YouVersion Logo
Search Icon

Gnìomharan 4

4
1 Chuir uachdarain nan Iùdhach Peadar agus Eòin ann am prìosan, airson iad a bhith a’ searmonachadh Iosa don t‑sluagh; 5 an dèidh an ceasnachadh dh’aidich Peadar gun do leighiseadh am bacach le cumhachd diadhaidh Iosa a‑mhàin, agus gur ann trìd‐san na aonar a tha slàinte shìorraidh ri fhaighinn.
1Agus am feadh a bha iad a’ labhairt ris an t‑sluagh, thàinig orra na sagartan, agus ceannard an teampaill, agus na Sadusaich#Gnìo 23:8; Mat 22:23;
2Air dhaibh a bhith fo dhoilgheas gu robh iad a’ teagasg an t‑sluaigh, agus a’ searmonachadh tre Iosa aiseirigh nam marbh.
3Agus chuir iad làmh annta, agus chuir iad ann am prìosan iad gus an là màireach: oir b’e a‑nis am feasgar a bha ann.
4Gidheadh chreid mòran dhiubhsan a chuala am facal: agus b’e àireamh nan daoine timcheall còig mìle.
5Agus thàrladh air an là màireach, gun do chruinnicheadh an ceann a chèile an uachdarain, agus an seanairean, agus an sgrìobhaichean ann an Ierusalem,
6Agus Annas an t‑àrd‐shagart#Eòin 18:13, agus Caiaphas, agus Eòin, agus Alecsander, agus a mheud is a bha de chinneach an àrd‐shagairt.
7Agus air dhaibh iadsan a chur anns a’ mheadhon, dh’fheòraich iad#Mat 21:23, Ciod e an cumhachd, no ciod e an t‑ainm, anns an do rinn sibh seo?
8An sin air do Pheadar a bhith air a lìonadh leis an Spiorad Naomh#Gnìo 7:55, thubhairt e riu, Uachdarana a’ phobaill, agus a sheanairean Israeil,
9Ma tha sinne an‑diugh air ar ceasnachadh mun deagh ghnìomh a rinneadh don duine easlan, cionnas a shlànaicheadh e;
10Biodh e aithnichte dhuibhse uile, agus do phoball Israeil uile, gur ann tre ainm Iosa Crìosd o Nàsaret#Gnìo 3:6, 16, a cheus sibhse, a thog Dia o na mairbh, eadhon trìdsan a tha an duine seo na sheasamh an seo nur làthair‐se slàn.
11Is i seo a’ chlach a dhiùltadh leibhse, a luchd togail#Salm 118:22; Isa 28:16; Mat 21:42, a rinneadh na ceann na h‑oisne.
12Agus chan eil slàinte ann an neach air bith eile#Eòin 14:6; 1 Cor 3:11; 1 Tim 2:5: oir chan eil ainm air bith eile fo nèamh air a thabhairt am measg dhaoine, tre am faod sinn a bhith air ar tèarnadh.
13A‑nis nuair a chunnaic iad dànachd Pheadair agus Eòin, agus a thuig iad gum bu daoine gun fhòghlam agus cumanta iad#Mat 11:25; 1 Cor 1:27, ghabh iad iongantas; agus dh’aithnich iad iad gu robh iadsan maille ri Iosa.
14Agus air faicinn an duine a lèighseadh na sheasamh maille riu, cha robh nì air bith aca ri ràdh na aghaidh.
15Agus an dèidh dhaibh òrdachadh dhaibhsan dol a‑mach as a’ chomhairle, chuir iad an cinn cuideachd,
16Ag ràdh, Ciod a nì sinn ris na daoine seo#Eòin 11:47? Oir gun deachaidh mìorbhail aithnichte a dhèanamh leo, tha e follaiseach do luchd‐àiteachaidh Ierusaleim uile#Gnìo 3:9, 10, agus chan urrainn sinn a àicheadh.
17Ach a‑chum nach sgaoilear e nas mò air feadh an t‑sluaigh, bagramaid orra gu geur, gun iad a labhairt nas mò ri neach air bith anns an ainm seo.
18Agus air dhaibh an gairm, dh’àithn iad dhaibh gun iad a labhairt air chor sam bith, no a theagasg ann an ainm Iosa.
19Ach fhreagair Peadar, agus Eòin agus thubhairt iad riu, A bheil e ceart ann am fianais Dhè, èisdeachd ribhse ro Dhia#Gnìo 5:29, thugaibh fhèin breith.
20Oir chan eil e an comas dhuinne#Gnìo 18:5; Ier 20:9 gun na nithean a chunnaic agus a chuala sinn#1 Eòin 1:1, 3 a labhairt.
21Agus air dhaibhsan tuilleadh bagraidh a dhèanamh orra, leig iad as iad, gun dòigh air bith fhaotainn air am faodadh iad peanas a dhèanamh orra, airson an t‑sluaigh#Gnìo 5:26; Mat 21:26: oir bha na h‑uile a’ toirt glòire do Dhia airson an nì a rinneadh.
22Oir bha an duine air an do rinneadh am mìorbhail leighis seo tuilleadh is dà‑fhichead bliadhna a dh’aois.
23Agus nuair a leigeadh as iad, thàinig iad a dh’ionnsaigh am muinntir fhèin#Gnìo 2:44‐46, agus dh’innis iad na h‑uile nithean a thubhairt na h‑àrd‐shagartan, agus na seanairean, riu.
24Agus nuair a chuala iadsan seo, thog iad suas a dh’aon inntinn an guth ri Dia, agus thubhairt iad, A Thighearna, is tusa an Dia a rinn nèamh agus talamh#2 Rìgh 19:15, agus an fhairge, agus na h‑uile nithean a tha annta:
25A thubhairt le beul Dhaibhidh do sheirbhiseach#Salm 2:1, 2, Carson a ghabh na Cinnich boil, agus a smaoinich an sluagh nithean dìomhain?
26Sheas rìghrean na talmhainn suas, agus chruinnicheadh na h‑uachdarain an ceann a chèile, an aghaidh an Tighearna, agus an aghaidh a Chrìosd.
27Oir gu fìrinneach chruinnicheadh an ceann a chèile, an aghaidh do leinibh naoimh Iosa, a dh’ung thu, araon Herod agus Pontius Pilat, maille ris na Cinnich, agus sluagh Israeil,
28A dhèanamh gach nì a ro‑òrdaich do làmh agus do chomhairle a bhith air a dhèanamh#Gnìo 3:18.
29Agus a‑nis, a Thighearna, amhairc air am bagraidhean: agus deònaich dod sheirbhisich fhèin d’fhacal a labhairt leis gach uile dhànachd#Gnìo 4:13, 31; Gnìo 14:3; Eph 6:19,
30Led làmh a shìneadh a‑mach a‑chum leighis: agus gum bi comharraidhean agus mìorbhailean air an dèanamh tre ainm do leinibh naoimh Iosa.
31Agus air dhaibh ùrnaigh a dhèanamh, chrathadh an t‑àite anns an robh iad cruinn#Gnìo 2:2, 4; 16:26; agus lìonadh iad uile leis an Spiorad Naomh, agus labhair iad facal Dhè le dànachd#Gnìo 4:29.
32Agus bha aig a’ chuideachd a chreid aon chridhe, agus aon anam#Ròm 15:5, 6; Philip 2:2: agus cha mhò a thubhairt neach air bith dhiubh gum bu leis fhèin aon nì a shealbhaich e; ach bha na h‑uile nithean coitcheann aca#Gnìo 2:44.
33Agus le mòr‐chumhachd#Gnìo 1:8; 1 Tes 1:5 thug na h‑abstoil fianais air aiseirigh an Tighearna Iosa: agus bha mòr‐ghràs orra uile.
34Agus cha mhò a bha aon neach uireasbhaidheach nam measg: oir a mheud is a bha nan sealbhadairean fearainn, no thaighean, air dhaibh an reic, thug iad luach nan nithean a chaidh a reic leo;
35Agus chuir iad aig casan nan abstol e; agus roinneadh e air gach neach a rèir a fheuma#Gnìo 4:37; Gnìo 5:2.
36Agus air do fhearann a bhith aig Ioses den do ghoireadh leis na h‑abstoil Barnabas#Gnìo 11:22‐25 (is e sin, air eadar‐theangachadh, Mac na Comhfhurtachd), Lèbhitheach, dom bu dùthaich Cìprus;
37Reic e e, agus thug e an t‑airgead leis, agus chuir e aig casan nan abstol e.

Currently Selected:

Gnìomharan 4: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in