YouVersion Logo
Search Icon

Eòin 20

20
1 Thàinig Muire a‑chum na h‑uaighe; 3 agus Peadar agus Eòin, agus iad gun fhios aca air aiseirigh Chrìosd. 14 Dh’fhoillsicheadh Crìosd do Mhuire Magdalen, 19 agus da dheisciobail. 24 Mì‑chreideamh agus aidmheil Thòmais.
1Air a’ chiad là den t‑seachdain thàinig Muire Magdalen gu moch#Mat 28:1, etc.; Marc 16:1, etc.; Lùc 24:1, etc., agus an dorchadas fhathast ann, a‑chum na h‑uaighe, agus chunnaic i a’ chlach air a togail on uaigh.
2Ruith i an sin, agus thàinig i gu Sìmon Peadar, agus gus an deisciobal eile a b’ionmhainn le Iosa#Eòin 13:23, agus thubhairt i riu, Thug iad leo an Tighearna as an uaigh, agus chan eil fhios againn càit an do chuir iad e.
3Uime sin chaidh Peadar a‑mach#Lùc 24:12, agus an deisciobal sin eile, agus thàinig iad a‑chum na h‑uaighe.
4Agus ruith iad nan dithis cuideachd: agus ruith an deisciobal eile na bu luaithe na Peadar, agus thàinig e air tùs a‑chum na h‑uaighe.
5Agus air cromadh sìos dha, chunnaic e an lìon‐aodach na laighe; gidheadh cha deachaidh e a‑steach.
6An sin thàinig Sìmon Peadar ga leantainn, agus chaidh e a‑steach don uaigh, agus chunnaic e an lìon‐aodach na laighe;
7Agus an nèapaigin#Eòin 11:44 a bha ma cheann, chan ann na laighe maille ris an lìon‐aodach, ach air leth air a filleadh ann an aon àit.
8An sin chaidh a‑steach mar an ceudna an deisciobal sin eile a thàinig air tùs a‑chum na h‑uaighe, agus chunnaic, agus chreid e.
9Oir cha do thuig iad fhathast an sgriobtar#Lùc 18:31‐34; Gnìo 2:25‐31, gum b’èiginn gun èireadh esan a‑rìs o na mairbh.
10An sin dh’imich na deisciobail a‑rìs a‑chum an cuideachd fhèin.
11Ach sheas Muire aig an uaigh a‑muigh, a’ gul: agus a’ gul dhi chrom i sìos, ag amharc a‑steach don uaigh,
12Agus chunnaic i dà aingeal ann an culaidhean geala, nan suidhe, fear aig a’ cheann, agus fear aig na casan, anns an àite anns an robh corp Iosa na laighe;
13Agus thubhairt iadsan rithe, A bhean, carson a tha thu a’ gul? Thubhairt i riu, Airson gun tug iad mo Thighearna leo, agus nach eil fhios agam càit an do chuir iad e.
14Agus nuair a thubhairt i seo, thill i air a h‑ais, agus chunnaic i Iosa na sheasamh#Mat 28:9; Marc 16:9, agus cha d’aithnich i gum b’e Iosa a bha ann#Eòin 21:4; Lùc 24:16, 31.
15Thubhairt Iosa rithe, A bhean, carson a tha thu a’ gul? Cò a tha thu ag iarraidh? Air saoilsinn dhise gum b’e an gàrradair a bha ann, thubhairt i ris, A thighearna, ma thug thusa leat e, innis dhòmhsa càit an do chuir thu e, agus bheir mise leam e.
16Thubhairt Iosa rithe, A Mhuire. Air tionndadh dhise, thubhairt i ris, Rabboni, is e sin ri ràdh, A Mhaighistir.
17Thubhairt Iosa rithe, Na bean rium; oir cha deachaidh mi fhathast suas a‑chum m’Athar: ach imich a‑chum mo bhràithrean#Salm 22:22; Ròm 8:29; Eabh 2:11, agus abair riu, Tha mise a’ dol suas a‑chum m’Athar fhèin agus ur n‑Athar‐se#Eòin 14:2; Ròm 8:14, 15; 2 Cor 6:18, agus a‑chum mo Dhè fhèin#Eabh 1:9; 11:16 agus ur Dè‑se.
18Thàinig Muire Magdalen agus dh’innis i do na deisciobail#Mat 28:10 gum faca i an Tighearna, agus gun dubhairt e na nithean seo rithe.
19Agus air teachd don fheasgar an là sin fhèin#Marc 16:14; Lùc 24:36; 1 Cor 15:5, air a’ chiad là den t‑seachdain, agus na dorsan dùinte far an robh na deisciobail cruinn air eagal nan Iùdhach, thàinig Iosa agus sheas e anns a’ mheadhon, agus thubhairt e riu, Sìth dhuibh.
20Agus air dha seo a ràdh, nochd e dhaibh a làmhan agus a thaobh. An sin bha aoibhneas air na deisciobail nuair a chunnaic iad an Tighearna#Eòin 16:22.
21An sin thubhairt Iosa riu a‑rìs, Sìth dhuibh#Eòin 14:27: mar a chuir an t‑Athair uaithe mise, mar sin tha mise gur cur‐se uam#Eòin 17:18; Mat 18:18, 19.
22Agus air dha seo a ràdh, shèid e orra, agus thubhairt e riu, Gabhaibh‐se an Spiorad Naomh#Gnìo 2:4, 38.
23Cò air bith iad dom maith sibh am peacaidhean, tha iad maithte dhaibh#Mat 16:19; 18:18; agus cò air bith iad don cùm sibh am peacaidhean gun am maitheadh, tha iad air an cumail.
24Ach cha robh Tòmas, aon den dà‑fhear‐dheug#Eòin 11:16, den goirear Didimus, maille riu, nuair a thàinig Iosa.
25Uime sin thubhairt na deisciobail eile ris, Chunnaic sinne an Tighearna. Ach thubhairt esan riu, Mura faic mise aileadh nan tàirngean na làmhan, agus mura cuir mi mo mheur ann an aileadh nan tàirngean, agus mura cuir mi mo làmh na thaobh, cha chreid mi.
26Agus an ceann ochd làithean na dhèidh sin, bha a dheisciobail a‑rìs a‑staigh, agus Tòmas maille riu: thàinig Iosa, agus na dorsan dùinte, agus sheas e anns a’ mheadhon, agus thubhairt e, Sìth dhuibh.
27Na dhèidh sin thubhairt e ri Tòmas, Cuir an seo do mheur, agus feuch mo làmhan; agus sìn an seo do làmh, agus cuir am thaobh i: agus na bi mì‑chreidmheach, ach creidmheach.
28Agus fhreagair Tòmas, agus thubhairt e ris, Mo Thighearna agus mo Dhia.
29Thubhairt Iosa ris, Airson gum faca tu mi, a Thòmais, chreid thu: is beannaichte iadsan nach faca#1 Pead 1:8, agus a chreid.
30Agus rinn Iosa, gu fìrinneach, mòran de mhìorbhailean eile am fianais a dheisciobal#Eòin 21:25, nach eil sgrìobhte anns an leabhar seo.
31Ach tha iad seo sgrìobhte, a‑chum gun creideadh sibh gur e Iosa an Crìosd Mac Dhè#Lùc 1:4; agus a’ creidsinn dhuibh, gum biodh agaibh beatha tro a ainm‐san#Eòin 3:15, 16; 5:24; 10:10; 1 Pead 1:9.

Currently Selected:

Eòin 20: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in