaich daoine an dorchadas nas mò na an solas#Isa 30:9‐11; Ròm 1:28, a chionn gu robh an gnìomharan olc.
20Oir gach neach a tha a’ dèanamh uilc, tha e a’ toirt fuatha don t‑solas, agus chan eil e a’ teachd a‑chum an t‑solais#Iob 24:13, 17; Gnà 4:18, 19, air eagal gum biodh a obraichean air an cronachadh.
21Ach an tì a nì an fhìrinn, thig e a‑chum an t‑solais#1 Eòin 1:6, a‑chum gum bi a obraichean follaiseach, gur ann an Dia a rinneadh iad.
22An dèidh sin thàinig Iosa agus a dheisciobail do thìr Iudèa; agus dh’fhan e an sin maille riu, agus bhaist e#Eòin 4:2.
23Agus bha Eòin mar an ceudna a’ baisteadh ann an Enon, làimh ri Salim#1 Sam 9:4, do bhrìgh gu robh mòran uisgeachan an sin; agus thàinig iad, agus bhaisteadh iad#Mat 3:5, 6:
24Oir cha robh Eòin fhathast air a thilgeadh ann am prìosan#Mat 14:3.
25An sin dh’èirich ceist eadar deisciobail Eòin agus na h‑Iùdhaich, mu thimcheall glanaidh.
26Agus thàinig iad a‑chum Eòin, agus thubhairt iad ris, A mhaighistir, an tì a bha maille riut an taobh thall de Iòrdan, don tug thu fianais#Eòin 1:7, 15, etc., feuch, tha esan a’ baisteadh, agus tha na h‑uile dhaoine a’ teachd da ionnsaigh#Isa 45:23.
27Fhreagair Eòin agus thubhairt e, Chan eil duine comasach air nì sam bith a ghabhail, mura bi e air a thoirt dha o nèamh#1 Cor 2:12‐14; 4:7; Eabh 5:4; Seum 1:17.
28Tha sibhse fhèin a’ toirt fianais dhòmhsa gun dubhairt mi, Cha mhi Crìosd#Eòin 1:20, 27, ach gun do chuireadh roimhe mi#Lùc 1:17.
29An tì aig a bheil a’ bhean nuadh‐phòsda, is e am fear nuadh‐pòsda e#Hos 2:19, 20; 2 Cor 11:2; Eph 5:25‐27; Tais 21:9: ach caraid an fhir nuadh‐phòsda#DànShol 5:1, a tha na sheasamh agus ag èisdeachd ris, tha e a’ dèanamh gàirdeachais mhòir airson guth an fhir nuadh‐phòsda: uime sin tha mo ghàirdeachas‐sa air a choileanadh.
30Is èiginn dhàsan fàs#Isa 9:7; Col 1:18, ach dhòmhsa a bhith air mo lùghdachadh.
31An tì a thig a‑nuas tha e os cionn nan uile#Eòin 6:33; Eph 1:20, 21; Eabh 1:3‐8: an tì a tha on talamh, tha e talmhaidh#1 Cor 15:47, agus labhraidh e air mhodh talmhaidh: an tì a thig o nèamh, tha e os cionn nan uile.
32Agus an nì a chunnaic agus a chuala e, air a sin tha e a’ toirt fianais; agus chan eil aon duine a’ gabhail ra fhianais#Eòin 1:11.
33An tì a ghabh ra fhianais‐san, chuir e a sheula ris, gu bheil Dia fìor#1 Eòin 5:10.
34An tì a chuir Dia uaithe#Eòin 7:16, tha e a’ labhairt briathran Dhè: oir chan ann a rèir tomhais a tha Dia a’ toirt an Spioraid dha#Salm 45:7; Col 1:19.
35Is toigh leis an Athair am Mac#Mat 28:18, agus thug e na h‑uile nithean na làimh.
36An tì a chreideas anns a’ Mhac, tha a’ bheatha mhaireannach aige#Eòin 3:15‐16; Ròm 1:17; ach an tì nach eil a’ creidsinn anns a’ Mhac, chan fhaic e beatha; ach tha fearg Dhè a’ gabhail còmhnaidh air#Ròm 1:18.

Currently Selected:

Eòin 3: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in