YouVersion Logo
Search Icon

Eòin 10

10
1 Is e Crìosd an doras agus an deagh bhuachaille. 19 Iomadh gnè bharail ma thimcheall. 24 Dhearbh e le obraichean gur e e fhèin Crìosd Mac Dhè; 39 chaidh e as o na h‑Iùdhaich; 40 agus ràinig e taobh thall Iòrdain, far an do chreid mòran ann.
1Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh#Ròm 10:15; Eabh 5:4, An tì nach tèid a‑steach tron doras do chrò nan caorach, ach a thèid suas air sheòl eile, is gadaiche agus fear‐reubainn e.
2Ach an tì a thèid a‑steach air an doras, is esan buachaille nan caorach.
3Dhàsan fosglaidh an dorsair; agus èisdidh na caoraich ra ghuth: agus gairmidh e a chaoraich fhèin air an ainm#2 Tim 2:19, agus treòraichidh e a‑mach iad.
4Agus nuair a chuireas e a‑mach a chaoraich fhèin, imichidh e romhpa, agus leanaidh na caoraich e: oir is aithne dhaibh a ghuth#DànShol 2:8; 5:2.
5Agus cha lean iad coigreach, ach teichidh iad uaithe#2 Tim 3:5; Tais 2:2, do bhrìgh nach aithne dhaibh guth choigreach.
6An cosamhlachd seo labhair Iosa riu: ach cha do thuig iadsan ciod iad na nithean a labhair e riu.
7An sin thubhairt Iosa riu a‑rìs, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh gur mise doras nan caorach#Eph 2:18; 3:12.
8Iadsan uile a thàinig romhamsa, is gadaichean agus luchd‐reubainn iad: ach cha d’èisd na caoraich riu.
9Is mise an doras: ma thèid neach air bith a‑steach tromhamsa, tèarnar e, agus thèid e a‑steach agus a‑mach, agus gheibh e ionaltradh#Salm 23:1; Isa 40:11.
10Cha tig an gadaiche ach a ghoid, agus a mharbhadh, agus a mhilleadh: thàinig mise a‑chum gum biodh beatha aca#2 Tim 1:10, agus gum biodh i aca nas pailte#Ròm 5:15‐21.
11Is mise am buachaille math#Eabh 13:20; 1 Pead 2:25: leigidh am buachaille math a anam sìos airson nan caorach#Eph 5:2; Tìt 2:14; 1 Pead 2:24.
12Ach am fear‐tuarasdail#Esec 34:3‐8; Sech 11:17, agus an tì nach e am buachaille, agus nach leis fhèin na caoraich, chì e am madadh‐allaidh a’ teachd, agus fàgaidh e na caoraich, agus teichidh e: agus glacaidh am madadh‐allaidh iad, agus sgapaidh e na caoraich.
13Ach teichidh am fear‐tuarasdail, a chionn gur fear‐tuarasdail e, agus nach eil suim aige de na caoraich.
14Is mise am buachaille math, agus is aithne dhomh mo chaoraich fhèin, agus aithnichear lem chaoraich fhèin mi#1 Eòin 5:20.
15Mar as aithne don Athair mise#Mat 11:27, mar sin is aithne dhòmhsa an t‑Athair: agus tha mi leigeadh m’anama#10:15 mo bheatha. sìos airson nan caorach#Eòin 15:13; Isa 53:4, 5.
16Agus tha caoraich eile agam, nach eil den chrò seo#Isa 49:6; 56:8: is èiginn dhomh iad sin mar an ceudna a thoirt a‑steach, agus èisdidh iad rim ghuth; agus bidh aon treud ann, agus aon bhuachaille#Esec 37:22; Eph 2:14.
17Air an adhbhar seo is ionmhainn leis an Athair mise, airson gun leig mi sìos m’anam, a‑chum gun glac mi e a‑rìs#Eabh 2:9.
18Chan eil neach air bith ga thoirt uam, ach tha mi ga leigeadh sìos uam fhèin#Philip 2:6‐8: tha cumhachd agam a leigeadh sìos, agus tha cumhachd agam a ghlacadh a‑rìs#Eòin 2:19. An àithne seo fhuair mi om Athair#Eòin 6:38.
19Air an adhbhar sin, dh’èirich eas‐aonachd a‑rìs am measg nan Iùdhach airson nam briathran seo.
20Agus thubhairt mòran dhiubh, Tha deamhan aige#Eòin 7:20, agus tha e air bhoil; carson a tha sibh ag èisdeachd ris?
21Thubhairt cuid eile, Chan iad seo briathran duine anns a bheil deamhan; a bheil deamhan comasach air sùilean nan dall fhosgladh#Eòin 9:6, etc.?
22Agus bha fèill‐chuimhne an ath‐choisrigidh ann an Ierusalem, agus b’e an geamhradh a bha ann.
23Agus bha Iosa a’ sràideamachd anns an teampall ann an sgàth‐thaigh Sholaimh#Gnìo 3:11; 5:12.
24An sin chruinnich na h‑Iùdhaich ma thimcheall, agus thubhairt iad ris, Cia fhad a chumas tu ar n‑anaman ann an amharas? Mas tu Crìosd, innis dhuinn gu follaiseach.
25Fhreagair Iosa iad, Dh’innis mi dhuibh, agus cha do chreid sibh: na h‑obraichean a tha mi a’ dèanamh ann an ainm m’Athar, tha iad sin a’ toirt fianais mum thimcheall#Eòin 5:36.
26Ach chan eil sibhse a’ creidsinn; oir chan ann dem chaoraich sibh#Eòin 8:47; 1 Eòin 4:6, mar a thubhairt mi ribh.
27Tha mo chaoraich‐sa ag èisdeachd rim ghuth, agus is aithne dhomh iad, agus leanaidh iad mi:
28Agus bheir mi a’ bheatha mhaireannach dhaibh#Eòin 17:2; 1 Eòin 5:11; agus cha sgriosar iad am feasd#Eòin 6:39, 40; Ròm 8:33‐39, cha mhò a spìonas neach air bith as mo làimh iad.
29M’Athair a thug dhòmhsa iad#Eòin 14:29; 17:2, 6, is mò e na na h‑uile; agus chan urrainn neach air bith an spìonadh à làimh m’Athar.
30Mise agus an t‑Athair, is aon sinn#Eòin 17:11, 22.
31Uime sin thog na h‑Iùdhaich clachan a‑rìs a‑chum a chlachadh#Eòin 8:59.
32Fhreagair Iosa iad, Nochd mi dhuibh mòran obraichean matha om Athair; cia de na h‑obraichean sin airson a bheil sibh gam chlachadh?
33Fhreagair na h‑Iùdhaich e, ag ràdh, Airson obraichean matha chan eil sinn gad chlachadh; ach airson toibheim#Lebh 24:16, agus airson, air a bhith dhutsa ad dhuine, gu bheil thu a’ dèanamh Dè dhìot fhèin#Eòin 5:18.
34Fhreagair Iosa iad, Nach eil e sgrìobhte nur lagh‐sa, Thubhairt mi, Is diathan sibh#Salm 82:6?
35Ma thubhairt e diathan riùsan, a dh’ionnsaigh an tàinig facal Dhè, agus nach faodar an sgriobtar a bhriseadh#Mat 5:18; Lùc 16:17;
36An abair sibh ris‐san, a naomhaich an t‑Athair#Eòin 3:34; 6:27, agus a chuir e a‑chum an t‑saoghail, Tha thu a’ labhairt toibheim; airson gun dubhairt mi, Is mi Mac Dhè#Eòin 5:17?
37Mura dèan mi obraichean m’Athar, na creidibh mi.
38Ach ma nì, ged nach creid sibh mise, creidibh na h‑obraichean#Eòin 5:36, a‑chum gum bi fhios agaibh, agus gun creid sibh gu bheil an t‑Athair annamsa, agus mise annsan.
39Uime sin dh’iarr iad a‑rìs a ghlacadh: ach chaidh e as an làimh.
40Agus chaidh e a‑rìs gus an taobh thall de Iòrdan, don ionad anns an robh Eòin air tùs ri baisteadh#Eòin 7:44; 8:59; agus rinn e còmhnaidh an sin.
41Agus thàinig mòran da ionnsaigh, agus thubhairt iad, Cha do rinn Eòin aon mhìorbhail: ach bha na h‑uile nithean a thubhairt Eòin mun duine seo fìor#Eòin 1:15‐27; 3:23‐36.
42Agus chreid mòran anns an àite sin ann.

Currently Selected:

Eòin 10: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in