Sailm 110
110
1Thubhairt Iehòbhah ri mo Thriath,
Bi ’d shuidhe air mo dheis,
D’uil’ eascairdean gun cuir mi dhut
nan stòl fo bhonn do chois’.
2A Sion cuiridh Dia a-mach
slat-shuaicheantais do neirt.
’S am buillsgean d’eascairdean gu lèir
bi fhèin ad uachdaran ceart.
3Bithidh do phoball taghte fhèin
ro-thoileach mar as còir,
San là sin anns am foillsich thu
do chumhachdan gu mòr:
Am mais’ ’s an sgèimh na naomhachd ghrinn,
o bholg na maidne moich,
Mar dhealt a thig a-nuas o nèamh,
tha d’òigridh iomarcach.
4Do mhionnaich Dia Iehòbhah mòr,
’s chan aithreach leis gun d’rinn,
Rèir òrdagh math Mhelchisedeic,
gur sagart thu gach linn.
5An Tighearna ta air do dheis,
trom-bhuailear leis gu garg
Mòr-rìghrean làidir cumhachdach,
san là a lasas fhearg.
6Bheir esan breith measg fhineachan,
lìonaidh gach àit gu fìor
Le corpaibh marbh’: is lotar leis
na h-uachdrain thar gach tìr.
7Is anns an t-slighe òlaidh e,
deoch as na sruthaibh luath’;
Is air an adhbhar ud fa-dheòidh
togaidh e cheann le buaidh.
Currently Selected:
Sailm 110: SD1826
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
Sailm Dhaibhidh 1826 (le litreachadh ùr 2000)
© Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society) 2000