Genesis 15
15
1 Tha Dia a’ toirt misnich agus sòlais a dh’Abram. 4 Tha e a’ gealltainn dha oighre, agus sliochd ro lìonmhor. 6 Tha Abram air fhìreanachadh tre chreidimh, etc.
1An dèidh nan nithean sin thàinig facal an Tighearna gu Abram ann an taisbeanadh#Gen 46:2; Àir 12:6; Daniel 10:1; Gnìo 10:11, 22, ag ràdh#Lùc 1:13, Na biodh eagal ort, Abraim#Deut 33:29; Salm 3:3; 84:11; 91:4; 119:114; Gnà 30:5: is mise do sgiath agus do dhuais ro‑mhòr#Salm 142:5; Tuir 3:24; Eabh 13:5.
2Agus thubhairt Abram, A Thighearna Dhè, ciod a bheir thu dhomh, agus mi ag imeachd gun chloinn#Gen 30:1; Isa 56:5; Gnìo 7:5, agus gur e Elièser seo o Dhamascas fear‐riaghlaidh mo thaighe?
3Agus thubhairt Abram, Feuch, dhòmhsa cha tug thu sliochd air bith: agus, feuch, is e neach a rugadh am thaigh#Gnà 29:21 as oighre orm.
4Agus, feuch, thàinig facal an Tighearna da ionnsaigh, ag ràdh, Cha bhi e seo na oighre ort; ach esan a thig a‑mach as d’innibh#Gen 17:16 fhèin, bidh e na oighre ort.
5Agus thug e leis a‑mach e, agus thubhairt e, Amhairc a‑nis suas gu nèamh, agus àireamh na reultan#Deut 1:10; Eabh 11:12, mas urrainn thu an àireamh: agus thubhairt e ris, Mar seo bidh do shliochd#Ròm 4:18.
6Agus chreid e anns an Tighearna; agus mheas e sin dha mar ionracas#Ròm 4:3, 6, etc.; Gal 3:6.
7Agus thubhairt e ris, Is mise an Tighearna a thug a‑mach thusa à Ur nan Caldèach#Gen 12:1, a thoirt dhut an fhearainn seo a‑chum a shealbhachadh mar oighre.
8Agus thubhairt esan, A Thighearna Dhè, cia leis a bhios fhios agam gun sealbhaich mi e#Bri 6:17; 2 Rìgh 20:8; Lùc 1:18?
9Agus thubhairt e ris, Gabh dhòmhsa agh trì bliadhna a dh’aois, agus gobhar trì bliadhna a dh’aois, agus reithe trì bliadhna a dh’aois, agus turtar, agus calaman òg.
10Agus ghabh e dha fhèin iad sin uile, agus roinn e iad anns a’ mheadhon#Ier 34:18, 19, agus chuir e gach aon de na mìrean fa chomhair a lethbhreac: ach cha do roinn e na h‑eòin#Lebh 1:17.
11Agus nuair a thàinig an eunlaith a‑nuas air na cairbhean, dh’fhuadaich Abram air falbh iad.
12Agus nuair a bha a’ ghrian a’ dol fodha, thuit cadal trom#Gen 2:21; 1 Sam 26:12; Iob 4:13 air Abram; agus, feuch, thuit uamhann dorchadais mhòir air.
13Agus thubhairt e ri Abram, Biodh fhios gu cinnteach agad gum bi do shliochd nan coigrich ann an dùthaich nach leo fhèin, agus nì iad seirbhis dhaibh; agus buinidh iad gu cruaidh#Ecs 12:40 riu ceithir cheud bliadhna;
14Agus, mar an ceudna, air a’ chinneach sin don dèan iad seirbhis, bheir mise breith#Ecs 6:6: agus na dhèidh sin thig iad a‑mach le maoin mhòir#Ecs 12:36.
15Agus thèid thusa a dh’ionnsaigh d’athraichean ann an sìth; adhlaicear thu ann an deagh sheann aois#Gen 25:8; Iob 5:26.
16Ach anns a’ cheathramh linn thig iad an seo air an ais: oir chan eil aingidheachd nan Amorach fhathast#Mat 23:32; 1 Tes 2:16 làn#15:16 làn..
17Agus nuair a bha a’ ghrian air dol fodha, bha dorchadas ann, agus, feuch, àmhainn dheataich agus leus teine#15:17 lòchran teine. a chaidh eadar na mìrean sin.
18Air an là sin fhèin rinn an Tighearna coicheangal ri Abram, ag ràdh, Dod shliochd‐sa thug mi am fearann seo, o abhainn na h‑Èiphit gu ruig an abhainn mhòr, abhainn Euphràtes:
19Na Cenich, agus na Cenidsich, agus na Cadmonaich,
20Agus na Hitich, agus na Peridsich, agus na Rephaimich,
21Agus na h‑Amoraich, agus na Canàanaich, agus na Girgasaich, agus na h‑Iebusaich.
Currently Selected:
Genesis 15: ABIG
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017