YouVersion Logo
Search Icon

Sailm 118

118
1O molaibh Dia, oir tha e math,
sìor mhairidh tròcair Dhè:
2Abradh clann Israeil a-nis,
gur buan a ghràs gach rè.
3Taigh Aaroin abradh iad a-nis,
Sìor mhairidh tròcair Dhè.
4Abradh an dream don eagal Dia,
gur buan a ghràs gach rè.
5Am èiginn ghair mi air an Triath:
fhreagair e mi gu deas;
An ionad farsaing agus rèidh
shocraich e mi le treis.
6Tha Dia Iehòbhah air mo chrann;
chan eagal leam a-chaoidh
Aon nì a dh’fhaodas clann nan daoin’
a dhèanamh orm gam chlaoidh.
7Measg luchd mo chuideachaidh tha Dia
a’ seasamh leam gu beachd:
Air luchd mo mhìoruin, uime sin,
chì mi mo mhiann a’ teachd.
8’S fheàrr na bhith ’g earbs’ à duine beò,
ar dòchas chur an Dia.
9’S fheàrr na bhith ’g earbs’ à prionnsaibh mòr’,
ar dòchas chur san Triath.
10Do chuartaich umam air gach làimh
na dùthchannan gu lèir:
Ach sgatham agus sgriosam iad,
an ainm Iehòbhah thrèin.
11Do chuartaich iad mi air gach taobh,
chuartaich iad mise fòs;
Ach sgatham agus sgriosam iad
an ainm Iehòbhah mhòir.
12Mar bheachaibh chuartaich iad, ach chaidh
iad as mar theine dris;
Oir ann an ainm Iehòbhah thrèin
nì mi gu lèir an sgrios.
13Gam leagadh, theann thu orm gu dlùth;
ach chuidich leamsa Dia.
14’S e Dia mo cheòl, ’s mo shlàinte fòs,
is e mo threòir an Triath.
15Guth gàirdeachais is slàinte tha
am pàilleanaibh nan saoi:
Deaslàmh Iehòbhah uile thrèin
fhuaradh gu treubhach i.
16Tha gàirdean deas an Tighearna
air àrdachadh gu mòr;
Is rinneadh beairtean treubhantais
le deaslàimh Dhè na glòir’.
17Chan fhaigh mi bàs, ach maiream beò,
is innseam oibrean Dhè.
18Throm-smachdaich Dia mi, ach gu bàs
cha tug e thairis mi.
19O fosglaibh dhomh gu farsaing rèidh
geatan an ionracais:
Is racham orrasan a-steach;
Iehòbhah molaidh mis’.
20Seo doras Dhè, air ’n tèid a-steach
na daoine còire naomh’.
21Sìor mholam thu, oir chual’ thu mi;
is tu mo shlàinte chaomh.
22A’ chlach a dhiùlt na clachairean,
clach-chinn na h-oisinn i.
23’S e Dia rinn siud, ’s ro-iongantach
nar sùilibh-ne an gnìomh.
24Seo fhèin an là a dh’òrdaich Dia,
sam bi sinn suilbhir ait.
25Fòir, guidheam, guidheam ort, a Dhè;
nis soirbhich leinn gu pailt.
26Beannaicht’ gu robh an neach a thig
an ainm Iehòbhah thrèin:
Thug sinne beannachd oirbhse mach,
à taigh Iehòbhah fhèin.
27’S e Dia Iehòbhah dhealraich oirnn;
ceanglaibh le còrdaibh cruaidh,
Ri adhaircibh na h-altair naoimh,
an ìobairt bheir sibh uaibh.
28’S tusa mo Dhia, is molam thu:
àrdaicheam thu, mo Dhia.
29O molaibh Dia, oir tha e math;
sìor mhairidh gràs an Triath.

Currently Selected:

Sailm 118: SD1826

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in