Ephèsianaich 6
6
Pàrantan is clann
1 #
Col 3.20
A chlann, thoiribh feairt air ur pàrantan, oir tha seo ceart agus mar bu mhath leis an Tighearna. 2#Ecs 20.12; Deut 5.16Tha an àithne ag ràdh, “Thoir urram dhad athair 's dhad mhàthair.” 'S e seo a' chiad àithne le gealladh na cois, agus 's e an gealladh 3“gun soirbhich leat agus gum bi beatha fhada agad anns an tìr.” 4#Col 3.21A phàrantan, na buinibh ri ur pàisdean ann an dòigh a chuireas fearg orra, ach àraichibh iad gu cùramach, gan smachdachadh 's gan teagasg mar bu mhath leis an Tighearna.
Seirbhisich is maighistirean
5 #
Col 3.22-25
A sheirbhisich, bithibh umhail dha na maighistirean a th'agaibh nur n‑obair shaoghalta. Dèanaibh seo le eagal agus le urram, le deagh rùn nur cridhe, mar gum biodh sibh ga dhèanamh do Chrìosd, 6's chan ann a‑mhàin nuair a tha sibh fo aire an sùla, a' feuchainn ri daoine a thoileachadh. Bu chòir dhuibh a bhith mar sheirbhisich do Chrìosd, 's sibh a' strì le ur n‑uile chridhe gus toil Dhè a chur an gnìomh. 7Rachaibh an sàs nur seirbhis gu toileach, is sibh a' saothrachadh air sgàth an Tighearna, 's chan ann air sgàth dhaoine. 8Cuimhnichibh gun toir an Tighearna a dhuais do gach neach airson gach rud math a rinn e, co‑dhiù 's e seirbhiseach no duine saor a th'ann. 9#Deut 10.17; Col 3.25, 4.1A mhaighistirean, buinibh ri ur seirbhisich anns an aon dòigh, 's na bithibh a' maoidheadh orra. Cuimhnichibh gu bheil an aon mhaighistir ann an nèamh agaibh uile, 's nach eil taobh aigesan ri duine seach duine.
An deise-airm
10Anns an dealachadh, tha mi ag iarraidh oirbh sibh fhèin a neartachadh anns an Tighearna le bhith a' cur gu feum an spionnaidh chumhachdaich a bhuineas dhàsan. 11Cuiribh oirbh gach ball dhen deise-airm a tha Dia a' tairgse dhuibh, gus an tèid agaibh air seasamh an aghaidh chuilbheartan olca an Diabhail. 12Oir chan ann ri nàimhdean daonna a tha sinne a' cathachadh, ach ris na droch cumhachdan spioradail a th'anns an t‑saoghal nèamhaidh, na h‑uachdarain, na h‑ùghdarrasan agus na flaithean a tha gu h‑àrd, a' riaghladh na cruinne anns na làithean dorcha seo. 13Mar sin, gabhaibh thugaibh a h‑uile pìos dhen deise-airm a tha Dia a' toirt dhuibh. 'S e seo a bheir an comas dhuibh dùbhlan a thoirt dhan nàmhaid san droch uair, agus a chumas sibh nur seasamh an dèidh dhuibh ur dìcheall a dhèanamh. 14#Is 11.5, 59.17Seasaibh gu daingeann, ma tha, leis an fhìrinn mar bhann ceangailte mu ur meadhon, 's le fìreantachd a' cur dìon air ur broilleach. 15#Is 52.7Gabhaibh Deagh Sgeul na sìthe mar bhrògan air ur casan, agus bheir sin seasamh cinnteach dhuibh. 16Anns gach suidheachadh, cleachdaibh mar sgiath an creideamh a th'agaibh ann an Dia, 's leis an sgiath sin mùchaidh sibh a h‑uile saighead lasrach a thilgeas an Sàtan oirbh. 17#Is 59.17Mar chlogad gabhaibh an t‑slàinte a tha a' tighinn thugaibh o Dhia, agus glacaibh an claidheamh a tha an Spiorad a' toirt dhuibh, oir 's e an claidheamh sin facal Dhè. 18Dèanaibh seo uile 's sibh ag ùrnaigh 's a' sireadh cobhair bho Dhia. Feuch gun cleachd sibh an ùrnaigh aig gach àm a rèir 's mar a bhios an Spiorad gur brosnachadh. Bithibh air ur faiceall gum bi seo daonnan fainear dhuibh, agus na sguiribh a bhith ag ùrnaigh as leth sluagh Dhè gu lèir. 19Bithibh ag ùrnaigh air mo shon-sa cuideachd; iarraibh gun toir Dia facal freagarrach dhomh nuair a bhios mi deiseil gu bruidhinn, 's mar sin gun cuir mi an cèill gun eagal an diamhaireachd a th'air a foillseachadh anns an t‑Soisgeul. 20'S e fear-labhairt a th'annam as leth an t‑Soisgeil, ged a tha mi an dràsda sa phrìosan. Iarraibh air Dia nach bi eagal orm an Soisgeul a shearmonachadh mar bu chòir dhomh.
Beannachdan san dealachadh
21 #
Gniomh 20.4; 2 Tim 4.12 #
Col 4.7-8
Gus am bi fios agaibh ciamar a tha mi 's dè tha mi ris, bheir Tichicus dhuibh mo naidheachd-sa gu lèir. 'S e bràthair gràdhach a th'ann, agus tha e an sàs gu dìleas ann an obair an Tighearna. 22Tha mi ga chur thugaibh a dh'aon ghnothach a dh'innse dhuibh mu ar deidhinn-ne, 's gus ur cridheachan a mhisneachadh.
23Tha mi ag ùrnaigh gum meal na bràithrean Crìosdail uile sìth, gràdh agus creideamh bho Dhia an t‑Athair agus bhon Tighearna Iosa Crìosd. 24'S e mo mhiann gum bi gràs Dhè ann an cridhe gach aon a tha a' toirt gràdh sìorraidh do dh'Iosa Crìosd ar Tighearna.
Currently Selected:
Ephèsianaich 6: GLD
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 1986, 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 1986, 2017