Philipianaich 2:9-11
Philipianaich 2:9-11 GLD
Air sàillibh sin, thog Dia e dhan àite as àirde, 's thug e dha an t‑ainm a tha os cionn gach ainm eile. 'S mar sin nuair a chluinneas iad an t‑ainm seo aig Iosa tuitidh a h‑uile neach air a ghlùinean, air nèamh 's air thalamh 's a‑measg nam marbh, 'S cuiridh gach teanga an cèill gur e Iosa Crìosd an Tighearna, 's bheir seo glòir do Dhia an t‑Athair.