YouVersion Logo
Search Icon

Genesis 27

27
1 Chuir Isaac Esau a shealg sithinn. 18 Le seòladh Rebecah thàinig Iàcob a dh’ionnsaidh athar le biadh blasda ann an riochd Esau, agus fhuair e a bheannachadh. 41 Thug Esau fuath do Iàcob, agus bhagair e a mharbhadh.
1Agus nuair a bha Isaac air fàs sean, agus a bha a shùilean dall#Gen 48:10; 1 Sam 3:2; Ecl 12:3, air chor is nach faiceadh e, ghairm e air Esau a mhac a bu shine, agus thubhairt e ris, A mhic: agus thubhairt esan ris, Feuch, tha mi an seo.
2Agus thubhairt esan, Feuch a‑nis, tha mise sean; chan eil fhios agam air là mo bhàis#Gnà 27:1; Lùc 12:40; Seum 4:14.
3Agus a‑nis, guidheam ort, gabh d’airm, do bhalg‐shaighead agus do bhogha, agus falbh a‑mach don mhachair, agus sealg dhomh sidheann;
4Agus dèan dhomh biadh blasda, mar as ionmhainn leam, agus thoir am ionnsaigh e, agus gun ith mi; a‑chum is gum beannaich m’anam#Gen 27:25; Gen 48:9; 49:28; Deut 33:1 thu mum faigh mi bàs.
5Agus chuala Rebecah nuair a labhair Isaac ra mhac Esau: agus chaidh Esau don mhachair a shealg sidhinn, ga toirt da ionnsaigh.
6Agus labhair Rebecah ra mac Iàcob, ag ràdh, Feuch, chuala mi d’athair a’ labhairt ri Esau do bhràthair, ag ràdh,
7Thoir am ionnsaigh sidheann, agus dèan biadh blasda dhomh, agus gun ith mi, agus gum beannaich mi thu an làthair an Tighearna, ro mo bhàs.
8A‑nis uime sin, a mhic, èisd rim ghuth#Gen 27:13, a rèir an nì a tha mi ag àithneadh dhut.
9Falbh a‑nis a dh’ionnsaigh an treuda, agus thoir am ionnsaigh o sin dà dheagh mheann de na gobhair; agus nì mise iad nam biadh blasda#Gen 27:4 airson d’athar, mar as ionmhainn leis:
10Agus bheir thu a dh’ionnsaigh d’athar e, a‑chum gun ith e, agus a‑chum gum beannaich e thu ro a bhàs.
11Agus thubhairt Iàcob ri Rebecah a mhàthair, Feuch, tha Esau mo bhràthair na dhuine molach#Gen 25:25, agus mise am dhuine lom.
12Mas e is gun laimhsich m’athair mi#Gen 27:22, an sin measar mi leis mar neach leis am b’àill a mhealladh; agus bheir mi mallachadh orm fhèin#Gen 9:25; Deut 27:18, agus cha bheannachadh.
13Agus thubhairt a mhàthair ris, Ormsa biodh do mhallachadh#1 Sam 25:14; 2 Sam 14:9; Mat 27:25, a mhic; a‑mhàin èisd rim ghuth, agus falbh, thoir am ionnsaigh iad.
14Agus dh’fhalbh e, agus ghlac e iad, agus thug e iad a dh’ionnsaigh a mhàthar: agus rinn a mhàthair biadh blasda, mar a b’ionmhainn le a athair#Gen 25:28; Gnà 23:3; Lùc 21:34.
15Agus ghabh Rebecah aodach taitneach Esau, a mac a bu shine, a bha aice anns an taigh; agus chuir i e air Iàcob, a mac a b’òige.
16Agus chuir i craicnean minn nan gobhar air a làmhan, agus air luime a mhuineil.
17Agus thug i am biadh blasda, agus an t‑aran a dheasaich i, do làimh a mic Iàcob.
18Agus thàinig e a dh’ionnsaigh a athar, agus thubhairt e, Athair: agus thubhairt esan, Feuch, tha mi an seo; cò thusa, a mhic?
19Agus thubhairt Iàcob ra athair, Is mise Esau do chiad‐ghin#1 Rìgh 13:18; 14:2; Isa 28:15; Sech 13:3‐4; rinn mi mar a dh’iarr thu orm: èirich, guidheam ort, suidh agus ith dem shidhinn, a‑chum is gum beannaich d’anam mi.
20Agus thubhairt Isaac ra mhac, Cionnas a fhuair thu i cho luath, a mhic? Agus thubhairt esan, A chionn gun do chuir an Tighearna do Dhia#Ecs 20:7; Iob 13:7 am rathad#27:20 na mo làthair. i.
21Agus thubhairt Isaac ri Iàcob, Thig am fagas a‑nis, agus gun laimhsich mi thu#Gen 27:12, a mhic, an tusa fhèin mo mhac Esau, no nach tu.
22Agus chaidh Iàcob am fagas da athair Isaac, agus laimhsich e e; agus thubhairt e, is e an guth guth Iàcoib, ach is iad na làmhan làmhan Esau.
23Agus cha d’aithnich e e, a chionn gu robh a làmhan molach#Gen 27:16, mar làmhan Esau a bhràthair: mar sin bheannaich e e.
24Agus thubhairt e, An tusa fhèin mo mhac Esau? Agus thubhairt esan, Is mi#2 Sam 14:5; Gnà 12:19, 22; Eph 4:25.
25Agus thubhairt e, Thoir am fagas dhomh e, agus ithidh mi de shidhinn mo mhic, a‑chum is gum beannaich m’anam thu. Agus thug e am fagas dha e, agus dh’ith e; agus thug e da ionnsaigh fìon, agus dh’òl e.
26Agus thubhairt a athair Isaac ris, Thig am fagas a‑nis, agus pòg mi, a mhic.
27Agus thàinig e am fagas, agus phòg e e: agus dh’fhairich e boladh a aodaich; agus bheannaich e e#Eabh 11:20, agus thubhairt e, Feuch, tha fàile#Daniel 4:11; Hos 14:6 mo mhic mar fhàile fearainn a bheannaich an Tighearna#Eabh 6:7:
28Uime sin, gun tugadh Dia dhut de dhrùchd#Deut 33:13, 28; 2 Sam 1:21; Salm 133:3; Mic 5:7 nèimh, agus de reamhrachd na talmhainn, agus pailteas arbhair agus fìona:
29Dèanadh slòigh seirbhis dhut, agus strìochdadh cinnich dhut; bi ad uachdaran air do bhràithrean, agus cromadh mic do mhàthar sìos dhut#Gen 49:8: mallaichte gu robh gach neach a mhallaicheas thu#Àir 24:9; Seph 2:8, agus beannaichte gu robh gach neach a bheannaicheas thu.
30Agus cho luath agus a sguir Isaac de bheannachadh Iàcoib, nuair a bu ghann a bha Iàcob air dol a‑mach fhathast à làthair Isaaic a athair, thàinig a bhràthair Esau o a sheilg.
31Agus rinn esan mar an ceudna biadh blasda, agus thug e a dh’ionnsaigh a athar e; agus thubhairt e ra athair, Eireadh m’athair, agus itheadh e de shidhinn a mhic, a‑chum gum beannaich d’anam mi.
32Agus thubhairt Isaac a athair ris, Cò thusa? Agus thubhairt esan, Is mi do mhac, do chiad‐ghin, Esau.
33Agus chriothnaich Isaac le ball‐chrith anabarraich#27:33 chriothnaich Isaac gu mòr le criothnachadh mòr., agus thubhairt e, Cò, càit a bheil esan a ghlac#27:33 shealg. sidheann, agus a thug i am ionnsaigh, agus dh’ith mi den iomlan mun tàinig thusa#Gen 27:25? Agus bheannaich mi e, seadh agus beannaichte bidh e.
34Nuair a chuala Esau briathran a athar, ghlaodh e le glaodh mòr, agus ro‑shearbh; agus thubhairt e ra athair, Beannaich mise, eadhon mise mar an ceudna#Gnà 1:31; Eabh 12:17, O athair.
35Agus thubhairt e, Thàinig do bhràthair le ceilg#2 Rìgh 10:19; Mal 2:10; 1 Tes 4:6, agus thug e leis do bheannachadh.
36Agus thubhairt esan, Nach ceart a thugadh Iàcob#27:36 is e sin, fear‐tollaidh fodha. mar ainm air? Oir thàinig e fodham an dà uair seo: thug e leis mo chòir‐bhreithe#Gen 25:26, 34; agus, feuch, a‑nis thug e leis mo bheannachadh. Agus thubhairt e, Nach do ghlèidh thu dhòmhsa beannachadh?
37Agus fhreagair Isaac, agus thubhairt e ri Esau, Feuch, rinn mi e na uachdaran ort#Gen 27:29; 2 Sam 8:14, agus a bhràithrean uile thug mi dha mar sheirbhisich; agus le arbhar agus le fìon chùm mi suas e: agus dhutsa ciod a‑nis a nì mi, a mhic?
38Agus thubhairt Esau ra athair, Nach eil agad ach aon bheannachadh, athair? Beannaich mise, eadhon mise mar an ceudna, O athair. Agus thog Esau suas a ghuth, agus ghuil e.
39Agus fhreagair Isaac a athair, agus thubhairt e ris, Feuch, ann an reamhrachd na talmhainn bidh do chòmhnaidh, agus ann an drùchd nèimh on àirde;
40Agus led chlaidheamh thig thu beò, agus dod bhràthair nì thu seirbhis#Gen 25:23; Salm 60:9, 10; Obad 1:18‐20: agus nuair a bhios an uachdaranachd agad, an sin brisidh tu a chuing od mhuineal#2 Rìgh 8:20; 2 Each 21:8.
41Agus dh’fhuathaich Esau Iàcob#Gen 4:5; 37:4, 8 airson a’ bheannachaidh leis an do bheannaich a athair e: agus thubhairt Esau na chridhe, Tha làithean a’ bhròin#Gen 50:3 airson m’athar am fagas, agus an sin marbhaidh mi mo bhràthair Iàcob#Gen 32:6; Obad 1:10.
42Agus dh’innseadh do Rebecah briathran Esau, a mac a bu shine, agus chuir i teachdaire uaipe, agus ghairm i air Iàcob, a mac a b’òige, agus thubhairt i ris, Feuch, tha do bhràthair Esau a’ toirt comhfhurtachd dha fhèin#Iob 20:12; Salm 64:5 dod thaobh‐sa, a’ cur roimhe do mharbhadh.
43A‑nis uime sin, a mhic, èisd rim ghuth; agus èirich, teich a dh’ionnsaigh mo bhràthar Làban do Hàran#Gen 11:31;
44Agus fanaidh tu maille ris beagan de làithean, gus an tionndaidh fraoch fearg do bhràthar;
45Gus an tionndaidh corraich do bhràthar uat, agus gun dìochuimhnich e na rinn thu air: an sin cuiridh mise fios, agus bheir mi as a sin thu. Carson a chaillinn le chèile sibh ann an aon là?
46Agus thubhairt Rebecah ri Isaac, Tha mi sgìth dem bheatha airson nigheanan Het#Gen 26:35: ma ghabhas Iàcob bean de nigheanan Het, mar iadsan a tha de nigheanan na dùthcha, ciod am math a nì mo bheatha dhòmhsa?

Currently Selected:

Genesis 27: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy