YouVersion Logo
Search Icon

Ròmanaich 16

16
Fàiltean Phearsanta
1Tha mi a' moladh dhuibh ar piuthar Phoibe, searbhanta dhan eaglais ann an Cenchrèa, 2airson 's gun gabh sibh rithe san Tighearna ann an dòigh a tha airidh air na naoimh, agus gun seas sibh leatha ann an ge b' e dè a tha a dhìth oirre uaibh, oir tha i air a bhith na neach‑taice do mhòran, agus dhòmhsa fhèin.
3Cuiribh fàilte air Prisca#16:3 Ainm Greugais eile airson ‘Priscilla’. is Acuila, mo cho‑luchd‑obrach ann an Ìosa Crìosd, 4a chuir an amhaichean fhèin ann an cunnart airson mo bheatha‑sa, dham bheil, chan e a‑mhàin mise, ach eaglaisean nan Cinneach gu lèir a' toirt taing cuideachd.
5Cuiribh fàilte cuideachd air an eaglais san taigh aca.
Cuiribh fàilte air Epenetas as gràdh leamsa, a bha na chiad‑thoradh do Chrìosd ann an Àisia.
6Cuiribh fàilte air Màiri, a th' air obrachadh gu cruaidh air ur son.
7Cuiribh fàilte air Andronichus agus air Iunias, mo luchd‑dàimh agus mo cho‑phrìosanaich. Tha iad cliùiteach am measg nan abstol, agus bha iad ann an Crìosd romhamsa.
8Cuiribh fàilte air Ampliatus, as gràdh leam san Tighearna.
9Cuiribh fàilte air Urbanus, ar co‑obraiche ann an Crìosd, agus air Stachis as gràdh leam.
10Cuiribh fàilte air Apelles, a th' air a dheagh mheasadh ann an Crìosd.
Cuiribh fàilte orrasan a bhuineas do theaghlach Aristobuluis.
11Cuiribh fàilte air Herodion, mo neach‑dàimh.
Cuiribh fàilte orrasan san Tighearna a bhuineas do theaghlach Narcisuis.
12Cuiribh fàilte air Triphena is Triphòsa iadsan a tha nan luchd‑obrach san Tighearna.
Cuiribh fàilte air Persis as gràdh leam, a th' air obair chruaidh a dhèanamh san Tighearna.
13Cuiribh fàilte air Rùfus, taghte san Tighearna; agus a mhàthair, a tha na màthair dhòmhsa.
14Cuiribh fàilte air Asincritus, Phlegon, Hermes, Patrobas, Hermas, is na bràithrean a tha còmhla riutha.
15Cuiribh fàilte air Philologus, Iulia, Nereus agus a phiuthar, is Olimpas, agus còmhla riuthasan na naoimh gu lèir.
16Cuiribh fàilte air a chèile le pòig naoimh.
Tha eaglaisean Chrìosd a' cur fàilte oirbh.
17Tha mi a' cur ìmpidh oirbh, a bhràithrean, an aire a thoirt orrasan a tha a' dèanamh sgaraidhean is ceapan‑tuislidh a tha an aghaidh an teagaisg a dh'ionnsaich sibh; seachnaibh iad. 18Oir chan eil an leithidean sin a' dèanamh seirbheis dhar Tighearna Crìosd, ach dham miannan fhèin, agus le còmhradh mìn is miodal tha iad a' mealladh cridheachan nan neoichiontach. 19Oir tha aithris ur n‑ùmhlachd‑se air tighinn chun na h‑uile, mar sin tha mi a' dèanamh gàirdeachais mur deidhinn, ach tha mi airson 's gum bi sibh glic a thaobh dè a tha math, agus ionraic a thaobh dè a tha olc.
20Brùthaidh Dia na sìthe a dh'aithghearr an Sàtan for casan.
Gun robh gràs ar Tighearna Ìosa còmhla ribh.
21Tha Timòteus, mo cho‑obraiche, a' cur fàilte oirbh; tha agus Lucius is Iàson is Sosipater, mo luchd‑dàimh.
22Tha mise Tertius, a sgrìobh an litir seo, a' cur fàilte oirbh san Tighearna.
23Tha Gaius, a tha a' toirt aoigheachd dhòmhsa 's dhan eaglais gu lèir, a' cur fàilte oirbh.
Tha Erastus, stiùbhard a' bhaile, agus Cuartus, am bràthair, a' cur fàilte oirbh.
24Gu robh gràs ar Tighearna Ìosa Crìosd còmhla ribh uile. Amen.#16:24 Chan eil an rann seo anns na làmh‑sgrìobhainnean as tràithe.
25A‑nis dhàsan a tha comasach air sibhse a stèidheachadh a rèir mo shoisgeul‑sa agus searmonachadh Ìosa Crìosd, a rèir taisbeanadh an dìomhaireachd a bh' air a chumail falaichte airson linntean fada, 26ach a chaidh fhoillseachadh a‑nis agus tro Sgriobtaran nam fàidhean, a chaidh a dhèanamh aithnichte dhan a h‑uile nàisean, a rèir àithne an Dè shìorraidh airson ùmhlachd a' chreideimh – 27do Dhia a tha a‑mhàin glic, gu robh glòir tro Ìosa Crìosd gu sìorraidh. Amen.

Currently Selected:

Ròmanaich 16: ATN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy