YouVersion Logo
Search Icon

Sailm 132

132
1Air Daibhidh dèan-sa cuimhne, Dhè,
’s air ’uile àmhghar geur:
2Mar thug e mionn’ do Dhia, is bòid
do Dhia ud Iàcoib treun,
3Dom thaigh cha tèid mi fhèin a-steach,
no air mo leabaidh suas:
4Dom shùilibh cadal fòs cha leig,
no do mo rosgaibh suain;
5Gu ruig an uair am faigh mi àit
do Dhia Iehòbhah treun,
Is ionad-còmhnaidh bunaiteach
do Dhia ud Iàcoib fhèin.
6Feuch, ann an crìochaibh Ephrata,
do chuala sinn an sgeul;
Air machairibh nan coilltean dlùth,
fhuair sinn e mar an ceudn’.
7Aig stòl a choise sleuchdaidh sinn,
an àros Dhè nam feart.
8Eirich, a Dhè, gud ionad-tàimh;
thu fhèin is àirc do neirt.
9Sgeadaicht’ gu robh do shagairt-sa
a-ghnàth le ionracas;
Is dèanadh do luchd-muinntir naomh
gun tàmh ùr-ghàirdeachas.
10Air sgàth do sheirbhiseach ro-chaomh
Daibhidh don tug thu buaidh,
Aghaidh an tì a dh’ungadh leat,
na cuir air ais gu truagh.
11Do Dhaibhidh mhionnaich Dia gu fìor;
’s cha till e uaith’ am feasd,
Ad chathair-rìoghail cuiridh mi
d’iarmad ’s do shliochd gun cheist.
12Ma nì do chlann mo choicheangal
a choimhead, is mo reachd,
An teist a nì mi theagasg dhaibh,
ma chumar leo gu ceart:
An sliochd-san suidhidh mar an ceudn’
ad chathair-rìgh, gu bràth.
13Oir mhiannaich agus roghnaich Dia
Sion mar ionad-tàimh;
14’S i seo mo thàmh ’s mo shuaimhneas fòs
gu suthainn is gu sìor:
An seo nì mise fàrdach dhomh,
oir ’s i mo mhiann gu fìor.
15Mòr-bheannaicheam a stòr gu pailt;
dìolam a bochd le lòn.
16Le slàint’ a sagairt aodaicheam;
’s a naoimh nì iolach mhòr.
17Bheir mi an sin gu h-ùrar glas
air adharc Dhaibhidh fàs;
Is lòchran dh’òrdaich mi don tì
a dh’ungadh leam tre ghràs.
18Cuartaichidh mi a naimhdean-san
le nàir’ is rudhadh gruaidh:
Ach airsan bidh a choron fhèin
a’ fàs le iomadh buaidh.

Currently Selected:

Sailm 132: SD1826

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in