Sailm 87
87
1Tha bhunaitean sna slèibhtibh naomh’:
2’S ro-ionmhainneach le Dia
Geatachan Shioin, thar gach àit
a bha aig Iàcob riamh.
3Nithean ro-ghlòrmhor innsear ort,
a chathair àlainn Dhè.
4Rahab is Bàbel cuimhnicheam
don dream don aithne mi;
Gabh beachd air Tìrus mar an ceudn’,
is dùthaich Phalestin,
Maille ri Etiopia:
am fear seo rugadh ’n sin.
5Mu thimcheall Shioin theirear seo,
Am fear seo rugadh fòs,
’S am fear ud innt’; an Tì as àird
socraichidh i air chòir.
6Tràth sgrìobhas Dia le cuimhne mhaith
na fineachan fa leth,
’N sin àirmhidh e gum b’ann an siud
bha ’m fear seo air a bhreith.
7Luchd-seinn nan òran bidh an siud,
luchd innil-ciùil dan rèir:
’S ann annad fhèin, a Dhia nan gràs,
mo thobair tha gu lèir.
Currently Selected:
Sailm 87: SD1826
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
Sailm Dhaibhidh 1826 (le litreachadh ùr 2000)
© Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society) 2000