YouVersion Logo
Search Icon

Marcus 9

9
1'S thuirt e riu, “Gu fìrinneach tha mi ag innse dhuibh gu bheil feadhainn nan seasamh ann an seo nach fhaigh bàs gus am faic iad rìoghachd Dhè 's i air tighinn ann an cumhachd.”
An Cruth-atharrachadh
2Sia làithean an dèidh sin, thug Iosa leis Peadar, Seumas agus Eòin leo fhèin gu beinn àrd 's chaidh an cruth aige atharrachadh man coinneamh. 3Thòisich an t‑aodach aige air dealradh. Bha e cho geal 's nach robh fear-glanadh-aodaich air thalamh a b'urrainn a dhèanamh cho soilleir. 4Fhuair na deisciobail sealladh de dh' Eliah 's de Mhaois 's iad a' còmhradh ri Iosa. 5Thuirt Peadar ris, “A Mhaighistir, nach math dhuinn gu bheil sinn ann an seo. Nach dèan sinn trì àiteachan-fasgaidh, fear dhutsa, fear do Mhaois agus fear eile do dh'Eliah.” 6Cha robh fhios aige dè chanadh e, oir thàinig a leithid a dh'eagal orra.
7Thàinig sgòth gan cuartachadh, 's chuala iad guth ás an sgòth, “Seo Mac mo ghràidh; èisdibh ris.” 8Sheall iad man cuairt san dearbh mhionaid sin, 's chan fhaca iad duine tuilleadh ach Iosa fhèin còmhla riu.
9Nuair a bha iad a' tighinn a‑nuas ás a' bheinn, thug e òrdugh dhaibh gun dad a chunnaic iad innse do neach sam bith gus an èireadh Mac an Duine o na mairbh.
10Ghreimich iad air an fhacal sin, “èirigh o na mairbh”, 's bha iad a' beachdachadh dè bha e a' ciallachadh. 11#Mal 4.5Dh'fhaighnich iad dheth, “Carson a tha na sgrìobhaichean ag ràdh gum feum Eliah tighinn an toiseach?”
12Fhreagair e iad, “Gu cinnteach thig Eliah an toiseach, agus cuiridh e a h‑uile nì air dòigh. Nach eil e sgrìobhte mu Mhac an Duine gum feum e mòran fhulang 's a bhith air a chur suarach? 13Tha mise ag ràdh ruibh gu bheil Eliah air tighinn mar-tha, 's rinn iad ris na thogair iad, mar a chaidh a sgrìobhadh ma dheidhinn.”
Balach le Droch Spiorad air a Leigheas
14Nuair a ràinig iad na deisciobail eile, chunnaic iad sluagh mòr timcheall orra agus sgrìobhaichean a' deasbad riu. 15Cho luath 's a chunnaic iad Iosa, bha na daoine uile air an lìonadh le ioghantas, 's ruith iad thuige a chur fàilte air. 16Dh'fhaighnich e dhiubh, “Dè an deasbad a tha a' dol nur measg?”
17Fhreagair fear dhen t‑sluagh e, “A Mhaighistir, thug mise thugad mo mhac, oir tha droch spiorad ann a tha ga fhàgail balbh. 18Aite sam bith san glac e e, bidh e ga thilgeil air an làr. Bidh an gille a' cur cop a‑mach ás a bheul, a' dìosgail le fhiaclan, 's a' fàs rag. Dh'iarr mi air do dheisciobail an spiorad a chur a‑mach ás, ach bha e thar an comais.”
19Thuirt e riu, “A dhaoine gun chreideamh, dè cho fad 's a dh'fheumas mi a bhith còmhla ruibh? Dè cho fad 's a dh'fheumas mi cur leibh? Thoiribh thugam e.” 20Thug iad am balach thuige.
Nuair a chunnaic an spiorad Iosa, thòisich e a' riasladh a' bhalaich, 's thuit e, a' cur char dheth fhèin air an talamh, 's cop ri bheul. 21Cheasnaich Iosa athair, “Dè cho fad 's a tha e air a bhith mar seo?”
“Tha,” ars esan, “o bha e na leanabh. 22'S iomadh uair a thilg an spiorad dhan uisge 's dhan teine e, 's e a' feuchainn ri mharbhadh. Ach mas urrainn dhutsa rud sam bith a dhèanamh, gabh truas dhinn, 's cuidich sinn.”
23Thuirt Iosa ris, “Mas urrainn dhut! Tha a h‑uile nì comasach dhan duine a chreideas.”
24Anns a' mhionaid dh'eubh athair a' ghille, “Tha mi a' creidsinn, ach cuidich thusa mi a thaobh mo mhì-chreidimh.”
25Nuair a chunnaic Iosa na daoine a' ruith an ceann a chèile, chronaich e an droch spiorad, 's thug e òrdugh dha, “Thusa a tha ga fhàgail balbh agus bodhar, gabh a‑mach ás, 's na rach a‑steach ann tuilleadh.”
26Leig an droch spiorad eubh ás, agus chrath e am balach gu h‑uamhasach. Thàinig e a‑mach ás agus bha an gille cho coltach ri fear a bhiodh marbh 's gun tuirt a' chuid mhòr, “Tha e air bàsachadh.” 27Ach rug Iosa air làimh air, 's e ga thogail, agus sheas am balach air a chasan.
28Nuair a chaidh Iosa a‑steach, dh'fhaighnich a dheisciobail dheth 's iad leo fhèin, “Carson nach b'urrainn dhuinne an droch spiorad a thilgeil a‑mach?”
29Thuirt e riu, “Cha ghabh an seòrsa spioraid seo a chur a‑mach ach le ùrnaigh.”
Iosa a' Bruidhinn a‑rithist mu a Bhàs
30Dh'fhalbh iad ás a sin 's chaidh iad troimh Ghalile. Cha robh Iosa airson gum biodh fhios aig duine sam bith gun robh e ann, 31oir bha e a' teagasg a dheisciobail 's ag ràdh riu, “Bidh Mac an Duine air a thoirt thairis do dhaoine agus marbhaidh iad e. An dèidh dha a bhith air a chur gu bàs, èiridh e a‑rithist an ceann trì là.”
32Cha robh iad a' tuigsinn a theagaisg, 's cha leigeadh an t‑eagal leo a cheasnachadh.
Cò as Motha Inbhe?
33Thàinig iad gu Capernàum. Nuair a bha e san taigh, dh'fhaighnich e dhiubh, “Cò air a bha sibh a' deasbad air an rathad?”
34Cha tuirt iad guth, oir 'se an rud a bha iad a' deasbad, cò am fear aca a bu mhotha inbhe. 35An dèidh dha suidhe, ghairm e thuige an dà fhear dheug 's thuirt e riu, “Ma tha fear sam bith ag iarraidh a bhith air thoiseach, bidh e air dheireadh air càch uile, 's na sheirbhiseach aig càch.” 36Ghabh e an‑uairsin leanabh agus chuir e na sheasamh e nam measg. Chuir e a ghàirdeanan timcheall air agus thuirt e riu, 37“Ma ghabhas duine sam bith ri leanabh nam ainm-sa, tha e a' gabhail riumsa, agus duine sam bith a ghabhas riumsa, chan ann riumsa a tha e a' gabhail, ach ria-san a chuir an seo mi.”
Cò tha leinn?
38Thuirt Eòin ris, “A Mhaighistir, chunnaic sinne fear a' tilgeil a‑mach dhroch spiorad nad ainm-sa, 's chuir sinn stad air, a chionns nach robh e gar leantainn.” 39Ach thuirt Iosa riu, “Na cuiribh stad air idir, oir ma nì duine sam bith mìorbhailean nam ainm-sa, chan urrainn dha aig an aon àm facal olc a ràdh mam dheidhinn. 40Oir an duine nach eil nar n‑aghaidh, tha e leinn. 41Ma bheir duine sam bith deoch uisge dhuibh ri h‑òl nam ainm-sa, a chionns gur ann le Crìosd a tha sibh, gu fìrinneach tha mi ag ràdh ruibh gum bi a dhuais cinnteach dha.
“Geàrr dhiot i”
42“Ma chuireas neach sam bith cnap-starra roimh aon dhen fheadhainn as lugha a tha a' creidsinn annamsa, b'fheàrr dha a bhith air a thilgeil anns a' mhuir agus clach-mhuilinn ma amhaich. 43Ma bheir do làmh ort peacachadh, geàrr dhiot i; 's fheàrr a dhol a‑steach dhan bheatha air aon làimh na a dhol le dà làimh a theine ifrinn, nach gabh a mhùchadh. [44] 45'S mas e do chas a bheir ort peacachadh, geàrr dhiot i; 's fheàrr a dhol a‑steach dhan bheatha air aon chois na dà chois a bhith agad 's a bhith air do thilgeil a dh'ifrinn far nach tèid an teine a mhùchadh. [46] 47'S mas e do shùil a bheir ort peacachadh, spìon asad i; 's fheàrr a dhol a‑steach a rìoghachd Dhè le aon sùil na dà shùil a bhith agad 's a bhith air do thilgeil a dh'ifrinn, 48#Is 66.24far nach bàsaich a' chnuimh a tha gan ithe, 's far nach tèid an teine ás.
49“Oir thèid gach duine a ghlanadh le teine. 50Tha an salann math, ach ma chailleas an salann a shaillteachd, dè shailleas a‑rithist e?
“Biodh buaidh an t‑salainn agaibh annaibh fhèin, agus bithibh beò ann an sìth ri chèile.”

Currently Selected:

Marcus 9: GLD

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in