YouVersion Logo
Search Icon

Eòin 20

20
An Tuam Falamh
1A‑nis air a' chiad latha dhen t‑seachdain thàinig Màiri Magdalen chun an tuaim, tràth sa mhadainn, fhad 's a bha i fhathast dorcha, agus chunnaic i gun robh a' chlach air a toirt air falbh on tuam. 2Mar sin ruith i agus thàinig i gu Sìmon Peadar, agus an deisciobal eile a bu ghràdhach le Ìosa, agus thuirt i riutha, “Tha iad air an Tighearna a thoirt leotha às an tuam, agus chan eil fios againn càit an do chuir iad e.”
3Mar sin chaidh Peadar a‑mach agus an deisciobal eile, agus bha iad a' dol chun an tuaim. 4Agus bha an dithis aca a' ruith còmhla, ach ruith an deisciobal eile na bu luaithe na Peadar, agus thàinig e chun an tuaim an toiseach. 5Agus a' cromadh sìos is a' coimhead a‑steach, chunnaic e na stiallan anairt nan laighe an sin, ach cha deach e a‑steach. 6An uair sin thàinig Sìmon Peadar ga leantainn agus chaidh e a‑steach dhan tuam. Chunnaic e na stiallan anairt nan laighe an sin, 7agus an clò‑aodainn a bh' air a cheann, chan ann na laighe còmhla ris na stiallan anairt, ach air leth air fhilleadh ann an aon àite. 8An uair sin chaidh an deisciobal eile, a bh' air tighinn an toiseach chun an tuaim, cuideachd a‑steach agus chunnaic is chreid e. 9Oir cha do thuig iad fhathast an Sgriobtar, gum feumadh esan èiridh o na mairbh.
Ìosa a' Nochdadh ri Màiri Magdalen
10An uair sin chaidh na deisciobail air ais gu an dachaighean fhèin, 11ach sheas Màiri a' caoineadh, air taobh a‑muigh an tuaim, agus fhad 's a bha i a' caoineadh chrom i sìos airson coimhead a‑steach dhan tuam. 12Agus chunnaic i dà aingeal ann an geal nan suidhe far an robh corp Ìosa air laighe, aon aig a' cheann, agus aon aig na casan.
13Agus thuirt iadsan rithe, “A bhoireannaich, carson a tha thu a' caoineadh?”
Thuirt i, “A chionn 's gun tug iad air falbh mo Thighearna, agus nach eil fios agam càit an do chuir iad e.” 14Nuair a thuirt i seo, thionndaidh i mun cuairt agus chunnaic i Ìosa na sheasamh, ach cha do dh'aithnich i gum b' e Ìosa a bh' ann.
15Thuirt Ìosa rithe, “A bhoireannaich, carson a tha thu a' caoineadh? Cò a tha thu a' lorg?”
A' smaoineachadh gum b' e an gàirnealair a bh' ann, thuirt i ris, “A thighearna, ma thug thusa leat e, innis dhòmhsa càit an do chuir thu e, agus bheir mise air falbh e.”
16Thuirt Ìosa rithe, “A Mhàiri.”
Thionndaidh ise agus thuirt i ris ann an Eabhra, “A Rabòni!” (a tha a' ciallachadh ‘Fhir‑Teagaisg’).
17Thuirt Ìosa rithe, “Na cùm grèim orm, oir cha deach mi fhathast suas gum Athair. Ach thalla gu mo bhràithrean agus can riutha, ‘Tha mise a' dol suas gum Athair‑sa agus gu ur n‑Athair‑se, agus gu mo Dhia‑sa agus ur Dia‑se.’”
18Dh'fhalbh Màiri Magdalen agus dh'innis i dha na deisciobail, “Chunnaic mi an Tighearna,” agus gun tuirt e na rudan seo rithe.
Ìosa a' Nochdadh ri na Deisciobail
19Mar sin, air feasgar an latha sin fhèin, air a' chiad latha dhen t‑seachdain, agus na dorsan dùinte far an robh na deisciobail air eagal nan Iùdhach, thàinig Ìosa agus sheas e nam measg, agus thuirt e riutha, “Sìth dhuibh!” 20Agus nuair a bha e air sin a ràdh, sheall e dhaibh a làmhan agus a chliathaich. An uair sin bha aoibhneas air na deisciobail nuair a chunnaic iad an Tighearna.
21Mar sin thuirt Ìosa riutha a‑rithist, “Sìth dhuibh! Mar a chuir an t‑Athair a‑mach mise, mar sin tha mise cuideachd gur cur‑se a‑mach.” 22Agus nuair a thuirt e seo, shèid e orra, agus thuirt e riutha, “Gabhaibh‑se an Spiorad Naomh. 23Ma bheir sibh mathanas pheacaidhean do neach sam bith, tha iad air am mathadh; ma chumas sibh air ais e, tha e air a chumail air ais.”
Ìosa a' Nochdadh ri Tòmas
24Ach cha robh Tòmas (ris an canar Didimus#20:24 A' ciallachadh “Càraid” no “Leth‑Chàraid”), aon dhen dà fhear dheug, còmhla riutha nuair a thàinig Ìosa. 25Mar sin thuirt na deisciobail eile ris, “Chunnaic sinne an Tighearna.”
Ach thuirt esan riutha, “Mura faic mise làrach nan tàirnean na làmhan, agus mura cuir mi mo chorrag ann an làrach nan tàirnean, agus mura cuir mi mo làmh na chliathaich, cha chreid mi.”
26Ochd latha às dèidh sin, bha na deisciobail a‑rithist a‑staigh, agus bha Tòmas còmhla riutha. Ged a bha na dorsan glaiste, thàinig Ìosa agus sheas e nam measg, agus thuirt e, “Sìth dhuibh.” 27An uair sin thuirt e ri Tòmas, “Cuir do chorrag an seo, agus seall air mo làmhan. Sìn do làmh a‑mach an seo agus cuir nam chliathaich i. Na bi mì‑chreidmheach ach creidmheach.”
28Fhreagair Tòmas e, “Mo Thighearna agus mo Dhia.”
29Thuirt Ìosa ris, “A bheil thu air creidsinn a chionn 's gum faca tu mi? Is beannaichte an fheadhainn nach fhaca, ach a chreid.”
An t‑Adhbhar airson Soisgeul Eòin
30Oir tha mòran de chomharraidhean mìorbhaileach eile ann a rinn Ìosa am fianais a dheisciobal nach eil sgrìobhte anns an leabhar seo. 31Ach tha iad seo sgrìobhte airson 's gun creideadh sibh gur e Ìosa an Crìosd, Mac Dhè, agus tro bhith a' creidsinn, gum biodh beatha agaibh na ainm‑san.

Currently Selected:

Eòin 20: ATN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in