Sailm 133
133
1O feuch, cia mheud am math a-nis,
cia mheud an tlachd faraon,
Bràithrean a bhith nan còmhnaidh ghnàth
an sìth ’s an ceangal caoin.
2Mar ola phrìseil air a’ cheann,
ruith air an fheusaig sìos,
Air feusaig Aaroin, agus shruth
gu iomall ’aodaich rìs.
3Mar dhealt air Hermon, ’s mar an drùchd
air slèibhtibh Shioin shuas;
’N sin dh’òrdaich Dia am beannachadh
a’ bheatha shìorraidh bhuan.
Currently Selected:
Sailm 133: SD1826
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
Sailm Dhaibhidh 1826 (le litreachadh ùr 2000)
© Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society) 2000