Colosianaich 1:9-10
Colosianaich 1:9-10 GLD
Chan eil sinne, mar sin, a' sgur a dh'ùrnaigh air ur son on chiad là a chuala sinn mur deidhinn. Tha sinn ag iarraidh gum bi sibh air ur lìonadh le fìor eòlas air toil Dhè, 's gum faigh sibh a h‑uile seòrsa gliocais agus breithneachaidh spioradail. 'S e sin a bheir an comas dhuibh a bhith beò ann an dòigh a chuireas urram air an Tighearna, agus a thoil a dhèanamh anns gach nì. 'S e tha bhuainn gum bi urad a thoradh a' tighinn oirbh 's gun dèan sibh a h‑uile obair mhath 's gum bi sibh fhèin a' fàs ann am fìor eòlas air Dia.