YouVersion Logo
Search Icon

Lùcas 20

20
Ùghdarras Ìosa air a Cheasnachadh
1Aon latha, fhad 's a bha Ìosa a' teagasg an t‑sluaigh anns an teampall agus a' searmonachadh an t‑soisgeil, thàinig na h‑àrd‑shagartan agus na sgrìobhaichean, còmhla ri na h‑èildearan, suas thuige. 2Thuirt iad ris, “Innis dhuinn dè an t‑ùghdarras a th' agad airson nan rudan seo a dhèanamh, no cò a thug dhut an t‑ùghdarras seo?”
3Fhreagair esan, “Faighnichidh mise ceist dhuibhse cuideachd. Innsibh dhomh: 4an ann o nèamh no o dhaoine a bha baisteadh Eòin?”
5Agus rinn iad deasbad nam measg fhèin, ag ràdh, “Ma chanas sinne, ‘O nèamh,’ canaidh esan, ‘Carson nach do chreid sibh e?’ 6Ma chanas sinn, ‘O dhaoine,’ clachaidh an sluagh uile sinn, oir tha iad deimhinnte gum b' e fàidh a bh' ann an Eòin.”
7Mar sin fhreagair iadsan nach robh fhios aca cò às a bha e.
8Agus thuirt Ìosa riutha, “Cha mhotha a dh'innseas mise dhuibhse dè an t‑ùghdarras a th' agamsa airson nan rudan seo a dhèanamh.”
Cosamhlachd nan Droch Thuathanach
9Agus thòisich e air a' chosamhlachd seo innse dhan t‑sluagh: “Chuir duine fìon‑lios, agus thug e air mhàl do thuathanaich e agus dh'fhàg e an dùthaich airson ùine mhòir. 10Aig an àm cheart chuir e seirbheiseach gu na tuathanaich airson 's gun toireadh iad dha cuid de thoradh an fhìon‑lios. Ach dhochainn na tuathanaich e agus chuir iad uapa falamh e. 11Chuir e seirbheiseach eile a‑mach, ach dhochainn iad esan cuideachd agus làimhsich iad gu maslach e agus chuir iad uapa falamh e. 12Agus chuir e an treas fear a‑mach, ach leòn iad am fear seo cuideachd is thilg iad a‑mach e.
13“An uair sin thuirt am fear leis an robh am fìon‑lios, ‘Dè a nì mi? Cuiridh mi mo mhac gràdhach thuca; 's dòcha gun toir iad urram dhàsan.’
14“Ach nuair a chunnaic na tuathanaich e, thuirt iad nam measg fhèin, ‘Is e seo an t‑oighre. Marbhamaid e airson 's gum bi an oighreachd againn fhèin.’ 15Mar sin thilg iad a‑mach às an fhìon‑lios e agus mharbh iad e.
“Dè an uair sin a nì am fear leis an robh am fìon‑lios riutha? 16Thig e agus sgriosaidh e na tuathanaich seo agus bheir e am fìon‑lios do dhaoine eile.”
Nuair a chuala iad seo, thuirt iad, “Na tachradh e gu bràth!”
17Ach choimhead e gu dìreach orra, agus thuirt e, “Mar sin, dè mu dheidhinn an rud seo a tha sgrìobhte:
“‘A' chlach a dhiùlt na clachairean,
chaidh ceann an oisein a dhèanamh dhith’#Salm 118:26?
18“A h‑uile neach a thuiteas air a' chloich sin, thèid a bhriseadh na phìosan beaga; ach ge b' e air an tuit i, pronnaidh i e.”
19Dh'iarr na h‑àrd‑shagartan agus na sgrìobhaichean an làmhan a chur air aig an àm sin fhèin ach bha eagal an t‑sluaigh orra, oir thuig iad gum b' ann nan aghaidh fhèin a dh'abair e a' chosamhlachd seo.
A' Pàigheadh Chìsean do Chèasar
20Chùm iad sùil gheur air; chuir iad a‑mach faireadairean, a' leigeil orra gun robh iad fìrinneach, airson 's gun glacadh iad na chainnt e, gus an toireadh iad thairis e do chumhachd agus ùghdarras an riaghladair. 21Agus dh'fhaighnich iad dha, “Fhir‑Teagaisg, is aithne dhuinn gu bheil thu a' bruidhinn 's a' teagasg gu ceart, agus nach eil thu a' gabhail suim de choltas dhaoine ach a' teagasg slighe Dhè ann am fìrinn. 22A bheil e laghail dhuinne cìs a thoirt do Chèasar no nach eil?”
23Ach thug e fa‑near an seòltachd, agus thuirt e riutha, 24“Seallaibh bonn airgid dhomh. Cò leis a tha an coltas agus an sgrìobhadh a th' air?”
Fhreagair iadsan, “Le Cèasar.”
25Thuirt esan riutha, “Mar sin, thugaibh do Chèasar na rudan a tha le Cèasar, agus do Dhia na rudan a tha le Dia.”
26Cha b' urrainn dhaibh a ghlacadh tro na briathran aige mu choinneamh an t‑sluaigh. Ach, a' gabhail iongnadh mun fhreagairt aige, dh'fhàs iad sàmhach.
Pòsadh anns an Aiseirigh
27Agus thàinig cuid dhe na Sadusaich thuige, a tha ag ràdh nach eil aiseirigh ann, 28agus cheasnaich iad e, ag ràdh, “Fhir‑Teagaisg, sgrìobh Maois dhuinne nam bàsaicheadh bràthair duine is gum fàgadh e bean, ach gum biodh e gun chlann, gun gabhadh a bhràthair a bhean thuige fhèin, agus gun togadh e sliochd dha bhràthair. 29A‑nis bha seachdnar bhràithrean ann. Agus ghabh a' chiad fhear bean agus chaochail e gun chlann, 30agus an dara fear, 31agus ghabh an treas fear i, agus anns an aon dòigh dh'fhàg an t‑seachdnar uile i gun chlann, agus chaochail iad. 32Mu dheireadh, chaochail am boireannach cuideachd. 33Mar sin, anns an aiseirigh, cò aca aig am bi i mar bhean? Oir bha i aig an t‑seachdnar mar bhean.”
34Agus thuirt Ìosa riutha, “Tha clann na linn seo a' pòsadh agus air an toirt ann am pòsadh, 35ach iadsan a tha air am meas airidh air an linn ud fhaighinn agus an aiseirigh o na mairbh, chan eil iad a' pòsadh no air an toirt ann am pòsadh. 36Oir cha chaochail iad a‑chaoidh, on a tha iad coltach ri ainglean, agus tha iad nan clann do Dhia agus tha iad nan clann dhan aiseirigh. 37Ach a thaobh togail nam marbh, sheall Maois fhèin seo dhuinn anns a' chunntas mun phreas, nuair a ghabh e air an Tighearna ‘Dia Abrahàim agus Dia Ìsaaic agus Dia Iàcoib.#Ecs. 3:638A‑nis, chan e Dia nam marbh a th' ann ach nam beò, oir dhàsan tha na h‑uile beò.”
39An uair sin fhreagair cuid dhe na sgrìobhaichean, “Fhir‑Teagaisg, is math a bhruidhinn thu!” 40Oir cha robh de dhànadas aca ceist sam bith a chur air tuilleadh.
Cò dha a Tha Crìosd na Mhac?
41An uair sin thuirt Ìosa riutha, “Ciamar as urrainn dhaibh a ràdh gur e Crìosd mac Dhaibhidh? 42Oir tha Daibhidh fhèin ag ràdh ann an leabhar nan Salm:
“‘Thuirt an Tighearna rim Thighearna:
Suidh aig mo dheas‑làimh
43gus an cuir mi do nàimhdean
nan stòl fod chasan.’#Salm 110:1
44“Tha Daibhidh mar sin a' gabhail ‘Tighearna’ air. Ciamar mar sin a tha e na mhac dha?”
Rabhadh an Aghaidh Luchd‑Teagaisg an Lagha
45An uair sin thuirt e ri a dheisciobail ann an èisteachd an t‑sluaigh gu lèir, 46“Bithibh air ur faiceall o na sgrìobhaichean, leis an toigh l' a bhith a' coiseachd mun cuairt ann an culaidhean fada agus leis am miann fàilte fhaighinn anns na margaidhean, agus na prìomh chathraichean fhaighinn anns na sionagogan, agus na h‑àiteachan urramach fhaighinn aig na cuirmean, 47a tha ag ithe suas taighean bhanntrach, agus airson leigeil orra nì iad ùrnaighean fhada. Gheibh iad sin an dìteadh as motha.”

Currently Selected:

Lùcas 20: ATN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in