Eòin 12
12
1 Ghabh Iosa leisgeul Mhuire airson gun dh’ung i a chasan. 9 Thàinig an sluagh nam buidhnean a dh’fhaicinn Làsarais. 10 Ghabh na h‑àrd‐shagairt comhairle a‑chum Làsaras a mharbhadh. 12 Mharcaich Crìosd gu Ierusalem.
1An sin thàinig Iosa, sia làithean ron chàisg, gu Betani, far an robh Làsaras a bha marbh#Eòin 11:1, 43, neach a thog esan o na mairbh.
2Uime sin rinn iad suipear dha an sin; agus bha Marta a’ frithealadh#Lùc 10:38‐42: ach bha Làsaras na aon dhiubhsan a shuidh aig bòrd maille ris.
3An sin ghabh Muire punnd de ola spicnaird ro‑luachmhoir#Eòin 11:2; Mat 26:6, etc.; Marc 14:3, etc., agus dh’ung i casan Iosa, agus thiormaich i a chasan le a falt: agus lìonadh an taigh le fàile cùbhraidh na h‑ola.
4An sin thubhairt aon de a dheisciobail, Iùdas Iscariot, mac Shìmoin, a bha gu esan a bhrath,
5Carson nach do reiceadh an ola seo airson trì cheud pèighinn, agus nach tugadh do na bochdan e?
6Thubhairt e seo, cha b’ann a chionn gu robh suim aige de na bochdan; ach a chionn gum bu ghadaiche e, agus gu robh an sporan aige#Eòin 13:29, agus gun do ghiùlain e na nithean a chuireadh ann.
7An sin thubhairt Iosa, Leig leatha: fa chomhair là m’adhlacaidh ghlèidh i seo.
8Oir tha na bochdan a‑ghnàth agaibh maille ribh#Deut 15:11, ach chan eil mise agaibh a‑ghnàth.
9Agus bha fhios aig sluagh mòr de na h‑Iùdhaich gu robh e an sin: agus thàinig iad, chan ann a‑mhàin airson Iosa, ach a‑chum gum faiceadh iad mar an ceudna Làsaras#Eòin 11:43, 44, a thog esan o na mairbh.
10Ach ghabh na h‑àrd‐shagartan comhairle, a‑chum Làsaras mar an ceudna a mharbhadh;
11Do bhrìgh air a shon‐san gun d’imich mòran de na h‑Iùdhaich, agus gun do chreid iad ann an Iosa.
12Air an là màireach#Mat 21:8, etc.; Marc 11:8, etc.; Lùc 19:36, etc., air cluinntinn do mhòr‐shluagh a thàinig a‑chum na fèille, gu robh Iosa a’ teachd gu Ierusalem,
13Ghlac iad geugan pailme, agus chaidh iad a‑mach na chòdhail, agus ghlaodh iad, Hosanna#Salm 118:25, 26, beannaichte gu robh Rìgh Israeil a tha a’ teachd ann an ainm an Tighearna!
14Agus air do Iosa asal òg fhaotainn, shuidh e air; a rèir mar a tha e sgrìobhte#Sech 9:9,
15Na biodh eagal ort, a nighean Shioin: feuch, tha do Rìgh a’ teachd, na shuidhe air loth asail.
16Cha do thuig a dheisciobail na nithean seo air tùs#Lùc 18:34: ach nuair a ghlòraicheadh Iosa#Eòin 7:39, an sin chuimhnich iad gu robh na nithean seo sgrìobhte uime#Eòin 14:26, agus gun do rinn iad na nithean seo dha.
17Uime sin rinn an sluagh a bha maille ris fianais gun do ghairm e Làsaras as an uaigh, agus gun do thog e o na mairbh e.
18Air an adhbhar sin mar an ceudna choinnich an sluagh e#Eòin 12:11, do bhrìgh gun cuala iad gun do rinn e am mìorbhail seo.
19Thubhairt na Pharasaich uime sin eatorra fhèin, Am faic sibh nach eil sibh a’ buadhachadh a’ bheag sam bith#Eòin 11:47, 48? Feuch, tha an saoghal air dol na dhèidh#Eòin 3:26; Gnìo 17:6.
20Agus bha Greugaich#Gnìo 17:4; Ròm 1:16 àraidh am measg na muinntir a chaidh suas a‑chum adhradh a dhèanamh aig an fhèill#1 Rìgh 8:41, 42:
21Air an adhbhar sin thàinig iadsan gu Philip#Eòin 1:44, a bha o Bhetsaida Ghalile, agus dh’iarr iad air, ag ràdh, A thighearna, bu mhiann leinn Iosa fhaicinn.
22Thàinig Philip agus dh’innis e do Anndras: agus a‑rìs dh’innis Anndras agus Philip do Iosa.
23Agus fhreagair Iosa iad ag ràdh, Thàinig an uair#Eòin 13:32; 17:1 a‑chum gum biodh Mac an Duine air a ghlòrachadh.
24Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, mura faigh an gràinne cruithneachd a thuiteas anns an talamh bàs#1 Cor 15:36, fanaidh e na aonar: ach ma gheibh e bàs, bheir e toradh mòr uaithe.
25Esan a ghràdhaicheas a anam#12:25 a bheatha.; caillidh e e#Mat 10:39; 16:25; Marc 8:35; Lùc 9:24; agus esan a dh’fhuathaicheas a anam anns an t‑saoghal seo, gleidhidh e e a‑chum na beatha maireannaich.
26Ma nì neach air bith seirbhis dhòmhsa, leanadh e mi; agus ge bè àite anns am bi mise, an sin bidh mo sheirbhiseach mar an ceudna: ma nì neach seirbhis dhòmhsa bheir m’Athair urram dha#Eòin 14:21‐23.
27A‑nis tha m’anam fo àmhghar#Eòin 13:21; Mat 26:38, 39; Lùc 12:50; agus ciod a their mi? Athair, saor mi on uair seo: ach is ann air a shon seo a thàinig mi a‑chum na h‑uaire seo.
28Athair, glòraich d’ainm. An sin thàinig guth o nèamh#Mat 3:17, ag ràdh, Ghlòraich mi araon e, agus glòraichidh mi a‑rìs e#Eòin 13:31, 32.
29Uime sin thubhairt an sluagh a sheas an làthair, agus a chuala seo, gu robh tàirneanach ann: thubhairt cuid eile, Labhair aingeal ris.
30Fhreagair Iosa agus thubhairt e, Chan ann air mo shon‐sa a thàinig an guth seo, ach air ur son‐se#Eòin 11:42.
31A‑nis tha breitheanas an t‑saoghail seo ann#Eòin 16:11: a‑nis tilgear uachdaran an t‑saoghail seo a‑mach#Eòin 14:30; Lùc 10:18.
32Agus mise, ma thogar suas on talamh mi#Eòin 8:28, tàirngidh mi na h‑uile dhaoine am ionnsaigh#Ròm 5:18; 1 Tim 2:6; Eabh 2:9.
33(Ach thubhairt e seo, a’ ciallachadh ciod a’ ghnè bhàis a gheibheadh e#Eòin 18:32.)
34Fhreagair an sluagh e, Chuala sinne as an lagh gum fan Crìosd gu sìorraidh#Salm 89:36, 37; 110:4; Isa 9:7; Daniel 7:14: agus cionnas a tha thusa ag ràdh gur èiginn do Mhac an Duine a bhith air a thogail suas? Cò e Mac an Duine seo?
35An sin thubhairt Iosa riu, Fhathast rè tamaill bhig tha an solas maille ribh#Eòin 7:33; 9:4, 5: gluaisibh am feadh is a tha solas agaibh#Ier 13:16; Eph 5:8, a‑chum nach beir an dorchadas oirbh: oir an tì a tha ag imeachd anns an dorchadas, chan aithne dha càit a bheil e a’ dol#1 Eòin 2:10, 11.
36Am feadh is a tha an solas agaibh, creidibh anns an t‑solas, a‑chum gum bi sibh nur cloinn don t‑solas#1 Tes 5:5. Labhair Iosa na nithean seo, agus dh’fhalbh e, agus dh’fhalaich e e fhèin uapa#Eòin 8:59.
37Ach ged a rinn e a choilìon seo de mhìorbhailean nan làthair, cha do chreid iad ann:
38A‑chum gum biodh briathran an fhàidh Esaias air an coileanadh, a thubhairt e#Isa 53:1, A Thighearna, cò a chreid ar n‑aithris‐ne? Agus cò dha a dh’fhoillsicheadh gàirdean an Tighearna?
39Air an adhbhar seo cha robh e an comas dhaibh creidsinn, do bhrìgh gun dubhairt Esaias a‑rìs,
40Dhall e an sùilean, agus chruadhaich e an cridhe, a‑chum nach faiceadh iad len sùilean, agus nach tuigeadh iad len cridhe, agus nach tilleadh iad, agus gun slànaichinn‐sa iad#Isa 6:9, 10.
41Thubhairt Esaias na nithean seo, nuair a chunnaic e a ghlòir‐san#Isa 6:1, agus a labhair e uime.
42Gidheadh chreid mòran de na h‑Uachdarain fhèin ann: ach airson#Eòin 9:22 nam Pharasach cha d’aidich iad e, air eagal gun cuirte a‑mach as an t‑sionagog iad.
43Oir b’annsa leo glòir dhaoine na glòir Dhè#Eòin 5:44; Ròm 2:29.
44Agus ghlaodh Iosa, agus thubhairt e, An tì a tha a’ creidsinn annam‐sa, chan ann annamsa a tha e a’ creidsinn, ach anns an tì a chuir uaithe mi#Marc 9:37; 1 Pead 1:21.
45Agus an tì a tha gam fhaicinn‐sa, tha e a’ faicinn an tì a chuir uaithe mi#Eòin 14:9, 10.
46Thàinig mi am sholas a‑chum an t‑saoghail#Eòin 3:19; 8:12; 9:5, a‑chum ge bè a chreideas annam, nach fanadh e ann an dorchadas.
47Agus ma chluinneas neach air bith mo bhriathran‐sa, agus nach creid e, chan eil mise ga dhìteadh: oir cha tàinig mi a dhìteadh an t‑saoghail#Eòin 3:17, ach a shaoradh an t‑saoghail.
48An tì a tha a’ cur cùil riumsa, agus nach eil a’ gabhail rim bhriathran, tha aige neach a bheir breith air#Deut 18:19; Lùc 9:26: am facal a labhair mi, bheir e sin breith air anns an là dheireannach.
49Oir cha do labhair mi uam fhèin; ach an t‑Athair a chuir uaithe mi, thug e àithne dhomh, ciod a theirinn, agus ciod a labhrainn.
50Agus tha fhios agam gur beatha mhaireannach a àithne‐san#1 Eòin 3:23: air an adhbhar sin na nithean a tha mi a’ labhairt, mar a thubhairt an t‑Athair rium, mar sin tha mi a’ labhairt.
Currently Selected:
Eòin 12: ABIG
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017