Eòin 17
17
Ìosa ag Ùrnaigh gum Bi e air a Ghlòrachadh
1Nuair a bha Ìosa air na rudan seo a ràdh, sheall e suas gu nèamh agus thuirt e,
“Athair, thàinig an uair. Glòraich do Mhac, airson 's gun glòraich do Mhac thusa. 2Oir thug thu ùghdarras dha thairis air gach feòil, airson 's gun toireadh e a' bheatha shìorraidh dha na h‑uile a thug thu dha. 3Agus is i seo a' bheatha shìorraidh, gum biodh eòlas aca ortsa an t‑aon Dia fìor, agus airsan a chuir thu a‑mach, Ìosa Crìosd. 4Ghlòraich mise thusa air thalamh, às dèidh dhomh an obair a choileanadh a thug thu dhomh ri dhèanamh. 5Agus a‑nis, Athair, glòraich thusa mise cuide riut fhèin leis a' ghlòir a bha agam còmhla riut mun robh an saoghal ann.”
Ìosa ag Ùrnaigh airson a Dheisciobail
6“Dh'fhoillsich mise d' ainm dha na daoine a thug thu dhomh a‑mach às an t‑saoghal. B' ann leatsa a bha iad agus thug thu dhòmhsa iad agus chùm iad d' fhacal. 7A‑nis tha fios aca gur ann uatsa a tha a h‑uile rud a thug thu dhòmhsa. 8Oir tha mi air na briathran a thug thusa dhomh a thoirt dhaibh, agus tha iad air an sealbhachadh agus air tighinn gus a bhith a' tuigsinn, ann am fìrinn, gun tàinig mi uatsa, agus tha iad air creidsinn gur tusa a chuir a‑mach mi. 9Tha mi ag ùrnaigh air an son‑san. Chan eil mi ag ùrnaigh airson an t‑saoghail, ach air an son‑san a thug thu dhomh; oir is ann leatsa a tha iad. 10Is ann leatsa a tha a h‑uile rud as leamsa, agus is ann leamsa a tha na rudan as leatsa, agus tha mi air mo ghlòrachadh annta. 11Chan eil mise tuilleadh anns an t‑saoghal, ach tha iadsan anns an t‑saoghal, agus tha mise a' tighinn thugadsa. Athair naoimh, cùm iadsan nad ainm, a tha thu air a thoirt dhòmhsa, airson 's gum faod iad a bhith nan aon mar a tha sinne. 12Fhad 's a bha mise còmhla riutha, chùm mi iad nad ainm‑sa, a tha thu air a thoirt dhomh. Tha mi air an gleidheadh, agus cha deach aon dhiubh a chall ach mac an sgrios, airson 's gum biodh an Sgriobtar air a choileanadh.
13“Ach a‑nis tha mi a' tighinn thugadsa, agus tha mi ag ràdh nan rudan seo anns an t‑saoghal, airson 's gum faod m' aoibhneas a bhith air a choileanadh annta fhèin. 14Tha mi air d' fhacal a thoirt dhaibh, agus bha fuath aig an t‑saoghal dhaibh a chionn 's nach ann dhen t‑saoghal a tha iad, dìreach mar nach eil mise dhen t‑saoghal. 15Chan eil mi ag iarraidh gun toir thu às an t‑saoghal iad, ach gun cùm thu iad on aon a tha olc.#17:15 No “on olc” 16Chan eil iadsan dhen t‑saoghal, dìreach mar nach eil mise dhen t‑saoghal. 17Naomhaich iad anns an fhìrinn; is e d' fhacal‑sa an fhìrinn. 18Mar a chuir thusa mise a‑steach dhan t‑saoghal, mar sin chuir mise iadsan a‑steach dhan t‑saoghal. 19Agus air an son‑san tha mise gam naomhachadh fhèin, airson 's gum bi iadsan cuideachd air an naomhachadh ann am fìrinn.”
Ìosa ag Ùrnaigh airson a h‑Uile Creidmheach
20“Chan eil mi ag ùrnaigh air an son‑san a‑mhàin, ach cuideachd airson nam feadhna sin a chreideas annamsa tro am facal‑san, 21airson 's gum bi iad uile nan aon; dìreach mar a tha thusa, Athair, annamsa, agus mise annadsa, gum bi iadsan cuideachd annainne, airson 's gun creideadh an saoghal gun do chuir thusa a‑mach mi. 22Thug mise dhaibhsan a' ghlòir a thug thusa dhòmhsa, airson 's gum faod iad a bhith nan aon mar a tha sinne nar n‑aon. 23Mise anntasan, agus thusa annamsa, airson 's gun tigeadh iad gus a bhith nan aon gu coileanta, airson 's gun urrainn fios a bhith aig an t‑saoghal gun do chuir thusa a‑mach mi agus gun do ghràdhaich thu iadsan mar a ghràdhaich thu mise.
24“Athair, is miann leam cuideachd gum biodh iadsan a thug thu dhomh còmhla rium far a bheil mise, airson 's gum faiceadh iad mo ghlòir a tha thusa air a thoirt dhomh a chionn 's gun do ghràdhaich thusa mi mus deach bunaitean an t‑saoghail a stèidheachadh.
25“O Athair ionraic, fiù 's ged nach aithne dhan t‑saoghal thusa, is aithne dhòmhsa thu, agus is aithne dhan fheadhainn seo gun do chuir thusa a‑mach mi. 26Dh'fhoillsich mise d' ainm dhaibh, agus cumaidh mi orm ga fhoillseachadh, airson 's gum bi an gràdh leis an do ghràdhaich thu mise anntasan, agus mise annta.”
Currently Selected:
Eòin 17: ATN
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017
© Scottish Bible Society 2017