YouVersion Logo
Search Icon

Sailm 33

33
1O sibhse tha nur fìreanaibh,
biodh aiteas oirbh an Dia:
Oir ’s cubhaidh do na daoinibh còir,
bhith tabhairt cliù don Triath.
2Air clàrsaich thugaibh moladh dha;
is air an t-saltair ghrinn,
Air inneal-ciùil nan teudan deich,
seinnibh do Dhia gu binn.
3Is canaibh dhàsan òran nuadh:
àrd-sheinnibh fonn gun stad.
4Oir ’s ceart a reachd: am fìrinn fòs
tha oibrean dèant’ air fad.
5Is ionmhainn leis-san còir is ceart:
lìon maitheas Dhè gach tìr.
6Rinn facal Dhè na nèamh, ’s an sluagh
rinn guth a bheòil gu lèir.
7Mar thòrr a ta e càrnadh suas
uisge na fairge mòir’:
A’ coimhead fòs na doimhne suas,
gu dìleas an taigh-stòir.
8Nis ro an Tighearna gu mòr
biodh eagal air gach tìr:
Is air na dh’àiticheas an saoghal
biodh fiamh ro ainm gu lèir.
9Oir labhair Dia, is rinneadh e;
dh’òrdaich, is chuir air chois:
10Chuir comhairle nan sluagh air cùl:
is innleachd dhaoin’ air ais.
11Tha comhairle Iehòbhah mhòir
gu seasmhach buan am feasd:
Smaointean a chridhe mar an ceudn’
o linn gu linn gun cheist.
12’S beannaicht’ an cinneach sin ga bheil
mar Dhia Iehòbhah treun:
’S am poball fòs a roghnaich e
mar oighreachd bhuan dha fhèin.
13Air cloinn nan daoine seallaidh Dia,
o nèamh nan speur a-nuas;
14’S lèir dha gach neach sa chruinne-chè,
o ’ionad-còmhnaidh shuas.
15An cridh’ air aon dòigh chumadh leis;
thug e fa-near an gnìomh.
16Cha tèarainn rìgh le meud a shluaigh;
don laoch, neart mòr cha dìon.
17An t-each an còmhraig ’s dìomhain e,
a dhèanamh furtachd leis;
No dhèanamh fuasglaidh ri àm fèim,
ge mòr a lùth ’s a threis’.
18Feuch, sùilean Dè gu furachair
air a luchd eagail fhèin,
Is air an dream sin as a ghràs
nì muinghinn làidir threun:
19An anam chum a dhìon on bhàs,
’s on ghort an cumail beò.
20Ar n-anam feithidh e air Dia;
ar neart, ’s ar sgiath gach lò.
21Oir annsan nì ar cridh’ a-staigh
ùr-ghàirdeachas gun dìth:
Is cuiridh sinn na ainm ro-naomh
ar muinghinn fòs a-chaoidh.
22Do thròcair gu robh oirnn gu caomh,
a Thighearna, gach là,
A rèir mar chuir sinn annad fhèin
ar dòchas treun a-ghnàth.

Currently Selected:

Sailm 33: SD1826

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in