Genesis 10
10
1 Ginealaich Nòah. 2 Mic Iapheit. 6 Mic Ham. 15 Sliochd Chanàain. 21 Mic Sheim.
1A‑nis is iad sin ginealaichean mic Nòah, Sem, Ham, agus Iàphet: agus rugadh dhaibh mic an dèidh na dìle.
2Mic Iàpheit; Gomer, agus Magog, agus Madai, agus Iabhan, agus Tubal, agus Mesech, agus Tiras.
3Agus mic Ghomeir; Ascenas, agus Riphat, agus Togarmah.
4Agus mic Iabhain; Elisa, agus Tarsis, Citim, agus Dodanim.
5Leo sin roinneadh eileanan nan cinneach#Ier 2:10; Seph 2:11 nan tìrean fhèin; gach aon a rèir a theanga, a rèir an teaghlaichean, nan cinnich.
6Agus mic Ham: Cus, agus Midsraim, agus Phut, agus Canàan.
7Agus mic Chuis: Sèba#Salm 72:10, agus Habhilah, agus Sabtah, agus Raamah; agus Sabtecha: agus mic Raamah: Sèba, agus Dedan.
8Agus ghin Cus Nimrod#Mic 5:6: thòisich esan air a bhith cumhachdach anns an talamh.
9Bha e na shealgair cumhachdach an làthair an Tighearna: uime sin theirear, Amhail mar Nimrod, an sealgair cumhachdach an làthair an Tighearna.
10Agus b’e toiseach a rìoghachd Bàbel#10:10 Bàbilon., agus Erech, agus Acad, agus Calneh, ann an tìr Shinair.
11As an tìr sin chaidh a‑mach Asur#10:11 chaidh e a‑mach do Asiria., agus thog e Ninebheh, agus baile Rehobot#10:11 no, sràidean a’ bhaile., agus Calah,
12Agus Resen eadar Ninebheh agus Calah: is baile mòr sin.
13Agus ghin Midsraim Ludim, agus Anamim, agus Lehabim, agus Naphtuhim,
14Agus Patrusim#1 Each 1:12, agus Casluhim (on tàinig a‑mach Philistim), agus Caphtorim.
15Agus ghin Canàan Sìdon a chiad‐ghin, agus Het,
16Agus an t‑Iebusach, agus an t‑Amorach, agus an Girgasach,
17Agus an t‑Hibheach, agus an t‑Harcach, agus an Sineach,
18Agus an t‑Arbhadach, agus an Semàrach, agus an t‑Hamatach: agus na dhèidh sin sgaoileadh a‑mach teaghlaichean nan Canàanach.
19Agus bha crìoch nan Canàanach#Gen 15:18, 21; Àir 34:2, 12; Ios 12:7, 8 o Shìdon, mar a thig thu gu Gèrar, gu ruig Gadsa, mar a thèid thu gu Sòdom agus Gomorrah, agus Admah, agus Seboim gu ruig Lasa.
20Is iad sin mic Ham, a rèir an teaghlaichean, a rèir an teangannan, nan tìrean, agus nan cinnich.
21Agus do Shem fhèin mar an ceudna, athair chloinn Ebair uile, bràthair Iapheit a bu shine, rugadh clann.
22Clann Sheim: Elam, agus Asur, agus Arphacsad, agus Lud, agus Aram.
23Agus clann Araim: Uds, agus Hul, agus Geter, agus Mas.
24Agus ghin Arphacsad Salah; agus ghin Salah Eber.
25Agus do Eber rugadh dithis mhac#1 Each 1:19: b’e ainm aoin dhiubh Peleg#10:25 roinn.; oir na làithean‐san roinneadh an talamh; agus b’e ainm a bhràthar Ioctan.
26Agus ghin Ioctan Almodad, agus Seleph, agus Hadsar‐mabhet, agus Ierah,
27Agus Hadoram, agus Udsal, agus Diclah,
28Agus Obal, agus Abimael, agus Sèba,
29Agus Ophir, agus Habhilah, agus Iobab: b’iad sin uile mic Ioctain.
30Agus bha an àite‐còmhnaidh o Mhesa, mar a thèid thu gu Sephar, beinn anns an àird an ear.
31Is iad sin mic Sheim, a rèir an teaghlaichean, a rèir an teangannan, nan tìrean, a rèir an cinneach.
32Is iad sin teaghlaichean mic Nòah, a rèir an ginealaichean, nan cinnich: agus leo sin roinneadh na cinnich anns an talamh an dèidh na dìle.
Currently Selected:
Genesis 10: ABIG
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017